[347]

BAN-LEODHUSACH AIR SAFARI (2)

Le MAIREAD NICASGAILL

AN ath thrì bliadhna a chuir mise seachad ann an Canada, b’ ann an roinn-dùthcha Alberta agus Mhanitóba a chaith mi iadann anRed Deer, Lakedell agus Winnipeg.

Bu bhaile beag àluinn mu mheud Inbhir-NisRed Deer, anns aphàirt sin ris an abrar na pàircean, air oir nam préidhridheanàite còrr air trì fichead mìle tuath air Calgary, nach robh cho lom ris na préidhridhean, anns an robh craobhan afàs, agus far an robh an talamh asìor dhol suas is sìos gu socair. Air taobh a-muigh abhaile bha tacannan, cuid diubh air an dfhuaireadh gas agus ola, agus bann chun an àite so a thàinig anns abhliadhna 1828 An Sagart MacDonnell agus na h-Uibhistich a thàinig a dhàiteachadh talmhainn ann, ged nach eil móran diubh an diugh air fuireach anns acheàrnaidh so. Bha Albannaich agus móran Olaindich afuireach anns an sgìre so agus bha cuideachd móran de na Hungaraich a ruith ás an dùthaich aca fhéin an déidh an àir a bha aca anns abhliadhna 1956 air a thighinn a-steach. Bha ena àite air leth tlachdmhor agus an uair a bhitheas diogaladh orm gu tilleadh bann ann bu chaomh leam a dhol.

Ann an Lakedell bha neach a-muigh am fìor mheadhon na dùthcha; bha achoille dlùth is tuath is deass i gun bhriseadh ach gearradh sgoilteach nan rathad a bha ga sgoltadh bhon ear gun iars bho thuath gu deas a h-uile mhìle. Bha na daoine san àite so na bu choltaiche ris an t-seann dealbh de Chanadaich; cha robh na tighean cho brèagha, cha robh na bha sin de ghoireasan aca ach càr gu an toirt a dhàite, agus preas-dheigh gu am biadh a chumail, seach gun robh iad fada bho bhùithtean. Bha talamh furasda is saor a cheannachd a-muigh sna badan ud, oir cha robh teàrr air na rathaidean, bha an àite cus an iarson ionmhas an ola agus aghas, agus bha achoille cho dlùth agus gum feumta saothair mhór mus deigheadh a spìonadh ás an talamh gus an talamh a dheanamh deiseilson curachd.

Bha móran lochan san tìr agus bha bothain aig sluagh abhaile mhóir air an togail gu tìde theth an t-samhraidh a chaitheamh annta.


[348]

Cha robh féill air an dùthaich so ach aig iasgairean agus sealgairean, agus bho Chéitean gu Sultuin aig luchd-turais a bhitheadh gam blianadh fhéin aig oir nan lochan.

Bann bho thuathanas is ghearradh fhiodha bha móran diubh afaighinn am bith-beò, agus gu leòr dhiubh, ged a shaoileadh sinne gum bann aca a bha an talamh, cha robh ach beagan dith air àiteachadh, oir bha iad ga spìonadh uidh airn uidh bhon choille gu tuilleadh dith a thionndadh. Bha achlann so, móran diubh, na bu choltaiche ris an seòrsa cloinne mun leugh sinn ann an sgeulachdan mun chiad chloinn a thathaich anns an dùthaich ud. Cha robh aca mu dheidhinn rudan athigeadh le ionnsachadh leabhair— ’se bha iadsan ag iarraidh ach gnìomh is sealg. “ am feum a ni e dhomh leughadh mu Uilleam Shakespeare abruidhinn mu bhalach brèagha no mu chaileig bhrèagha?” ’Se bha ga chall fhéin mas ann mu bhalach a sgrìobh e na dàin sin agus clann nighean gu leòr ann.”

Bi abhliadhna mu dheireadh a chaith mi anns an àite so, àite mun do sgrìobh mi air an latha mu dheireadh a thug mi ann, “So Diardaoin deireach na dunaidh ann an dùmhlachd na coille.”

Sann a bha dùil agam abhliadhna a chaitheamh ann an California, agus bha còrr air dara leth làithean saora an t-samhraidh air dhol seachad mus robh e faicsinneach nach robh mi adol a dheanamh achùis air iarrtasan luchd-cuspainn Ameireagaidh; bha mi an uair sin gun obair a lorg agus bhitheadh, shaoil mi, gach àite ceart air a lìonadh. Co-dhiù, chuir mi minntinn gu Ontario agus air ais gu Albertas mi an dòchas gur ann an Ontario a thogainn ceann, ach thàinig fios bho Alberta an toiseach, agus, asmuaineachainn gum bfheàrr am partan tuathal na bhith gun fhear tighe, ghabh mi an obair so, ged nach robh i ri mo chàil idir, agus seach gum bitheadh ann mar a thubhairt an sanastigh le làn eàrnaisdo am faodainn a dhol. Bha mi air an samhradh a chaitheamh asiubhal bho Cheap Breatainn gu Bhancùbhair gu California, agus thill mi ás California gu math dubhach chun na h-oibreach a bha so agus gun ach leth-bheachd agam air rathad a bha adol chun an àite, agus gun bheachd idir air an àite fhéin. Seach gun robh mi air an obair a ghabhail dhfheumainn fuireach bliadhna, oir, aon uairs gum bris thu gealladh na bliadhna an aon àite, tha Bòrd nan Sgoiltean amùidhn gun dean iad gu math searbh dhut an ath obair fhaotainn. Ach cha robh mi dubhach idir gus am faca mi pàipearan-naidheachd Chanada . . . . . bhatar ag iarraidh luchd-teagaisg anns a h-uile roinn-dùthcha de


[349] Chanada agus cha robh gin aca nach robh na bu fhreagarraiche dhòmhsa na an àite don robh mi air mo ghealladh a thoirt.

Ràinig mi am baile beag far an robh oifig fear-riaghlaidh nan sgoiltean, agus bha mi air bòid a thoirt gun robh mi dol gam shaoradh fhéin bhon ghealladh oibreach anns an robh mi air mo cheangal fhéin. Ach ciamar?

Steach leam, agus, mar a bàbhaist, thubhairt an duine nach robh dùil aige ri creutair cho beag no cho òg acoimhead . . . . ’se tha mi asmuaineachainn a bhitheadh iad aciallachadh ach feagalach ged is e òg a bhitheadh iad acleachdadh. Bha an t-àite gus an robh agamsa ri dhol deich mìle fichead air falbh chun an iar, agus bha agam ri sgoil a fhrithealadh, samhadainns feasgar, ateagaisg Fraingeis agus Beurla do chloinn 15, 16, 17 a dhaois; seach nach burrainn domh draibhigeadh thigeadh càr air mo thòir. Ach cha robh so gam fhaighinn ás, agus dhfhoighnich mi an eàrnais a bha anns an tigh, ’s thubhairt e nach robh fhios aige, ach gum bitheadh leabaidhs bòrd, séiricheans mar sin ann. “A bheil preas-dheigh ann?” dhfhoighnich mi, agus thubhairt e nach robh e mar chleachdadh aig aBhòrd a bhith cur preas-dheigh anns na tighean a bhitheadh iad aleigeil air mhàl don luchd-teagaisg. “Mur eil,” arsa mise, “chan eil mi dol ann. Chan eil càr agam, tha abhùth as fhaisge trì mìle air falbh, agus ciamar a chumas mi biadh san tìde so? Tigh sam bith mun leughar gum bheil elàn eàrnaisanns na pàipearan tha fhios gum bitheadh preas-dheigh ann.” Bha mise nis an dòchas gun canadh

[Dealbh]
Se an tigh air do làimh dheis a bhagam-sa


[350] e. “Gabh do choids a-mach á soagus gum bithinn-sa an uair sin saor gu obair eile a shireadh, achse a thachair gun do ghairm e air rùnaire aBhùird; dhinnis e dha mar a thachair agus nach robh mise deònach a dhol chun na h-oibreach gun preas-dheigh. Bha miseg ùrnaigh gu dian gun diùltadh es gum faodainn falbh le cogais ghlais, ged nach bitheadh i buileach glan, achse a thachair gun do dhaontaich iad gun cuireadh iad an gnothach fa chomhair aBhùird agus gun rachainn chun na h-oibreach an dràsda. Bha mo ribe fhéin adùnadh orm, agus leis abhuille mu dheireadh, thubhairt mi nach bu ghealltanas sin dhòmhsa, oir nan rachadh am Bòrd an aghaidh aghnothaich, rud nach bitheadh idir -choltach, gum bithinn-sa san tigh agus san obair ach nach bitheadh am preas-dheigh, agus nach burrainn domh an uair sin fàgail. Le gàire, thubhairt am fear-riaghlaidh gum bitheadh e ann; cha robh breab tuilleadh air fhàgail agam agus le guidheachain dhubhna mo chridhe cha robh air ach géilleadh don a thug mi orm fhéin.

Dha no trì làithean an déidh sin chuir am fear-riaghlaidh a-mach mi deich mìle fichead air falbh do na coilltean . . . . mi fhéins mo mhàileidean agus bucas bidhe a shàsaicheadh seachdnar. “Tha,” arsa esan, “am preas-dheigh san tigh a nis.” Cha robh de phàileid orm a burrainn coimhead ris an t-Suaineach shèimh ud. Bha achuid mu dheireadh den rathad gun a thearradh agus bha dusta tioram an t-samhraidh ag éirighna shadan an ions do thachdadh. Ràinig sinn an sgoil a bfhaide air falbh, air a togail ann am meadhon nan tacannan gus nach bitheadh ach an t-aon astar roimh na busaichean a bhitheadh atighinn leis achloinn. Ri taobh na sgoile bha cóig tigheantigheanson ceathrar luchd-teagaisg agusson fear glanaidh na sgoile. Bha an tigh a bha air a chur air leth dhomhsa snog da-rìribhnam bann an àite eile bhitheadh e . . . . le trì seòmraichean-cadail, seòmar-suidhe, seòmar-nighe, cidsin, agus, bho bhonn an tighe bha ballaichean an tighe atoirt fad an tighe de rùm; bann an so a bha an stòbha gas a bha ateasachadh an tighe le àile teth ga shéideadh troimh phìoban is thuill anns an làr gu na rumannan. Bha am baile beag a bfhaisge trì mìle air falbh agus abhùth, far an robh cuideachd oifig aphuist, an t-aon astar. Chan fheumta guth a bhith air rudan faileasach glan innte, ged a bha ìm is feòil is gnothaichean mar sin air dheighean. Bha bòtunnan is brògan móra nan coilltean is ròpannan is aodach is tairgnean is sgeileidean is pacaidean atoirealaich a-measg a chéile. Bha ola ga dhoirteadh air fiodha an làir gus an dust a smodadhs bha an t-aon fhàileadh sin innte daonnan.


[351]

Bha deich mìle eadar an sgoils an tigh agam. Tha eallach leabhraichean agam rin ceartachadh. ’Se am farainm a thug iad orm anns an sgoil soLittle Scotch Dynamo

Be Suainich, Gearmailtich, agus Ukrainianich a bha ann am móran de na daoine sna badan ud, ged a bha dha no trì theaghlaichean Breatainneach ann; seach gun robh uiread ann còmhla ás na h-aon cheàrnaidhean sin, baithne dhaibh an cànan aca fhéin, agus aBheurla a dhionnsaich iad bho thàinig iad gu Canada a bhruidhinn. Bha cuid den chloinn san sgoil mhóir ag ionnsachadh Gearmailt le leasanan a gheibheadh iad air aphost ás Edmonton seach nach robh aGhearmailt air a tabhach san sgoil dhaibh. Cha dfhuair cànan nan Ukrainianich a riamh àite nan cànan eile anns na sgoiltean, ach a nis, thathas agluasad ag iarraidh i a bhith air a teagaisg anns na sgoiltean gu h-àraidh seach gum bheil i cho coltach ri cànan na Ruis.

Bha móran Phentecostals a-measg an t-sluaigh Shuainich a bha so, agus abair gun robh iad dùrachdach daoine eile a shlaodadh chun na h-eaglaise aca, ach cha tàinig an éigheach ris aghuitar agus am bualadh bhasan glé mhath air teagaisg fhuar chruaidh Knox a chaidh a sgeilbeadh annamsa.

Bha Innseanaich cuideachd afuireach a-muigh anns na badan so. Air an fhearann aca, na bfhaisge air meadhon na dùthcha, chaidh ola[352]


[353] fhaotainn agus gas, agus cha robh an riaghladh atoirt dhaibh ach na h-uiread samhìos den airgead a thaobhs nach eil conn aca agus gun caith iad ceart còmhla e agus nach bi càil aca an ath latha. ( ’S dòchnach ann bho na Cruithnich a thainig am falt dorch agamsa a dhaindeoin cùis!) A-mach ás an airgead a bha so bha an riaghladh atogail thighean dhaibh nam bitheadh iad air an son, agus bha dha no trì aca air an togail aig oir coille ri taobh an locha far an robh talamh eile a bhuineadh a-mhàin do na h-Innseanaich, agus ma bheireas tu gu tinntinn sealladh tighe ùire fiodha ann am meadhon -rian baile nan ceàrd, bidh beachd agad co ris a bha iad coltach. Bha dithis no thriùir aca san sgoil, seach gur ann an sud a bha iad afuireach, agus bha iad mar chàch, math is dona. Bha sgoil a dhaon ghnothaich do dhInnseanaich deich mìle fichead air falbh, air a cur air chois fo ùghdarras Riaghladh nan Gnothach Innseanach: dhaithnichinn dithis de na bha ag obair innte, agus be am beachd-san gum feumadh duine a bhith cho cruaidh agus deamhnaidh riutha fhéin, gu h-àraidh san toiseach, oir nam beachdaicheadh iad gun robh duine tlàth, bog, nach deanadh iad ach an rud a thogradh iad, gun robh iad mar chloinn eile, ach a-mhàin gun cuireadh iad balla rag suas aig amannan aig nach robh iad airson co-chomunn sam bith a bhith aca ri duine eileach nach ann mar sin a bhitheas clann eile nach eil air an teagaisg anns achànan a tha aca aig an dachaidh.

Bithtear ag ràdh mu Chanadaich nach urrainn iad gearain a dhèanamh mu chleachdaidhean dhùthchannan eile agus an droch dhéiligeadh a tha na h-Innseanaich aca fhéin afaighinn, gu h-àraidh saCheann a tuath. Mar dhaoine sam bith a chaidh a chur fo bhuaidhnan dùthaich fhéin, tha móran de na h-Innseanaich slaodach, tha iad lagnan subhailcean, tha gamhlas is fuath aca ris na daoine a thug fo chìs iad . . . . . . ach, ged a bhitheadh iad slaodach, seall an t-slighe a bha aca ri tighinn am bliadhnaichean cho geàrr, bho bheatha gun iarunn gu beatha le itealan; tha iad lag achsann troimh ar beachdannan air cleachdaidhean nach robh aca; agus an gamhlas agus am fuath, a chuireadh umhail orra? Their na daoine geala gum bheil iad leisg; gum bheil talamh aca agus nach oibrich iad e; their iadsan nach fhiach an talamh, nach do dhfhàg na daoine geala aca ach am fuidheall nach bfhiach leotha fhéin; their na daoine geala gum bheil am beatha ro shoirbhs nach leig iad a leas obairs dùil aca ri an airgead, anTreaty Moneygach seachdain. ’Se iadsan a dhfhuiricheas air an talamh a tha air a chur air lethson nan Innseanach a gheibh an


[354] t-airgead sin .... ma dh’ fhàgas iad am fearann sin gu obair a lorg am baile no an àite eile, caillidh iad e. Tha ainm math aig an treubh Stoney a tha ag àiteachadh fearainn air taobh a-muigh Chalgary, agus tha cuid mhath dhiubh sin a’ creidsinn ann am Moral Rearmament.

Nàbaidhean le tacar éisgtha mi ’n dùil gur h-e geadas a th’ann.

Tha cuimhne agam latha agus mi shuas ann an ceann a tuath Cholumbia Bhreatannaich, agus móran Innseanaich air tighinn air abhus. Bha mi an toiseach abhus agus air a bhith air abhus cho fadas gun robh fhios aig an draibhear co ás a bha mi, agus arsa esan. “So na h-Innseanaich. Tha airgead ùr na seachdaine sonan làimh agus ged nach bitheadh aca na cheannaicheadh biadh no na bheireadh air ais iad, feumaidh iad greiseag fhaighinn air abhus.”

Anns na sgoiltean sin far a bheil achlann Innseanach afuireach, agus anns na sgoiltean sin a tha air leth airson Innseanaich, thàtar adeanamh deagh oibreach, agus chaidh a chantainn rium gum bi iad an dòchas gum pòs càraid mus fhàg iad an sgoil gu dhol air ais gu am bailtean, a chionn, an uair sin gum bi iad nas cinntiche nach téid an teagaisg buileach air chall. Tha cuid eile acumail a-mach nach bi an t-Innseanach a chaoidh air a ghabhail a-steach a-measg an t-sluaigh fhads a théid a chumail air leth an sgoiltean dha fhéin. Chan e gnothach furasda a than so, agus an uair a chluinneas mi daoine agearain mu dheidhinn nan Innseanachs nan Africanachs am fàiligean . . . . gu tric fàiligean a tha atighinn beò troimh dhroch chleachdaidhean dhaoine geala . . . . chan urrainn domh gun smuaineachainn air Gaidheil is Eileanaich na seachdamh, na h-ochdamh, ’s na naoidheamh linn deug, an uair a bha beachd nan Sasunnachs nan Gall mun deidhinn gu math dubh. Air dhòigh, faodaidh iad sin a bhith taingeil gur ann oirnne a thòisicheadh an toiseach; an diugh tha barrachd


[355] spéis aig luchd-riaghlaidh, anns abhitheantas, do chleachdaidhean agus do chànan eadar-dhealaichte.

Tha aon chuimhne éibhinn agam air abheachd a bha aca an so air Innseanaich. Mar a thubhairt mi, bha mi atoirt na maidne ann an sgoil deich mìle air falbh agus am feasgar anns an sgoil a bha ri taobh an tighe. Amhadainn a bha so, goirid an déidh dhomh tòiseachadh, ruith mi gu bùth faisg air an sgoil sin a dhiarraidh botull brìgh faoineig (novanilla) ’s mi adol a dheasachadh. Amhadainn sin cuideachd bhitheadh clann-nighean agus balaich mhóra na sgoile eile atighinn chun na sgoile so a dhionnsachadh obair-saorsainneachd agus obair-tighe. Deireadh na seachdaine sin bha achiad choinneamh de Chomunn nam Pàrantans an Luchd-teagaisg(P. T.A. )air a gairm san sgoil anns am bithinn feasgar, agus thubhairt am pàrant a bhana cheann-suidhe gun robh e air a thighinn gu a chluasan gun tubhairt abhùth a bha so gun robh de chloinn-nighean na sgoile eile air ceannachd botull brìgh faoineig don bhalach Innseanach a bha asuirghe oirre. Bann air amhodh sin a dhfhoghluim mise nach fhaodadh Innseanach brìgh faoineig no rud sam bith anns an robh alcohol a cheannach, seach gum faodadh iad òl an àite deoch làidir, rud air nach robh cìs gun mhuthadh aca a bharrachd. An déidh sin an uair a dhaithnicheadh muinntir na bùtha mi, dhfheumainn a bhith air mfhaicill gun cus brìgh faoineig a cheannachd, mus saoileadh iad gur ann air an dòigh sin a bha mi amarbhadh an aonaranais san tigh agam.

Fear de na seann thighean.

A thaobh aphris-dheigh a bha so, bha mo chliù air dhol romham oir bha e coltach gun tubhairt am fear riaghlaidh riutha ged a bha mi beag nach robh mi gun a bhith biorach, agus chan e eadhon gun deach preas-dheigh a chur don tigh, ach chaidh a pheantadh agus chaidh eàrnais ùr chomhfhurtail a chur ann. Cha robh so cho math ann an coimeas ris na tighean eile oir bha iadsan gun phreas-deigh agus le seann eàrnais, aguss iongantach mun do mhollaich Bòrd na Sgoile cho duilichs a bha e dhaibh duine fhaotainn gu Fraingeis a theagaisg, ’s gum bfheudar dhaibh mise a ghabhail, oir chaidh an a bha an ath dhorus a ghearain mun eàrnais aice-se, agus a ràdh gun robh i ag iarraidh preas-dheigh,


[356] agus ’se a thachair gun do pheant iad an tigh dhi, gun dfhuair i sòfa ùr agus gun dfhuair a h-uile h-aon den luchd-teagaisg nach robh pòsda preas-dheigh anns na tighean a bha aca air mhàl bhon Bhòrd. Iadsan a bha pòsda, bhitheadh iad afuireach na bfhaide ann an aon àite agus bhitheadh an eàrnais aca fhéin.

Bha eagal an dorchadais ormsa riamh bho mòige agus nam bitheadh duine air cantainn rium gum fuirichinn ann an tigh leam fhéin ri taobh choilltean, far an cluinnteadh glaodh tiamhaidh na comhachaig agus gaoir nam madadh fiadhaich, bhithinn an déidh mo cheann a chur fon chluasaig, gus nach bitheadh agam ri éisdeachd ri fàistneachd cho uabhasach. Seach nach do thachair càil achiad oidhche a thug mi anns an àite, ’nam aonar, oir cha robh luchd nan tighean eile air tighinn, dhfhàs mi na bu chruadalaich agus an uair a dhfhoighnicheadh duine dhomh an robh eagal orm, burrainn domh freagairt le fìrinn nach robh. Gun chàr, cha robh móran cothrom aig duine gluasad a-mach ás an àite so ach fad Di-Sathuirne, oir bha bus afalbh samhadainns atilleadh air an oidhche, agus air na Sàbaid, ach bha mo nàbaidhean uabhasach coibhneil rium ged a bha iad móran na bu shine na mi. Dhfhàg sin gun robh mi gu math tric leam fhéin agus mar as trice a tha duine leis fhéin, ’sann as motha a tha e ag iarraidh bhith leis fhéin. Be ceartachadh obair-sgoile, leabhar, clàir-ciùil is radio tu tric mo chompanaich ach anns agheamhradh gum bithinn adol a churlaigeadh . . . . a shadail nan clachan troma air an deighs asguabadh na slighe na bu lìomhta romhpa gus an ruigeadh iad an ceann uidhe, ceann eile an deigh . . . . gìom a thug a chasan ás Albainn agus anns an robh làn dùil aig a h-uile duine gum bithinn-sa ealanta. Achse a fhuair an gonadh ach an truaghan air na thàrr mi anns an sgioba!

Oidhche aig deireadh agheamhraidh agus maighstir-sgoile na sgoil eile, a bhean agus dithis eile acéilidh orm, ’sann a thainig gnogadh mór chun an doruis cùil . . . . rud nach tachradh uair air bith oir bha glag air an dorus. Tha e ri ràdh gum bheil an leanabh a bhann anns an duine daonnan agus a dhaindeoin cruadalachd nam mìosan a bha mi air a chaitheamh leam fhéin agus na ceathrar aoighean a bha an làthair, leum mise a chrùbadh air cùl séir móir agus ged lean an gnogadh cha charaichinn, agus be am maighstir-sgoile a bfheudar a dhol chun an doruis. a bha aig an dorus ach duine ás sgìre na sgoile eile, fear a dhaithnicheadh am maighstir-sgoile so agus achlann a bhithinn ateagaisg an sin, agus e ag iarraidh mo choinneachadh ’s


[357] mo thoirt gu dannsa a bha air a chumail trì mìle air falbh an oidhche sin. Mu ’n àm so bha mi a-mach cho chùl an t-séir, ’s mi taingeil gun robh am maighstir-sgoile air a bhith ann, ged a bha am maighstir-sgoile alùigeachainn gum besan a bhair cùl an t-séir agus a bha air fuireach ann. Thubhairt mise nach burrainn domh a dhol ann, thug an truaghan a chasan leis an ceann greise agus abair fealla-dhà. Achsann a bha am fealla-dhà anns an sgoil an ath sheachdain an uair a thainig achlann-nighean agus na balaich a dhinnseadh don mhaighstir-sgoile mar a thachair don leithid so nuair a chaidh e gu mo thigh-sa agus an uair a thainig iad chugam-sa ceann sreath ag ràdh gum bu cheart a rinn mi a dhiùltadh, gun robh beachd ro mhór aige air fhéin co-dhiù, ged a biadsan màthair-aobhair na cùise.

(R’a leantainn)

titleBan-Leódhusach air Safari (2)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Mairead NicAsgaill in Gairm 52 %p

parent textGairm 52
<< please select a word
<< please select a page