[257]

AN TAHGHAD

Le MORAG NICCOINNICH

THUG i sùil a-mach, far an robh reothadh mór agheamhraidh air a sgiamh fhéin a chur air an uinneig, agus am feur a nis còmhdaichte le dìomhaireachd mar lìon an damhain-allaidh.

Chaidh i mach is thug i ceum suas troimhn choille. Os a cionn bha geugan nan craobh mar mheuran tana, cruaidhe caillich is i asnìomh snàth geal. Fo a casan bha na duilleagan reòiteiad lìomhte, is a dhath fhéin air gach fear dhiubh. Chùm i oirre gus an do ràinig i a ceann-uidhe, lochan beag shuas os cionn nan tighean. Chunnaic i e as t-samhradh, atoirt luaidh air guirmead an adhair agus air bòidhchead lusan an t-sléibhach an diugh, bha e reòtadh agus e mar leug airgid. Bha e reòtadh ach aon oisean beag, oisean beag dorcha, thall fo na drisean. Cha robh ann ach pìos beag uisge, acur dubh air agheal a bha mun cuairt, agusna threas-meadhon bha eala asnàmh. Chunnaic i ann an i. Chunnaic i ann i an roimhe. Bha i fhathasd ann. Ach saoilsaoil nach do ghluais i uaireigin. Saoil nach tug i sgiathan na h-oidhche oirre agus nach do thill i le briseadh na fàire. Bha i ann a sudbàn, fìnealta, a h-itean mar achanach fo ghrian uisgealach agheamhraidh. Bha i ann a sud, sona ach a bhith snàmh mun cuairt anns an oisean dhorch ud. Ach an robh i sona? An robh a thuigse aice a bhith sona no a chaochladh?

Sheas Fionnghal ga coimhead. Sud mar a bhiodh ise. Adol mun cuairt. Gu bràth adol mun cuairt ann am prìosan dorcha is an saoghal geal a-muigh. Bha an saoghal gealltanach. Bha an saoghal saidhbhir, ach bha e uairean cho fuar ri reothadh agheamhraidh. ’Na h-oisean bhiodh i sàbhailte. Is ged a bhiodh i ann am prìosannach robh i ann am prìosan dhi féin?

Thug i sùil sìos air abhailean sgoil, an eaglais. Lean a sùil ris an eaglais agus ás a sin gu tigh nan cailleach-dhubha. Tigh nan cailleach-dhubhaan ath sheachdain bhiodh ise ann. Chuireadh i dhith gu bràth aodach an t-saoghail so. Chuireadh i cùl gu bràth ri ana-mianna na feòla. Ach an robh ise làidir gu leòr airson sin? Nach robh i òg?


[258]

Nach e an saoghal a shealbhachadh còir na h-òige? Thug i sùil eile air an eala. Bha ise gun tùr, gun toinisg is i sona a bhith snàmh an sud. Carson nach deach ise a dhèanamh mar sin, gun reuson, ach crìoch a bhith roimhpe ri choimhlionadh agus gun e an urra rithe fhéin? Ach bhà e an urra rithe. Chaill i a foighidinn ris an eala. Thog i bioran. Thilg i oirre e, is dhéigh iSeall! seall an t-adhar cho gorm. Seall e afeitheamh riut. Tha sgiathan agad. Carson nach itealaich thu? Carson a tha thu sona leis an toll sin, agus an saoghal farsaing ga do chuireadh? Nach eil iongnadh ort! Nach eil dìomhaireachd nan linneachan acur dragh ort?” Ach chùm an eala oirre asnàmh gu socair, séimh.

Dhéirich ina seasamh, agus ghabh i ceum sìos chun abhaile. Fa comhair, bha an tràigh mar a bàbhaist agus amhuir ga sloisneadh mar a bha i o chian. Sud an lochan beag far an do dhionnsaich i snàmh. Sud na bruaichean gainmhche far am biodh iad aruidhleadh.An sud an sgoilan sud an t-achadh bhuntàta a chuir iad an uraidh. Bha abheinnna freiceadan geal agus a nis bha gathan na gréine ga dath gu fiamh an òir. Leum a cridhe. Bha gach boinne fala a bhana cuislean fuaighte ris an àite so. Bha gréim aig freumh gach craoibhe air a cridhe. Agus adol ga fhàgail! Nan deigheadh i stigh, dhfheumadh i fhàgail. Air falbh á so bhiodh i mar chù gun mhaighstir, mar sruth gun uisge, mar òran gun fhonn.

Chuir i seachad an oidhche sin ri guidhe, ri reusonachadh, ri ùrnaighag ùrnaigh, ach co ris? An ann rithe féin? An ann airson freagairt fhaighinn o h-inntinn féin a bha nis mar sop san t-sruth? chreideadh i? Air acheann mu dheireadh, nach robh e gu h-iomlanna làimh féin? Nach tug a Cruthaidhear dhi inntinn, tuigse, toilagus dhfhàg e iùil a beatha aice féin.

Dhéirich i samhadainn is mar a bàbhaist, theann a ceum ri na cnuic agus mu dheireadh gu Loch-an-eala. Bha an loch reòtadh ach a-mhàin an t-oisean udach cha robh eun no beathach agluasad. Bha an t-àite cho sàmhach ris an uaigh. An sin chual i gurag os a cionn agus chunnaic i sgaoth de ealaichean geala, ’s iad aseinns astiùireadh an cùrsa air deas. Bha sanais air tighinn uca gu robh an t-àm a nis ann, agus a dheòin no dhaindeoin, bha iadsan acoimhlionadh òrdugh achruinne.

Sméid i ris an eala. Rinn i gàire beag rithe fhéin. Gàire tiamhaidh, agus fiamh an aithreachaisna sùileanach a nis, bha fios aice-se a dhfheumadh i fhéin a dhèanamh.

titleAn Taghad
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Mòrag NicCoinnich in Gairm 51 %p

parent textGairm 51
<< please select a word
<< please select a page