Leabhraichean Bliadhnail nan Sgoiltean Gaidhealach
Gach bliadhna tha pasgan de leabhraichean snasail a’ tighinn thugainn bho na sgoiltean Gaidhealach, gu h-àraidh Sgoil an Obain, Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh, agus Sgoil Lìonail. Thàinig thugainn o chionn ghoirid Leabhar Sgoile an Obain (an deicheamh àireamh), agus tha e soilleir bhuaithe gu bheil smior neo-àbhaisteach anns an sgoil so. Tha Taintean Lìonail air aois nan seachd bliadhna a ruighinn, agus chan aithne dhuinn sgoil eile de a seòrsa a tha a’ cur an clò leabhar cho grinn ’s cho làn dibhearsain ris. Troimh na sùilean òga sin chì sinn gu soilleir dreach an àite. Is deagh thoigh leinn mar a tha a’ Ghàidhlig air feadh an leabhrain gu léir, an àite bhith air a cròthadh anns an aon roinn.
Am bliadhna thàinig leabhran annasach eile, bho Sgoil Bhaltois, an Sgìre Uig an Leódhus. Bha Dòmhnall MacGillEathain air ceann na sgoile so gus an do chaochail e o chionn ghoirid, agus bha ùidh mhór aige ann am beul-aithris ’s an eachdraidh an àite, agus bha an ùidh so ga compàirteachadh ris na sgoileirean a bha fo a chùram. Bha e air móran beul-aithris is eachdraidh a chruinneachadh mu thimcheall Dhòmhnaill Chaim MhicDhùghaill, an ceatharnach mór sin de Chlann Amhlaidh a bha beò anns an t-seachdamh linn deug. A nis tha an eachdraidh so air a cur a-mach leis an Sgoil, an dà chuid an Gàidhlig ’s am Beurla, fo ’n ainm Domhnull Cam MacDhùghaill, agus is math is fhiach i a leughadh.
title | Leabhraichean Bliadhnail nan Sgoiltean Gaidhealach |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Gairm 52 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |