ATH-BHEOTHACHADH NA GAIDHLIG AN EIRINN AGUS AN ALBAINN
Le GORDON MACGILL-FHINNEIN
CHAN EIL teagamh nach eil na h-Eireannaich fada air thoiseach oirnne ann an obair ath-bheòthachaidh na Gàidhlig-50 bliadhna tha cuid ag ràdh, oir tha iad a’ cumail a-mach gu bheil a’ Ghàidhlig againne sa staid a ’s a robh a’ Ghàidhlig Eireannach aig àm a’ chiad Chogaidh Mhóir. Co-dhiù tha sin buileach fìor gus nach eil tha e cinnteach gu faodamaid a làn a ionnsachadh bho na h-Eireannaich agus air an aobhar sin bhiodh e glé fheumail agus tairbheach sgrùdadh agus rannsachadh a dhianamh ail na h-obraichean Eireannach fiach an gabhadh an fheadhainn as fheàrr dhiubh a chur air bhonn ann an Albainn cuideachd. Chaidh iarraidh orm, matà, agus tha mi a’ cur romham, sreath do dh’ earrannan a sgrìobhadh ma dheidhinn ath-bheòthachadh na Gàidhlig ann an Eirinn agus a sin beachdan a chur air adhart ás deaghaidh gach earrainn ma ’n dòigh air a’ faodamaid oidhirp dhe ’n aon seòrsa a dhianamh a ’s a’ Ghàidhealtachd againne. Bidh mi glé thoilichte litrichean agus ceistean fhaighinn bho ’n luchd-leughaidh agus bheir mi freagairt orra ann an Gairm.
1. Na Colaisdean Samhraidh
Ged a chaidh a’ chiad cholaisde samhraidh Gàidhlig a chur air chois o chionn tuilleadh agus trì fichead bliadhna cha robh iad riamh cho soirbheachail agus a tha iad an diugh. B’ e a’ chiad cholaisde sin “Coláiste Uladh” a chuireadh air bhonn ann an “Gort a’ Choirce”
an Dùn nan Gall sa’ bhliadhna 1904 agus a bha a’ teagasg Gàidhlig a’ samhradh so chaidh do 532 pàisde.
’Se inbhich a-mhàin a bhiodh aca nuair a thòisich na colaisdean samhraidh agus cha robh duaisean airgid sam bith ri fhaighinn bho ’n Riaghaltas a bha aca an uair sin. A dh’ ainneoin sin chaidh gu math dhaibh agus chaidh iad am meud agus a’ lìonmhorachd air feadh na Gàidhealtachd agus àiteachan taobh a-muigh dhe ’n Ghàidhealtachd, cuideachd, gos a bheil ma thuairim ’s 40 dhiubh ann an diugh. Thanaig fàs mór orra bhon a thòisich an Riaghaltas air toirt dhuaisean fialaidh airgid dha na colaisdean agus bhon a chomharraich Roinn an Fhoghluim gu feumte am barrachd ùine a thoirt do bhruidhinn na Gàidhlig an àite sgrìobhadh na Gàidhlig a ’s na miadhon-sgoiltean. ’Se am bun a bh’ ann gun do thòisich na mìltean dhe ’n òigridh air togail orra chon na Gàidhealtachd agus chon nan colaisdean samhraidh. B’ fheudar am barrachd colaisdean a stéidheachadh agus ged a tha sgial ma dheidhinn fear ùr a’ tighinn gu tric chan eil gu leòr aca ann fhathast. A ’s a’ bhliadhna 1961 bha sia colaisdean ann an Dùn nan Gall ann an Cóigeamh Uladh ach an ceann tri bliadhna eile, ann an 1964, bha a h-aon diag dhiubh ann agus iad uile làn. Chuir mi fhìn “Coláiste Anagaire” air bhonn (an Dùn nan Gall) sa’ bhliadhna 1962 agus fhuair sinn 239 oileanach a’ samhradh sin, 439 oileanach ann an 1963 agus 489 an uiridh. Tha sinn an dùil gu faigh sinn nas motha na 500 am bliadhna. Tha an aon sgial ri innse ma dheidhinn na dùthcha uile, ged a tha cuid dhe na colaisdean nas soirbheachaile na cuid eile. Ann an 1954 bha ma thuairim ’s 3,000 pàisde ag ionnsachadh Gàidhlig an colaisdean samhraidh na h-Eireann agus an uiridh bha os cionn 10,000 aca.
Is iomadh seòrsa colaisde a th’ ann agus bheir mi mìneachadh goirid orra uile man dean mi sgrùdadh mionaideach air an fhear a tha mi fhìn a’ stiùireadh bhon is ann air is eolaiche mi (ged a dh’ ionnsaich mi an obair ann an colaisde iomraiteach eile, “Coláisde Rann na Feirste” far an do chuir mi seachad dà mhìos air a’ bhuidhinn teagaisg an samhradh 1961). Tha àireamh beag dhiubh a ’s a’ Ghalltachd agus ’se colaisdean “còmhnaidh” a th’ annta so uile, ’se sin, tha na oileanaich a’ fuireach a ’s a’ cholaisde e fhéin agus chan ann ann an tighean muinntir an àite. Ach tha a’ mhór-roinn dhe na colaisdean air a suidheachadh a ’s a’ Ghàidhealtachd fhéin agus tha a’ chuid as motha dhiubh sin a’ cur nan oileanach ann an tighean dhaoine aig a bheil Gàidhlig mhath agus a tha toilichte gealladh a thoirt seachad nach
Sin agaibh, ma thà, an gnè cholaisdean agus sgoilearan a th’ ann. Dé a nis a’ seòrsa colaisde as fheàrr? A réir mo bheachd-sa, agus chan eil amharas sam bith orm ma dheidhinn, ’se na colaisdean a ’s a’ Ghàidhealtachd a tha a’ cur nam pàisdean ann an tighean nan daoine as motha a tha a’ dianamh feum agus stàth dha ’n teangaidh agus do mhuinntir na Gàidhealtachd. Tha trì buannachdan sònraichte co-cheangailte riutha, (1) chan ann a-mhàin gu bheil na pàisdean a’ faighinn ionnsachaidh ann an tigh a’ cholaisde ach tha cothrom aca air a bhith ag éisdeachd ris a’ Ghàidhlig ga bruidhinn gu nàdurra a h-uile latha a-measg na fìor-Ghàidheal, agus air a bhith ga cleachdadh ris na daoine sin (2) a chionn ’s gu bheil na h-oileanaich a ’s na tighean aca agus ag iarraidh a bhith a’ foghlum bhuapa tha sin a’ sealltainn ann an dòigh éifeachdach dha na daoine gu bheil mios agus urra agus gràdh aig na strainnseirean dha ’n Ghàidhlig. Is e rud fìor-chudthromach a tha so a chionn chan fhaca na Gàidheil riamh gos a’ so gu robh mios agus gràdh aig daoine eile air an teangaidh (agus mar sin, air dòigh, orra fhéin). Is ann a tha iad ag éisdeachd ri luchd Riaghaltais agus ri urracha móra dhe ’n a h-uile seòrsa a’ deanamh[204]
A ’s an ath àireamh de Ghairm innsidh mi mar a chaidh “Colaiste Anagaire” a chur air chois, na duilgheadasan a bha a’ buntainn ris an obair, ciamar a thug sinn buaidh orra, agus rud na dhà ma ghnothaichean airgid nan colaisdean samhraidh.
title | Ath-bheothachadh na Gàidhlig an Eirinn agus an Albainn |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Gordon MacGill-Fhinnein in Gairm 51 %p |
parent text | Gairm 51 |