FASANAN URA
Tha mi creidsinn gum bheil tè no dhà agaibh a’ bruidhinn air pòsadh air an t-samhradh so agus mar sin a’ toirt sùil air dreasaichean bainnseadh. Chunnaic mi an fheadhainn bhriagha so ann an CLAIRE, aig Charing Cross ann an Glaschu far am bheil rùm farsainn aca air a chur air leth do bhean-na-bainnse agus do a luchd cuideachaidh . . . Gheibh i dreas ann dhi fhéin agus dha’n mhaighdean agus dha màthair cuideachd. Faodaidh tu fad an fheasgair a thoirt ann agus bheir iad ugad tea ann an cupanan grinn.
[Dealbh]
Dreas-bainnse goirid. Tha an t-seacaid air a dèanamh de ròsanlace guipureagus nuair a bheir thu dhìot i tha dreas agad a bhios feumail airson dannsaichean is a leithid a rithist.
Tha an gùn so air a dhèanamh de shìoda sleamhainn(satin)aguslace guipure.
A’ phrìs - - £26 10/-
[Dealbh]
Gùn eireachdail sìoda le obair-ghréis St. Gall air.
A’ phrìs - - £29 .12 .6
Mar a bheil e comasach dhut a’ bhùtha ruighinn, cuir uca do thomhas, can riutha gum faca thu an dreas ann an Gairm agus cuiridh iad ugad e.
C. C. D.
title | Fasanan Ura |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | C.C.D. in Gairm 51 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |