Maise Gnuis
Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH
Có te bheag tha danns’ air an làr?
Tha bean-na-bainnse, tha bean-na-bainnse . . . .
’S t-samhradh bithidh móran dhe ’n òigridh a’ coimhead ri pòsadh– –a’ dol air thigheadas dhaibh péin—fear is bean is beatha ùr. Ach mun tachair so feumaidh sinn latha-na-bainnse—latha mór dha na boireannaich.
Bithidh ùpraid is ullachadh ann an tigh-na-bainnse fad seachdainean roimh’n latha mhór ach feuch gum bi bean-na-bainnse ga deasachadh fhéin cuideachd os gum bi i a’ coimhead math. Feumaidh i saothair a ghabhail ri craiceann.
Dh’ innis mi mar thà dhuibh ciamar a tha còir so a dhèanamh eadar glanadh is biadhadh agus mar sin cumaidh mi ri Maise-Gnùis airson latha-na-bainnse.
Cuir on a’ Mhaise-Gnùis gu math aotrom ach cuimhnich gum feum e maireachdainn greis mhór de ’n latha.
1. Glan an craiceann agus an sin cuir air cungaidh-ùrachaidh.
2. Cuir suathadh beag de chungaidh-taiseachd air d’ aodann agus t’ amhaich.
3. Suath an sin phùdar is cungaidh-stéidh còmhla air t’ aodann air fad agus air t’ amhaich.
4. Tagh dath-sùilean freagarrach agus ’se fear soilleir as fheàrr le gùn geal. Cuir sgrìob de pheansail soilleir cuideachd dìreach os cionn nan ruisg.
5. Ma tha thu bàn san aghaidh cuir suathadh dath air do ghruaidhean—àrd air do ghruaidh agus a-mach chun an taobh.
6. Cuir a nis phùdar-cruaidh air t’aodann, do shùilean agus t’amhaich.
7. Dath-bhilean—Faic gum bi an dath-bhilean agus an dath-ìnean dhe ’n aon seòrsa. Cuir ort an dath-bhilean le bruis agas na suath idir e an déidh a chur ort.
8. A nis faigh pàipear-tana agus srad cungaidh-ùrachaidh air. Cuir sin gu socair air t’ aodann air fad, agus fàg airson greiseag bheag e. Bheir so soillse dha d’ aodann agus mairidh a’ Mhaise-Ghnùis móran nas fhaide.
9. Feumaidh tu Fàile-cùbhraidh agus bithidh tu deiseil. Feuch Muguet du Bois.
Nuair a bhitheas Maise-Gnùis air a chleachdadh gu sgileil, an nighean air a sgeadachadh ann an gùn àlainn, agus toileachas ’na cridhe, chan urrainn nach bi bean-na-bainnse briagha.
title | Maise Gnùis |
writers | Elizabeth Munro |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 51 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |