[283]

An Sgeilp Leabhraichean

Aithris is Oideas. Traditional Gaelic Rhymes and Games. (Scottish Council for Research in EducationXLIX. D. 110. Lunnainn, 1964, 7/6. )

So leabhar briagha, snasail, air a dheagh dheasachadhs air a chlò-bhualadh gu grinn, leabhar a bhios glé fheumail anns na sgoilean Gàidhealach. ’S fhada a bha dhìth air a leithid, agus is olc an airidh nach robh e ann o chionn trì fichead bliadhna, ach bha tuilleadhs a chòrr de dhaoine an uair sin am beachd gu feumte aGhàidhlig a bhith air a dubhadh a-mach bho mheomhair nan sgoilearan air chors gu faodadh aBheurla dol a-stighna h-àite. Faodaidh sinn a bhith taingeil gun tànaig atharrachadh on uair sin.

Se co-chruinneachadh de rannan, de thòimhsichean agus de chleasan a bhuineadh do chloinn na Gàidhealtachd a tha an so. Bha a leithid sin glé phailt air feadh na dùthcha againn, agus tha móran dhiu anabarrach taitneach. ’S tric a chuala sinn Anna Nic Iain chòir nach maireann a bhith gabhail feadhainn dhen t-seòrsa; agus tha móran dhiu anns acho-chruinneachadh a rinn Mgr. Ailean Dòmhnallach, gun tighinn air Carmina Gadelica aig MacIlle Mhìcheil. ’Se an aon rud a tha dhìth air an leabhar so, ’nam bharail, nach eil an ceòl ann; bàbhaist a bhith seinn móran de na rannan so, agus tha fuinn bhriagha aig feadhainn dhiu. Tha feadhainn dhe na fuinn ann an clò cheana, ach chan eil e air innse dhuinn san leabhar far am faighear iad. So, ma thà, beagan fiosrachaidh orra: ––

[284]
[285]

Aireamh 4Am Brù-dhearg. ’Se Oran na h-Uiseig a chanar ris aso am Barraidhs an Eirisgeidh, co-dhiù. Tha am fonn ra fhaighinn ann anCeltic Review,II 324, air a sgrìobhadh le Amy Murray. Recordmi fhìn e aig Anna Nic Iain.

Aireamh 9An Fheannag. Aig Amy Murray a rithist, Celtic ReviewII 324.

Aireamh 19 An SmeòrachAig Amy Murray, Celtic ReviewII 323. An déidh sin, air a recòrdadh bho Anna Nic Iain.

Aireamh 25. —Oran na h-Eala. Sin mar a bha e aig Anna Nic Iain, agus tha ceòl fuathasach briagha air. Recòrd mi fhìn an rann so ann an Ceap Breatann sabhliadhna 1937 aig Mrs. J. B. Johnston a bha càirdeach ri Anna Nic lain, mar an ceudna. Bfhiach an ceòl a chur an clò.

Aireamh 30An Bàn. Aig Amy Murray, Celtic ReviewII 321. Tha rann glé choltach ris aso anns acho-chruinneachadh aig abhan-Tolmaich, àireamh 19, taobh 173. Ann an Eirisgeidh co-dhiù bha an Bànair cùl gàraidh Cagnadh cnàmhan,” ’s anns an Eilean Sgìtheanachmharbh am bròneagléidheil a chàise.” Tha e coltach, mar sin, gun gabhadh an rann, mar a tha e san leabhar, leasachadh.

Aireamh 253An Cat agus an Luch. Aig Amy Murray, Celtic ReviewII 320. “Falbhan an, an, , Falbhan an, os an cat.”

Aireamh 323An Liaghag. So rann a ghabhadh Anna Nic Iain ann an dòigh a bha glé thaitneach. Tha am fonn air a sgrìobhadh le Amy Murray, Celtic ReviewII 317.

Tha an ceòl a chuir Amy Murray a-mach saCheltic Review ra fhaighinn, air fad, anns an leabharFather Allans Islandaice mar an ceudna.

Aireamh 80— “Aghaoth an iar agobachadh.” Dhfhaoidte gur h-e rann aimsir a tha anns acheathramh so, ach tha òran atòiseachadh leis, òran a tha aig gu leòr de dhaoine ann an Uibhist, co-dhiù, ’s a gheibhear air taobh 82 deFolksongs and Folklore of South Uistle Maighread Nic Sheathaich.

Aireamh 40. Tha rann an so a bhithte ga ghabhail ris abheathach ris an canaran gobhachan.’ “No an Ceàrdabhantheirear an so. Ach cha chreid mi idir gur h-ionann an gobhachan agus an ceàrdabhan. Is e anclick beetlea tha anns aghobhachan (LaideannAthous haemorrhoidalis) agus nach e andung beetlenondor beetle


[286]

(Geotrupes sp.) a tha anns acheàrdabhan? Chan eil iad so coltach ra chéile ann.

Tha na daoine a bha timcheall air obair an leabhair so agealltainn gun toir iad an còrr dhuinn. Tha mi an dòchas gun toir. Tha iad ri bhith air am moladh airson an cuid dìchill. Agus tha mi an dòchas gun gabh achlann Ghàidhealach ris an leabhar sos nach bi iad asealltainn air mar cho-chruinneachadh de rudan sean-fhasanta. ’Se an aon rud, gun toirear an ceòl dhuinn fhathast.

FEAR CHANAIDH.

title1
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Fear Chanaidh in Gairm 51 %p

notesFear Chanaidh = Iain Latharna Caimbeul
parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page