[270]

DIOGHLUM BHO ACHAIDHEAN NA BARDACHD

(1) Le Tormod Domhnallach

NA bàird bheaga,” so faclan air am bi mi tighinn thairis gu minig ann an litreachas Beurla, agus mar as trice ainmichidh an sgrìobhadair cóignear no sianar de fheadhainn a ta e ameasnambàird bheagaa chionns nach seas iadna bheachd-san anns an aon streath ri Spenser, Milton, no Pope. a nis a ta deanamh neachna bhàrd mór?

Saoilidh mi gur e an dearbhadh no an comharradh as feàrr air bàrdachd mhór, chan e uile gu léir lìonmhorachd a cuid ealaidhean, no am fada ta anns gach dhiubh, ach a-mhàin am beothachadh spioraid, no an togail inntinn a gheibhear bho aon rann, biodh e eadhon cho goirid.

Ta gu leòr de nabàird bheaganach do fhàg ach aon duan, no air achar as faide, dhà no trì, air am bi cuimhne bhuan. Ach faodaidh gum faighear anns an aon ealaidh sin a cheart uiread de fhìor bhàrdachds a gheibhear ann an cuid de na dàin gun chrìch a rinn Spenser agus Milton.

Mas e comharradh air fìor bhàrdachd gun cluinnear i gu tric air bilean an t-sluaigh, nach minig a thachair gur e obair nambàrd bheagaa bhios aca ga h-aithris. Chan urrainn mi innse gu cho trics a chuala mi earrannan den Chumha a rinn Laurence Binyon don àireamh a thuit ann an Cogadh aChèasar, aig an t-sluagh choitcheann, ach cha chuala mi a riamh iad ag aithris streath deParadise Lost,no amFaerie Queene.

So mar a thachair a thaobh tuilleadhs achòir de na bàird Ghàidhealach. Leigeadh cus de bhàrdachd mhath leis an t-sruth do bhrìghs nach robhas ga meas cho àrd ri bàrdachd cuid de na h-urrachan as motha. Ann an cois na bàrdachd cheudna chailleadh gnàthasan cainnt, agus iomadh facal air nach eil farbhais an diugh.


[271]

Chan e idir lìonmhorachd no fadnan rann a ta deanamh abhàird mór. Mar a thubhairt sinn cheana, faodaidh esan nach do rinn ach aon ealaidh gheàrr no dhàna bheatha, a cheart uiread de chomasan a thaisbeanadh anns an aoin so féin, ’s a gheibhear ann an trian de obair chàich.

Chan fheumar, mata, tàire a dheanamh air nabàird bheagaagusse an rùn sin a chuir gu dìoghluim mi anns na h-achaidhean a leanas.

Molaidh gach eun a thìr féin,” ars Iain Mac Codrum. Is amhuil gu ìre bhig a dhfheumas mise mi fhìn a chuingealachadh an so ri achaidhean Eilein aCheò, oir is ann orra as eòlaiche mi.

Ta romham a bhith beachdachadh, chan ann air bàird an an diugh, no air bàird nach eil ach air ùr chaochladh, ’s a tha gu math aithnichte do na h-uile aig am bheil cuimhne orra, ach a-mhàin air na seann bhàird a leigeadh air dìochuimhnbho chionn fada. Tòisichidh mi ann an Tròndarnais.

Is e achiad fhear a ta tighinn air maire Iain Mac aPhearsain a bhuineadh do Fhladda, ceann a tuath an Taobh Sear.

Mar a ta rann Chnoc an t-Sabhail adearbhadh, dheanadh Iain duanag a chur ri chéile ann am priobadh na sùla.

Ta Cnoc an t-Sabhail faisg air an Dìg, baile cho bòidheachs a thair aGhàidhealtachd air geal samhraidh. Neach sam bith a ta airson an Taobh Sear fhaicinnna làn mhaise, bi mo chomhairle dha sealladh a ghabhail air cuan is tìr bho aon de chnuic na Dìg, no Flòdagaraidh, ’s cha chreid mi gu leig e ás a chuimhne e ri mhaireann.

Bha Iain air Cnoc an t-Sabhail maille ri naoidhnear de fhir na Dìge, nar a thubhairt fear no dhà ris: “Nis, Iain, ma théid agad air na naoidhnear a ta sinn ann ainmeachadh ann an aon cheathramh bàrdachd, anns an t-seasamh bonn, bheir sinn botul uisge-bheatha dhuit mar dhuais.”

Cha bu luaithe chuireadh an geall na labhair am bàrd mar so:—

“ ’Sann san Dìg a ta na h-àrmuinn,
Daoine làidir, eòlach;
Dithis de chlann Lachlainn ann,
MacArtair, ’s mac Iain Oig ann,
Eoghainn Clàrsair is MacFaid,
Dòmhnall Bàn, ’s mac Eòin ann,
Uireads a thann de Chloinn a Phì
Chan fhóghnadh ìm gun fheòil dhaibh.”


[272]

Cha deach dàil anns an duais. Dhfhalbh fear air iarrtas chàich don tigh-òsdas an taobh a-stigh de uair a thìde, chuireadh am botul an làimh abhàird.

Nach iomadh bàrd a chuir fàsachadh nan gleanns nam bailtean agus teachd nan caoraich mhóra gu ranntachd. Bha Iain air aon diubh sin nuair a rinneadh fearann chaorach de Fhlòdagaraidh. Chuir e ealaidh a chaoidhs a ghearain air fonn an òrain gaoil:

Hóro nighean donn bhòidheach nan gorm shùil meallach,
Se bhith riut acòmhradh an bu mhath leam.
So mar a bhà an t-òran:
Flòdagaraidh ghaolach an diugh fo na caoraich,
S muinntir na Dìges iad rin taobh agearain.

Caoraich mhaola, bhàna, ’s iad de bhrid na Spàinnte,
Ghuidheam-sa gun dàil dhaibh plàigh a thighinnnan caraibh.

Cìobairean gu stàiteal a-mach bonn aChàdheis,
Far am biodh gach àl ag àrach achraoidh bhainne.

Bannsna laoigh bheag agàirich, aruiths ateum mun bhàthaich,
Na rùtachan grànda le àile na tearradh.

Cha toir bracsi buaidh air bainne blàths air uachdar,
Cheannaicheadh iodhlann chruach na bhiodh de chluaimh sabhaile.

Chan eil fear readh air chuairt ann nach faigheadh gruth is uachdar,
Bheireadh Calum Buachailldo dhaoine uaisle drama.

Ceararaidh is foill air, iad gun dad de loinn orr’,
Far am biodh na raoine, * ’s an crodh laoighs an aran.

An eileins an geàrraidhs iad an diughnam fàsach,
Farm bu tric a dhàraich na làn dhaimh san earrach.

*raoine , facal eile airson mart seasg

Chaill Tròndarnais bana-bhàrd agus bàrd comasach nar a chaidh Sìne NicLeòid agus Calum Bàn MacMhannain a-null do Eilein aPhrionnsa, an Canada. Rinn iad le chéile na h-uiread de bhàrdachd thall agus chuir an t-Ollamh Urramach MacGhilleathain-Mac-na-Ceàrde ealaidh bho gach aon diubhna cho-chruinneachadh


[273] taitneach a chlò-bhuail e ann am baile Charlottetown. Mar sin, chan eil aobhar dhuinn an toirt am follais an so.

Ta co-dhiù sia fichead bliadhna air ruith bhon a chaochail am bàrd MacGuthain ann an Cille Mhoire, sgìre a bhreith agus àraich. Mar a thachair do Uilleam Ros, ’se an gaol ba tinnsgeadal bàis dha.

Ta am beagan òrain a dhfhàg ena dhéidhinn adearbhadh gun deach comasan bàrdachd MhicGuthain thar achumantais. Baithne dha òran molaidh a dhèanamh air am biodh blas is snas, ach nuair a bhuaileadh shuas air, chuireadh e aoir glé shearbh an eagaidh achéile.

Ta àite ann an Cille Mhoire ris an abair iad an Earball. Anns an àm ud bha fear afuireach an sud dom bainm Dòmhnall an Earbaill.

Cha robh ann an ionad sam bith den Eilein anns na làithean ceudna ach na tighean dubha aig an robh an teine an teis meadhoin an ùrlair.

Nis, ma bha saothair ga ghabhail ris na tighean so, ann a bhith gan cumail gu math air an tughadh gach bliadhna, neo-ar-thaing nach robh iad dìonach, seasgair. A réir coltais cha robh Dòmhnall bochd ro ghnìomhach anns an t-seagh sin, a dhaobhraich gun do rinn na thàinig de shnigheadh dubh sùith troimh mhullach a bhothain, lochan grànda shìos is shuas air feadh an làir.

An so, chaidh MacGuthain air chéilidh air fear an Earbaill. Bha deise ùr, bhriagha shoilleir air abhàrd ás an robh e glé mhoiteil.

Rinn esan mar a bfheàrr a burrainn a rathad a-stigh bhon dorus-mhór, oir do bhrighs nach robh na h-uinneagan ann, ’sann dorcha a gheibhte achuid ud den tigh gus an ruigte far an robh an teines am faicte uinneag anns nach robh ach beagan òirleach am bàrr aghlas-ceap.

Cha bu léir don bhàrd ro mhath càit an robh e dol agus mus deach e fhad féin shleamhnaich a chas bhuaithe is thuit e air a chliathaich ann an aon de na lochan dubha.

Dhéirich MacGuthain lestillden uisge sùith asileadh bhon deise ùir nach burrainn da chur uime tuilleadh, oir mar a thachair o chian do bhirlinn aoin de cheathairnich nan Eileanan, bha taobh dubh oirre agus taobh soilleir!

Lìonadh am bàrd le leithid de thàmailt airson dìol na deise is gun do thill e san bhad dhachaidh, ach mum burrainn don fheirg traoghadh, rinn e an aoir a leanas:

Sann thall ud anns an Earball
Ta ìongnadh nan Eileanan, [274]


[275] Caisteal mór nan stìopall
Ben t-ìongnadh gun drinneadh e!

Tarampartair gu h-ìosal
Air aoladh gu h-eireachdail,
Is luingeas mhór nan Innsean
Adìon an taobh eile dheth.

Is iomadhgigle eachna ruith
Theid gu do chitsean eireachdail,
Far am bi na fir ag òls acluich
S an ceòl as binnefreagairt dhaibh.

Bidh ithes òl air fions air feòil
San talla mhór gun deireas air,
Is urram na Roinn Eòrpa
Aig Sir Dòmhnall nan Eileanan!

Ta lobhta cheapan làir ann,
Air an càireadhnan sgreathannan.
Is loch a-stighna mhàsan
San snàmhadh na h-eithrichean!

Bu tric a chuala mi na seann daoine ag ràdh nach do rinn MacGuthain car ceart a riamh an déidh dha an aoir a dheanamh, mar gun tigeadh breitheanasna char. Ach nach do rinn a ministear ainmeil Maighstear Lachlainn, Loch Carrann, aoir agus gu fìrinneach cha robh na chuala mise dhith cneasda. Gidheadh cha tàinig mi-àdh airna lorg.

Cha deach barrachd air bliadhna no dhà seachad, co-dhiù, nar a thachair do MhacGuthain a bhith air oidhche an cuideachd de òigridh a chruinnich aig luadh a chumadh an aon de bhailtean Chille Mhoire. Uaireigin na h-oidhche, thubhairt cuideiginn a bhana sheasamh faisg air abhàrd, ri neach eile: “Tomhais a dhfhalbh an diugh air an t-soitheach seòlaidh a-null do Ameriga? Dhfhalbh a leithid so de nighinn,” ’s e ga h-ainmeachadh.

Chaidh MacGuthain seachad ann an neul, oir bi so an air an robh e gu trom an geall. Nar thàinig an àm don luing seòladh, leag a chailin a h-inntinn air dol thairis an comunn chàich, ach aon ghuth cha do leig i thun abhàird mun chùis.

Anns acheud dol a-mach, chuir esan roimhe gun leanadh e a leannan air an ath shoitheach, mar a thuirt e anns an òran:


[276]

Ta ghaoth aséideadh oirnn bho dheas
S ta mise deis gu seòladh,
S nan robh thu leam air bhàrr nan stuadh,
A luaidh cha bhithinn brònach.

Sud cha robh e an dàn a dhèanamh.

Se bhuil a bhann gun deach MacGuthain ri tìde gu laighe na leapa, is chaidh e fa-dheòidh gu tur ás a chiall is chaochail e. Mun do chaill e a bhuadhan, rinn am bàrd an t-òran muladachO càit an caidil an rìbhinn an nochd?” a chluinnear corra uair fathast air feadh na sgìre.

Thug mi fa-near nach eil ùghdar an dàin idir air innse ann an leabhraichean anns am bheil i sgrìobhte. Theagamh nach robh fios aig an luchd deasachaidh a rinn i. Be sud mar a dhinnseadh dhòmhsa, eachdraidh an òrain.

Bha dlùth chàirdeas aig Dòmhnall MacGuthain, bàrd Ghàrois, Bràighe an Taobh Sear, ri bàrd Chille Mhoire. Bha Dòmhnallna sheann duine, ach fathast glé thapaidh ri mo cheud chuimhne. Chaochail e mun bhliadhna 1909, no 1910, mu cheithir fichead bliadhna de aois.

Is iomadh duanag éibhinn a rinn MacGuthain Gharois. Dhfhàg sud, maille ri airmseachd beòil agus geurad inntinn, gu robh féillair gu bainnsean. Ge be air bith an ceòl eile a bhiodh ann, cha bfhiach banais mur a biodh Dòmhnall MacGuthain oirre.

Cha do dhfhàg Dòmhnall Gàros a riamh. Bu deagh chroitear e aig an robh sgil shònraichte an ceann bheathaichean.

Fhuair am bàrd treabhaidh bho Lachlainn MacCuinn, fear a mhuinntir Bhaltois, an ath bhaile. Rinn Dòmhnall òran don treabhaiches do a shaothair:

Chuir thu na h-eich chaol a tharraing,
Len cuid shìneachan is amuill,
Saoil sibh féin nach mór a nasgaidh
An do Lachlainn MacCuinn.

Thàinig thusa mar a dhiarr mi
Anns amhaduinn mhoich Di-ciadain;
S ged a bha na gearrain fiadhaich
Dhobraich iad gu ciallach, grinn.


[277]

Bhuail thu chuip orras gun ghluais iad,
Shìn iad na h-eangannan an uair sin,
Chruinnich iad os cionn achruachain,
S thog iad cluasan an cinn.

Their gach s i dol don mhòine
m fear fadud is beag meòlas?
Is barail leam gur duine dòigheil
A taseòladh achruinn!”

Duine tapaidh, ciallach, stòlda,
Bho shìol nan daoine còire,
Sann a chath e dheth a chòta,
Is misefòidearachd leam fhìn.

Nan tachradh tu orm san tigh-òsda
Is beagan thasdainna mo phòca,
Bheirinn botul dhuit air sgòrnan,
S mi nach sòradh ort am pinnt!

Is airidh an òran molaidh a rinn MacGuthain do Theàrlach Mac Artair, Eilishader, àite ann an so.

Cha robh tuathanach anns an dùthaichna latha, a bfheàrr na Teàrlach. Bhiodh e cuideachd aceannach spréidhe. Duine buadhmhor, aig an robh comasan labhairt air leith. Nam biodh pòsadh an ceann fleasgaich sam bith, dhfheumadh e Teàrlach a bhith aige an ceann an rèitich, air neo cha bhiodh cùisean ceart. Bhuineadh MacArtair do Chille Mhoire, far am be a shìnnsirean pìobairean ainmeil nam morairean Dòmhnallach.

S toigh leam fhìn an duine gasda
Teàrlach an òigear MacArtair,
Nam biodh foighneachd air na martaibh
Gun tugadh tu seachad prìs.

Bhon thàinig thu air tùs don àite
Gu fearann Mhic Ille Mhàrtainn,
S mór gur feàrr thu na MacAidh,
Gur tu féin an nàbaidh grinn.


[278]

Ta thuna do dhuine dòigheil
Timcheall chùmhnantan pòsaidh,
Cha téid thu tuilleadh air bhòidse
Gus am faigh thu mòrdan fhìn!

An rèiteach a bha air a Leacain
Bu mhisd iad nach robh Teàrlach aca
Bho nach drinn iad còrdadh tlachdmhor
Dhfhalbh aBhacags e gun mhnaoi!

Chan eil deasach na tuathach,
No Abrach a rachadh suas ort;
Nam biodh do sporan ri fhuasgladh
Bheiteadh tu Iain Ruadh sna Glinn.

Na faighinn sud air mfhacal
Teàrlach a bhithn àitaChaptain
Thogamaid an tuath á Fladda
Is bhiodh Sarstal againn fhìn!

Tha thu math air deanamh bargan,
Cheannaich thu bhó bheag aig Mairrearad;
Ged a bha i gann sacharbad
Dhfhalbh an ainmhidh ri do linn!

(Ra leantainn)

titleDioghlum bho Achaidhean na Bàrdachd (1)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 51 %p

parent textGairm 51
<< please select a word
<< please select a page