[221]

SEIRBHEIS MEADHON-OIDHCHE LE CLUIG

Air eadar-theangachadh o’n Eadailtis aig Guareschi,
Le Tormod REID agus UISDEAN MACRATH

’Se so an dàrna sgeulachd anns an t-sreath de sgeulachdan Eadailteach a tha sinn aclo-bhualadh ann an Gairm.

Tha Don Camillona shagart anns an Eaglais Ròmanach, anns an Eadailtmas fhìoragusse Peppone pròbhaist abhaile bhig. Tha Pepponena Choimiunach, agus buinidh Blond don phàirtidh so cuideachd.

FAD na h-ùine bha Don Camillo afaireachdainn gu robh shùil air. Ationndadh gu h-obann, nuair a bha e acoiseachd air an rathad no anns an achadh, chan fhaiceadh e neach sam bith, ach bha e cinnteach, nan robh e air rannsachadh air cùl na callaid no anns na preasan, gum biodh e air tachairt air na sùilean agus air barrachd air a sin.

Air dha a dhol a-mach uair no dhà air an fheasgar chuala e starbhanaich air cùl dorus an tighe agus chunnaic e aiteal de sgàile.

Leig leis,” fhreagair Criosd bhon altair nuair a dhiarr Don Camillo comhairle. “Cha do rinn shùil cron sam bith air duine a riamh.”

Bu chòir fios a bhith ann an robh shùil asiubhal leotha fhéin, no cuide ris an treas sùil, gu sònraichte32 calibre’” dhosnaich Don Camillo. “ ’Se mion chunntas rudeigin cudtromach a thann.”

Chan eil dad ann a chuireadh dragh air cogais ciùin, Don Camillo.”

Tha fhios agam, Iosa,” dhosnaich Don Camillo a rithisd. “Is truagh, mar as tric, nach lais daoine den t-seòrsa sin air cogais, ach air cùl an droma.”

Cha drinn Don Camillo dad, co-dhiù, agus chaidh an ùine seachad. Feasgar anmoch, nuair a bha e leis fhéin ann an tigh an t-sagairt, dhfhairich e gu h-obann na sùilean. Bha trì sùilean ann. Thog Don


[222] Camillo a cheann gu mall, agus chunnaic e sùil dhubh daga, agus an déidh sin sùilean Biondo.

Am feum mi mo làmhan a thogail? ”, dhfhaighnich Don Camillo gu ciùin.

Chan eil mi airson rud sam bith a dheanamh ort,” fhreagair Biondo, acur an daga air aisna phòcaid. “Bha mi fo chùram gun gabhadh tu eagal gam fhaicinn gu h-obann, agus gun tòisicheadh tu ag éigheachd.”

Tha mi atuigsinn,” fhreagair Don Camillo. “Nach do shaoil thu gum biodh e na bfhasa gnog a dheanamh air an dorus?”

Cha do fhreagair Biondo agus chaidh e null a leigeil a chudtrom air oir na h-uinneig. An déidh mionaid thionndaidh e gu grad agus rinn e suidhe air beulaibh abhùird bhig aig Don Camillo.

Bha a fhalt neo-chuimir, a shùilean le cearcaill dhorcha mun cuairt orra, agus a bhathais bog le fallas.

Don Camillo,” arsa Biondo eadar a fhiaclan, “Am fear ud anns an tigh air bruaich na h-aibhne, is e mise a chuir ás da.”

Las Don Camillo siogár.

Am fear ud air bruaich na h-aibhne?” ars esan gu ciùin. “Uill, seann chuspair, cuspair le bonn poiliticeach, cuspair a thig fo iomall amhathanais-choitchinn. a tha cur dragh ort? Cha tig dad ort bhon lagh.”

Chrath Biondo a ghualainnean.

Don tigh ud leis amhathanas-choitcheann”, ars esan le cuthach. “Gach oidhche air dhomh an solus a chur ás, tha mi ga fhaireachdainn ri taobh mo leapa. Chan eil mi atuigsinn tha so aciallachadh.”

Shéid Don Camillo anns an adhar ceò gorm an siogár.

Aciallachadh!” fhreagair e le snodha gàire. “Eisd rium. Caidil gun an solus a chur ás.”

Leum Biondo air a chasan.

Faodaidh tu fanoid air an amadan Peppone,” dhéigh e, “ach chan fhaod ormsa.”

Chrath Don Camillo a cheann.

Anns achiad dol-a- mach chan e amadan a thann am Peppone. Anns an dara àite, chan urrainn dhòmhsa dad a dheanamh dhut.”

Mas fheudar dhomh coinnlean a cheannach, no tabhartas a thoirt don eaglais, pàidhidh mi,” ghlaodh Biondo, “ach feumaidh tu mathanas a thoirt dhomhco-dhiù no co-dheth tha mi cuidhtes an lagh.”


[223]

Tha sinn ag aontachadh, mo mhac,” arsa Don Camillo gu coibhneil. “Is truagh nach do rinn iad mathanas-coitcheann air cogais. Le sin, tha sinn adol air adhart leis an riaghailt mar a bha sinn roimhe. Feumar aithreachas a dhèanamh, agus nochdadh gun drinneadh aithreachas, agus, an sin, nochdadh le ar giùlain gum bheil sinn feumach air mathanasobair fhada!”

Rinn Biondo snodha gàire geur.

Aithreachas? Aithreachas airson cur ás don fhear ud? Tha e acur dragh orm nach do chuir mi ás ach don aon fhear!”

Is e sin cuspair anns nach eil comas sam bith agamsa. Co-dhiù, ma dhinnseas do chogais dhut gun do rinn thu glé mhath, tha thu cuidhtes e,” arsa Don Camillo, afosgladh leabhair agus ga chur air beulaibh Biondo. “Seall, tha riaghailtean glé phongail againn, gun a bhith aseachnadh cuspairean poiliticeach. An cóigeamh, Na marbh; an seachdamh, Na goid.”

Co ris tha sin abuntainn?” dhfhaighnich Biondo ann an guth diamhair.

Chan eil ri dad,” thug Don Camillo ath-chinnte dha. “Bha dùil agam gun duirt thu rium gun do chuir thu ás dha, le leisgeul poiliticeach, airson airgead a ghoid.”

Cha dubhairt mi sin,” ghlaodh Biondo, atarraing a-mach an daga agus ga chuimseachadh air aodann Don Camillo. “Cha dubhairt mi e, ach, is e an fhìrinn a thann. Is e an fhìrinn a thann gu dearbh, agus ma tha misneachd agad, innis e do neach sam bith agus marbhaidh mi thu.”

Chan eil sinn ag innseadh so eadhon don Athair shiorraidh, ged a tha fhios Aige air nas fheàrr na tha aig duine eile.”

Thainig coltas ciùin air Biondo. Dhfhosgail e a làmh agus sheall e air an daga.

Nach mi tha faoin. Cha dug min aire gu robh an snap-sàbhalaidh suas.” Leag e sìos an snap-sàbhalaidh.

Don Camillo,” thuirt Biondo anns aghuth neònach sin, “tha mi seachd sgìth afaicinn an duine ud ri taobh mo leapa. Tha do dhà roghainn agad: thoir mathanas dhomh, no lasaidh mi ort!”

Bha an daga air chrithna làimh, agus dhfhàs Don Camillo glais-neulach, agus choimhead e air Biondo an clàr an aodainn.

Iosa,” arsa Don Camillona inntinn, “tha an so air chuthach agus lasaidh e orm. Mathanas a thoirt dhà fon chor so, chan fhiach e dad. mi?”


[224]

Ma tha eagal ort, thoir mathanas dha,” fhreagair an guth aig Crìosd.

Chuir Don Camillo a ghàirdeanan thairis air a bhroilleach. “Cha tobhair.”

Don Camillo, thoir dhomh mathanas no lasaidh mi ort.”

Cha tobhair”.

Ghluais Biondo an snap, ach cha do loisg an gunna.

An sin dhfhiach Don Camillo buille, agus bhuail abhuille an targaid, oir cha deach buillean Don Camillo riamh seachad air an targaid. An sin ruith e suas do thùr nan clag, agus aig aon uair deug air an oidhche bhuail e cluig airson fichead mionaid.

Thuirt gach aon gun deach Don Camillo air achuthach. Gach fear ach Crìosd air an altair, a chrath a cheann adeanamh snodha-gàire, agusBiondo aruith tarsainn an achaidh mar fhear ás a chiall agus nuair a ràinig e bruach na h-aibhne bha e dol ga thilgeil anns na h-uisgeachan dubha, ach ràinig fuaim nan clag e agus stad e.

Thionndaidh Biondo air ais, oir chuala e guth ùr.

B’ e so an fhìor mhìorbhail, oir ged is e rud neònach daga nach lais, ’se rud ro-neònach a th’ ann sagart a bhith a’ bualadh chlag aig aon uair deug air an oidhche.

titleSeirbheis Meadhon-oidhche le Cluig
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod Reid and Uisdean MacRath in Gairm 51 %p

parent textGairm 51
<< please select a word
<< please select a page