An Sgeilp Leabhraichean
Hugh MacDiarmid and the Scottish Renaissance, le Duncan Glen (W. & R. Chambers, 1964. 37/6.)
Tha mi creidsinn nach robh duine ann an Albainn anns an linn so a thog uiread de chonnspaid ri Uisdean MacDhiarmaid. Ged a tha e nise ’na leth-sheann duine, seachad air an tri fichead ’s a deich, is toigh leis còmhstri fhathast, mar a chunnaic sinn aig an Taghadh Pàrlamaid mu dheireadh, nuair a sheas e an aghaidh an Ridire Douglas Home. Ach thog e a’ chonnspaid, agus rinn e an obair, a sgrìobh ainm air duilleagan na h-eachdraidh, eadar an dà chogadh, nuair a bha e a’ strì ri beatha ùr a chur ann an litreachas agus ann an caitheamh-beatha Albainn.
’Sann anns an deichead 1920-30 a leag e stéidh na h-obrach sin. Bha e an uair sin ’na sgrìobhadair do na pàipearean-naidheachd, agus bha a bheachdan a’ tighinn am follais ann am pàipearan beaga is móra air fad ’s air leud na dùthcha, ’s e a-mach air litreachas, air polataics, air ceòl, air cor an t-sluaigh, air gnothaichean an t-saoghail, agus e fad an t-siubhail a’ strì ri cothrom a thoirt do dhaoine an làn chumhachd fhéin a shealbhachadh is a mhealadh. Bha e de ’n bheachd nach robh an sgoil ’s an oideachadh a bha daoine a’ faighinn a’ fosgladh an sùilean do an comasan fhéin agus do chomasan a’ chinne-daonna, agus bhiodh e duilich cur ’na aghaidh anns a’ phuinc sin. Agus bha e de ’n bheachd gu robh na h-Albannaich gu h-àraidh air am mealladh, agus air an saobhadh bho thuigse choimhlionta, agus gum feumte na seann diathan a sgiùrsadh ás na h-ionadan adhraidh. Bha iomadach[376]
Chan eil teagamh nach do rinn e feum leis an obair so. Bhrosnaich e daoine gu uaill ás ùr a ghabhail ’nan dùthaich fhéin—uaill, ’s cha b’ e pròis fhaoin—uaill ’nan eachdraidh, ’nan cànain, ’nan litreachas fhéin. Bha e an sàs ann an iomadach seòrsa obrach, cuid dhiubh, mar a tha nàdurrach, nach deach leis gu h-iomlan, mar an obair a rinn e air sgàthSocial Creditagus air sgàth Pàirtidh Nàiseanta na h-Albann. Chuir e ràitheachain is pàipearan-naidheachd air bhonn, bha e a’ clo-bhualadh ’s a’ reic leabhraichean. Agus fad na h-ùine bha e a’ sgrìobhadh bàrdachd, an toiseach ann am Beurla, an sin an Albais, agus a rithist am Beurla, agus ged nach eil sinn a’ buntainn rithe an so, b’ i so a phrìomh obair. Thog cuspair na cànain móran còmhstri cuideachd, ach gun teagamh sam bith b’ e a’ bhuil gun do sgrìobhadh móran ann an Albais anns na bliadhnachan 1925-55, agus tha pàirt de ’n sgrìobhadh sin luachmhor.
Ao-coltach ri iomadach Gall, bha ùidh mhór aig MacDhiarmaid ann an Gàidhlig cuideachd. Cha chreid mi gun do dh’ ionnsaich e riamh i, agus bha beachdan neònach aige air a’ cheangal a tha eadar i ’s Albais, ach bha e ag iarraidh gum biodh àite inbheil aice ann an Albainn. Ann an 1938 bha dhìth air gum faigheamaid“freedom and facilitation for our Scots Gaelic and Scots Vernacular languages”, agus le cuideachadh bho Ghaidheil rinn e eadar-theangachadh air bàrdachd Ghàidhlig, mar a tha ‘Birlinn Chlann Raghnaill’. Chuir e a leithid so an clò anns an leabhar aigeThe Golden Treasury of Scottish Poetry, agus mura bitheadh e cha bhiodh e an diugh ’na fhasan aig cruinnichidhean de bhàrdachd, agus aig ràitheachain, an Albainn, Gàidhlig a chlo-bhualadh cho math ri Albais is Beurla.
Tha an leabhar so aig Duncan Glen feumail ann a bhith a’ toirt dealbh dhuinn air eachdraidh beatha MhicDhiarmaid agus cuid de na daoine a bha ag obair còmhla ris agus ’na aghaidh. Tha e rudeigin diùid uaireannan nuair a tha e a’ buntainn ri polataics MhicDhiarmaid, mar gum biodh eagal air conas a chur air; chan eil e ro fhiosrach air gnothaichean Gàidhlig; is dòcha nach fhaigh duine móran togail ás a’ bhreithneachadh a tha e a’ toirt air bàrdachd MhicDhiarmaid.
[378]Ach rinn e sgrùdadh farsaing air obair, agus tha móran de dh’ fhiosrachadh aige air a chruinneachadh. Bithidh féill air an leabhar anns na bliadhnachan ri teachd.
R. McT.
title | Hugh MacDiarmid and the Scottish Renaissance |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 52 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |