A’ Cruachadh na Monadh
Le CAIRISTIONA DICK
BHA mi coimhead air seann dealbhanan an latha roimhe agus ’na measg bha feadhainn a bh’ air an tarraing as a’ bheinn nuair a bha sinn ris a’ mhònaidh. Thug so m’inntinn air ais agus shaoil leam gur ann a bha mi ris an obair a rithist.
Bha Màiri is Peigi air an cois tràth an lath’ ud a’ deanamh fuinne na beinne is bhiodh braidseal mór teine ás a stobh nuair a dh’ éireamaid. Cha robh sinne—mi-fhéin is Lachaidh is Iain—ach beag aig an àm agus cha robh Uilleam deònach gu falbhamaid còmhla riutha—cha bhiodh annainn ach dragh. Ach mar a b’ àbhaist bha co-fhaireachdainn aig mo sheanair rinn agus thuirt e,
“Na creutairean, leig air falbh iad.”
Dh’ fheuchadh e ri shùil a bhriobadh ruinn is bhiodh na dhà a’ dùnadh is bheireadh so oirnn tòiseachadh ri gàireachdaich is e radha,
“Lìonaidh iad na caorain dhuit.”
Chanadh Uilleam,
“Huh! Chì sinn dé na caorain a thogas iad.”
Ach bha cead againn.
Bha Earchaidh a nis air tighinn a-nall ás an t-Seana-Bhaile agus dh’ eubh Uilleam a-mach air na gillean gus gun cuireadh iad an searrach a-stigh oir bha an t-astar ro fhada dha dhol chun nam puill. Sin far an robh ’n obair oir bha an searrach cho feumach air falbh ’s a bha sinn fhéin. Bha e ruideineachd thall ’s a-bhos is cuideigin aig gach oisean ga thilleadh. Mu dheireadh bha e dùinte as an stabull is bhaVestaair a cur dha ’n chairt.
Thòisich sinn ri luchdadh na cartadh—pocannan gu leòr—cuimhnichibh air na caorain—an coire dubh, pàipearan agus seana-mhòine airson an teine, bascaid làn chupanan is bascaid eile làn bithidh. ’Se mo sheanamhair a bha deisealachadh so—aran flùir, pancakes , rockcakes,aranmixturedo dh’ Uilleam, ìm, mulchag-chàise, cnoganjam, botal bainne, puicean siùcar is puicean tea. Bha na peilichean bainne ri falbh cuideachd oir bha Màiri is Peigi a’ bleoghain a’ chruidh anns a’ gheàrraidh air an rathad dhachaidh. Bha Màiri Màrgat air tighinn a nis is peil aice fhéin air a gaoirdean.
“Mach sibhse, ma tha, a chlann,” arsa mo sheanamhair, “agus feuch gun cùm sibh air falbh o chasan na làiridh.”
Chaidh an fheadhainn mhóra dha ’n chairt agus dh’ fhalbh sinne nar ruith rompa. Bha cus luchd air an làir agus co-dhiù bha sinne ag iarraidh greis a’ cluichd anns a Linne Mhóir mu ruigeadh iad sinn.
Suas leathad a’ gheàrraidh bha an rathad cho cas agus gu feumadh a h-uile duine coiseachd. Ràinig sinn an sin Locha an Fhaing far an tug sinn greis eile air cluichd—ged nach do chòrd so ris an iasgair a bha ’na chrùbadan ris a’ chreig.– –Mo thogair, ’se Sasunnach a bhiodh ann.
Bha a’ ghrian air fàs gu math teth nuair a ràinig sinn na puill. Bha fraoch a’ deàrrsadh air na grobain agus greollain a’ bìgeil ’na mheasg. Leig Uilleam ás an làir agus thòisich an obair—mi-fhéin ’s na gillean as an ìochdar a’ caitheadh suas na fàdan; Màiri is Peigi is Mairi Màrgat a’ lìonadh nam pocannan: Uilleam is Earchaidh is na pocannan air a muin a-null ’s a-nall o’n pholl chun a rathaid a’ cruachadh. Cha mhór nach robh muinntir a’ bhaile uile anns a’ bheinn a’ gabhail cothrom air an t-sìde agus chluinneadh tu éibh is gàire an dràsda is a rithist ach cha robh duin’ aca cho math gu gàireachdaich ri Mairi Màrgat. Bha gàir’ aice cho cridheil is cha b’ urrainn do dhuine sam bith a bhith mì-shunndach ’na cuideachd.
Mu dheireadh bha h-uile fàd air a thogail far a’ phuill so—ged a bha caorain gu leòr air fhathast—agus bha sinn feumach air gréim bithidh.
“Leigidh sinn anail ma tha,” thuirt Uilleam agus thòisich e ri togail an teine. Thug na boireannaich a-mach am biadh agus dh’ fhalbh sinne le siuga a lìonadh a’ choire. Nuair a thill sinn bha an teine a’ gabhail gu math agus cha b’ fhada gus an robh sinn a’ lìonadh nan cupanan– –chan eil deoch air an t-saoghal cho math ri tea air a dèanamh le uisge ruadh na beinne. Bha ’n t-acras gar tolladh is dh’ ith sinn is dh’ ith sinn gun ghuth aig duine airson greiseag ach mu dheireadh thòisich na gillean,
“Chunna mise cearc-fhraoich.”
“Chunna mise dhà.”
“Huh! Chunna mise cailleach-oidhche.”
“Tha thusa breugach. Ciamar a chitheadh tu cailleach-oidhche ’s a latha geal ann.”
“Earchaidh, am faca tu riamh fiadh? Tha mise a’ dol dha ’n Bheinn Dhubh fiach am faic mi fear.”
Bha mi-fhéin a’ coimhead sìos air a Locha Bheag is i air a cómhdach le duilleagan-bàite is na dìtheanan briagha a’ seòladh gu socair ’na lùib. Leis cho domhainn ’s a bha an locha cha robh chridh againn a dhol ’na gaoth ach bha an sealladh cho buaireasach agus nuair a thòisich na fireannaich ri smochdadh shaoil leam gun robh an aire dhìom; thòisich mi ri liùgadh sìos chun na locha. Bha mi dìreach gu bhith shìos ’s a’ sìneadh a-mach mo làimh cho fad ’s a rachadh i nuair a dh’ éibh fear dhe na gillean grod ’s a bheul air a ghualainn,
“Seall ise, seall ise, tha i aig an locha.”
“Nighean na mollachd! Till ás a sin. Bheil thu iarraidh crìoch a chur ort fhéin!”
’S bha Uilleam ’na leum a-bhos gam shlaodadh air ais mun d’ fhuair mi fiù ’s aon dìthean.
Bha h-uile duine nis air an cois gus tilleadh ris an obair is bha Earchaidh a’ ràdh,
“Siuthadaibh fhearaibh! Chan obraich Clann Dòmhnaill gu faigh iad am biadh.”
So facal a bhiodh aige an còmhnaidh ged nach robh mi fhéin a’ faicinn ciall sam bith ann. Bha mo bhrù cho làn is nach iarrainn an còrr ach sìneadh as a’ ghréin, chan e cromadh ás an ìochdar a rithist is bha na caorain a bha sud ri ’n cruinneachadh cuideachd. Ach bha càch ag aontachadh leis. ’S dòcha gun robh barrachd de smior Chlann Dòmhnaill anns na cràmhan acasan.
Thòisich sinn a rithist co-dhiù, ach ’s mór mo bharail nach robh Clann Dòmhnaill cho sunndach ’s bha iad a’ leigeil orra. Bha na gillean a’ coiseachd air am fiaradh gu socair is na fòid a bha tighinn ás an ìochdar a’ sìor fhàs gann, gus mu dheireadh stad iad uile gu léir agus na seòid air a dhol ás an t-sealladh air cùl cnuic. ’Se an damh-donn a bh’ air an aire nis.
Bha mi fhéin fhathast is mo shùil air na duilleagan-bàite. Chunnaic Màiri mar a bha mi air mo bhuaireadh agus thuirt i ann a sanais,
“Dean thusa air do shocair agus gheibh mise dìtheanan dhuit nuair a bhios sinn deiseil.”
Bha na cruachan ri taobh an rathaid a neist a’ fàs lìonmhor gus mu dheireadh, aig ciaradh an fheasgair, thòisich cairt is cairt air tilleadh gu baile.
Nuair a nochd sinn aig mullach a’ gheàrraidh bha na tighean gu seasgair fa chomhair ar sùil is ceò ag éirigh gu dìreach ás gach similear. Bha an cuan a’ sìneadh a-mach cho fad ’s a chitheadh sealladh ’s bha a’ ghrian a’ dol fodha air cùl Bhàlaidh. Bha an crodh aig a’ chachaileith a’ cnàmh an cìre.
Fhad ’s a bha Màiri a’ bleoghainn bha i ’g innse stòiridh dhomh mu na sìdhichean a bha fuireach anns a’ chnoc is mise ’nam shuidhe air an fheur gu tuiteam ’nam chadal ’s làn mo dhùirn agam de dhìtheanan nan duilleagan-bàite.
Nuair a ràinig sinn an tigh bha am bòrd air a sheiteadh ’s dh’ fhairich mi àileadh strùpain a’ ròsladh air an stòbh. Bha mo sheanamhair air a bhith air an oitir fhad ’s a bha sinn air falbh. Bha dùil agam anns a’ bheinn gu robh mo bhrù cho làn ’s nach ithinn gréim tuilleadh ach a neist bha ’n t-acras orm a rithist agus co-dhiù bha na gillean sanntach ud a-stigh romham a’ goid ás a’ phana mar thà. Cha deanadh sin an gnothach idir!
“Ghranaidh! Ghranaidh! Seall na mèirlich! ’S cha do thog iad aon chaoran, a sheanair.”
title | A’ Cruachadh na Mònadh |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 51 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |