[286]

Gaelic Songs in Nova Scotia, deasaichte le Helen Creighton agus Calum MacLeoid (Department of the Secretary of State, Canada. $4 .00).

Nach be an t-annas e! Leabhar tomadach (anns a bheil 302 de dhuilleagan) de dhòrain Ghàidhlig, air a chur an clò air cosgais na Stàit ann an Canada, agus na ceudan de dhòrain Ghàidhlig againn ann an Albainn, ’s gun dòigh air an clo-bhualadh. Ach chan e gearain bu chòir a bhith air maire an dràsda, ach taingealachd, do Mhuseum Nàiseanta Chanada, agus don luchd-deasachaidh, Helen Creighton agus Calum Iain MacLeòid, a chuir, le an obair is le an deagh-rùn, an leabhar so nar tairgse.

Tha ceithir fichead òrans a dhà dheug san leabhar, leis acheòl sgrìobhte mu choinneamh gach aoin, agus le eadar-theangachadh. Faodaidh mar sin luchd-ciùil agus luchd-Beurla feum a dheanamh dheth, agus chan eil teagamh nach bi féill air. Tha mi an dòchas gun iarr luchd-leughaidh Gairm air na leabhar-lannan as fhaisge orra leth-bhreac fhaotainn den leabhar so, agus gun cuir móran diubh ga iarraidh dhaibh fhéin.

Tha e furasda dhuinn a thuigsinn nach e an t-aon rian a tha air an leabhar sos a bhiodh air cruinneachadh òran a nochdadh ann an Albainn. Tha grunn math de dhòrain ann a tha an cló an so mar thà, le ceòl riutha: leithidIs toigh leam aGhàidhealtachd,” agusChì mi na mórbheannaagusAn t-alltan dubh.” Ach cha mhisde sinn fhaicinn ciamar a chaidh do na h-òrain sin air an cuairt a-null thar aChuain Siar. Tha atharrachadh an corra àite, anns acheòl agus anns na facail, oir ged a lean Gaidheil Albainn Nuaidh gu dlùth ris aGhàidhlig a thug iad leotha á Albainn ceud no cheud bliadhna air ais, bhiodh e nàdurrach gun éireadh eadar-dhealachadh an suds an so. Tha beagan dhe so ga mhìneachadh le Fear-deasachaidh na Gàidhlig, agus dhfhuilingeadh e tuilleadh fhathast. An Ceap Bhreatainn, ’se smeòrach a thaca airbrù-dhearg”; their feadhainn


[287] chaithis nuair a chanadh sinne chaidh; tha séimear aig cuid an àite seòmar; tha cliath ga cleachdadh anns achiallpanel-fence” (nostockade”), leasachadh céille a tha nàdurrach gu leór; agus tha facail-iasaid aca a tha ar dhuinne, mar a thabarren, aciallachadh fosgladh anns achoille. Chì sinn ann anOran na Bainnse,” a chaidh a dhèanamh roimhn bhliadhna 1890, gu bheil facail Bheurla gan cleachdadh ann an dòigh nach biodh cumanta an Albainn aig an àm sin, ach a chanadh nach do dhionnsaich sinn bhon uair sin!

Tha gach seòrsa òrain an so, cha mhór: feadhainn shean is feadhainn ùr; feadhainn a thug na Gaidheil leotha a Chanada, leithidOran Mhic Neachdainn an Dùin,” “I hiùraibh o-o, chan eil mi slàn,” “Oran na h-Eala,” “Nighean Dhòmhnaill Riabhaich’ (seòrsa den òran ris an can sinnABhean Iadach” ), “Cruachan aCheathaich,” “ ’Sann air feasgar Di-ciadaoin” (no Mhàiri, Mhàirimar as fheàrr a dhaithnicheas càirdean Chaluim Cheanadaich e), “Chunna mise mo leannan,” agus móran eile; agus feadhainn ùr a chaidh a dhèanamh thall an Canada, leithid,

Sann á Boston a sheòl sinn
Dol air bhòidse chun na h-Innsean,

agus òran éibhinn mun a chaill aGhàidhlig air a rathad a-null a Chanada mun bhliadhna 1880:

Fhreagair ise gu moiteil,

Youre a Scotchman, I reckon I dont know your Gaelic, Perhaps youre from Cape Breton. ”

Is math nach robh na h-eilthirich uile mar sin. Gu dearbh cha robh, agus gheibh thu làn dearbhadh air achùis anns an leabhar so.

Cuir ga iarraidh guThe Queens Printer, Ottawa, Canada,no iarr air an leabhar-reiceadair agad fhaighinn dhut.

R. McT.

title2
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page