[299]

BANAIS AN INNSE GALL, 1900

Le TORMOD MACLEOID, de shliochd IAIN UALLAICH

(Air a bhunachadh air sgrìobhadh am Beurla a rinn Seoni Chaluim Dhonnachaidh nach maireann, a chaidh gu ruig Montana, S.A. A., agus a chaith a bheatha ann an sin.)

SNA bailtean beaga riabhach taobh siar Eilean Leódhais bha mnathan maiseach agus fir chalma airidh air gràdh mnà. Bha réiteach ann agus pòsadh agus banais.

Bu mhithich leis na Leódhasaich banais a dhèanamh air am biodh biadh is deoch, farum is ceòl, cuireadh do na h-uile, eadar luchd dàimh is càirdean beag is mór, sean agus òg, le iomadhMeal an NaidheachdagusMeal do Shlàinte.” Bhiodh duine bho gach taobh aruith nan càirdean atoirt fios thun na bainnse.

Am faca tu riamh baile beag riabhach taobh siar Eilean Leódhais? Am baile tham amharc tha a dhruim ris aChuan a Siar. Sgrìobh Martainn mu dheidhinn ’na leabhar Description of the Western Isles, “Dun na trì stòir agus Teampul Eòinagus Cill Sgàire.

Gu Deas a-mach am monadh tha corran bheannaibh am bun sgòth, a rinn a tumadh dhan fhairge. Tha amhòinteach gu bun na beinne, fraoch is féith, allt is creagan, ’s mar a thubhairt am bàrd;

Tha uisgeachan mìn acìreadh fuiltean nan gleann
Bho bhilibh an fhraoich tha gaoir is farum nan allt.”

Eadar am baile is am muir tha an talamh àitich bho an tig bàrr le saothair; aslaodadhs asgaoileadh feamainn cladaich agus todhar achruidh, aruamhar le spaid agus atarraing le cliabh.

Tha rathad ùr an rìgh dol seachad air abhaile ach tha a rathad fhéin aig abhaile: rathad caol cruaidh clachach agus staran gu gach tigh: fosglan, tigh agus sabhal fo thughadh is fo shìoman mar a bha iad bho


[300] na ciadan a bhliadhnachan, far na thogadh òighean sgiamhach agus òigearan gaisgeil, a tha fhathast aleantainn modh agus gnàth a sinnsir. Bha an teine am meadhon an làir gun dol ás; bha a bhlàths air feadh an tighe.

Sann a-mach tre an gheamhradh a bhiodh aréiteach agus am pòsadh. ’S anns an earrach a bhiodh obair an àitich. Tre an t-samhradh bha na fir agus na mnathan òga aig iasgach an sgadain. Anns an Fhoghar bha abhuain agus togail abhuntàta. Be an Geamhradh àm nam bainnsean.

Bha an duine an urra ris aphòsadh, an urra ris an teaghlach. San latha a bhann cha robh cul-taic aig duinena shean aois ach a theaghlach fhéin. Bha earbs na h-aoisnan gineal agus bha an gineal dìleas mar bu dual.

Sann an uaigneas a bha an t-suirghe, air feadh na h-oidhche, agus bann an uaigneas oidhche dhorch (a chum nach fhaict iad le gillean a bhiodh a-muigh aruith na h-oidhche, na faict iad bha a sgial air feadh abhaile, olc no maths gum biodh an oidhirp) a thigeadh an suirghiche leis aghille-comhailteachd a dhiarraidh làmh a leannain le cead a h-athar agus a màthar.

Sud an dithis a-steach. Bha aithne aig na bha stigh air fàth an turais. Bha an gille comhailteachd a ghnàth faisg an dàimh don t-suirghiche agussann ris-san a bha an conaltradh an urra. Bha e deas-bhriathrach, agus modhail, seòlta.

Air dhaibh suidhe suas mu choinneamh an teine ages iad féin a shocrachadh gu stòlda thòisich an gille-comhailteachd gu ciùin urramach air innse aobhar an turaisTha fios agaibhse fhir an tighe carson a thàinig sinne a-nochd. Tha an gille tha so ag iarraidh Màiri i do nighean gu pòsadh, agus is math tha fios agad nach eil a leithid aghille so sabhaile no san ath-bhaile. Chan eil aobhar dhòmhsa an còrr a ràdh.”

Bha am bodach deònach aonta a thabhairt ach bha tacan maille iomchaidh. An déidh greis thubhairt e gu sìtheil socrach. “Chan eil dad againn an aghaidh aghille.” Thionndaidh e sin ri a nigheanAm beil thu féin deònach a Mhàiri?” Tha Màiri afighe agus chrom i a ceann ag aontachadh.

Le solus lasaireach an teine chìte deàrrsadh a gruaidh agus loinneireachd nam bior-fighe luaineach. Bha i air a cur ris, car tiota, oir be so an uair anns an tàinig an bha os ìosal am follais, na bha eatara féin agus a leannan. Teò-chridheachs gam bitheadh an gràdh, cha robh fios aig càch air gu so, ged a bhitheadh beachd làidir aig a


[301] màthair ann an cuid cha robh cinnt aig duine. Ach a nis an déidh dhi a h-aont a thabhairt, air ar na mhàrach bha gach teanga sabhaile air ghlag le naidheachd réitich Mhàiri Ruaidh agus Chaluim Fhionnlaigh.

Rèiteach

Dhfhaodadh an Rèiteach a bhith beag no mór: cho beags nach bitheadh oirre ach an theaghlach no iadsan agus na dlùth-chàirdean, no cho mór ri banais fhéin; na càirdean gu léir, na h-eòlaich, biadh agus deoch, ceòl agus danns.

Deas-ghnàth neònach a bha san Rèiteach: seanna chleachdannan fhathast air an cumail air chois. Bha i fhéin agus a cinneadh air dara taobh abhùird, agus esan le chinneadh air an taobh eile. Bha seann daoine mun abhòrd a bhanan òige iad féin adèanamh an uisge-bheath gus an tàinig na géidsearan thairis am monadh abristeadh nam poitean-dubha, creachadh nan tighean-stalla agus dhan curna smùid. Bha daoine òg annnam péitean mór agus neapaigin sìoda mun amhaich, agus clann-nighean sgiobalta, an dosan an àrda agus ciudha chruinn an cùl achinn, na sùilean blàth beòthail agus an teanga deas.

Tha an gille-comhailteachd alabhairt: “Am beil neach air bith an làthair a tha cur an aghaidh na Rèitich?” Cha robh neach, ach bfheàirrd achuideachd fealla-dhà. “Tha mise,” arsa fearacur an aghaidh na Rèitich, ’s fhada bho gheall i dhòmhsa, mhionnaich is bhòidich i . . . .” “Thusa,” thubhairt an gille-comhailteachd. “Cha shuidheadh i an aon taobh tighe riut, cha shealladh i riut thar a guaille. Eadar thu féin!”

An Tochradh

Bha an sin gach taobh dhan abhòrd a-mach air cho gnìomhach foghainnteachs bha iad fhéin. Theireadh fear de chàirdean Chaluim“ ’Se latha mór a thann dhuibhse an diugh.” Ach bha cuideachd Mháiri a cheart cho dian air treubhantas an daoine fhéin a mholadh.

Thigeadh achùis an sin gu bhith cnuasachd agus aconaltradh air an Tochradh, measg gnothachan cudthromach eile a bha an gnàth an cois na Rèitich.

Be dleasdanas aghille-chomhailteachd acheist a chur. Be dleasdanas athair Mhàiri an Tochradh ainmeachadh. Mar eisimpleir: Cóig chaoraich a bha cheana air ainmeachas Mhàiri, agus abhó dhonn. Bhitheadh tuilleadh ann nach ligte leas ainmeachadh.

[302]
[303]

An Car-Làimh

Dhèante a nis an gnìomh a bha crùnadh na Rèitich: an Car-Làimh. Sheasadh Calum agus Màiri mu choinneamh a chéile. Tha Calum atairgse do Mhàiri glainne uisge-beath, làn gu bil. Gabhaidh Màiri aghlainne agus cuiridh i air slàinte Chaluim, gu banail beusach agus bheir i aghlainne dhà air ais. Olaidh Calum deoch-shlàinte Mhàiri agus gabhaidh iad a chéile air làimh, ise màlda ciùin agus esan seasmhach duineil agus ann an sin ann am fianuis na cuideachd geallaidh iad a bhith dìleas da chéile . . . .

ABhanais

Ce-la-deug, fichead latha, no mìos an déidh na rèitichsann a bhios aBhanais. Cha bhi duine anns abhaile ach beag nach fhaigheadh fios chun na bainnse; dàimhean agus càirdean agus luchd eòlais á bailtean eile, bha an cuireadh thucasan cuideachd.

Bha ullachadh mór ri dhèanamh eadar biadh agus deoch dha na bha tighinn a dhaoine: ach bha làmhan luchd cuideachaidh lìomnhor. Mharbht mult no dhà agus thigeadh na cearcan, beò agus marbhna ficheadan. Spìont na cearcan ann an tigh nàbaidh, bhruicheadh cuid an sin agus cuid anns na praisean móra a bha mun teine an tigh na bainnse; grìosach dhearg acumail teas ri prais-dhath no dhà no trì làn brot agus feòil.

Ceòl

Cha do dhfhàg an eaglais ach glé bheag dhe na h-iomadh fearas chuideachd faoin agus dibhearsan a bha measg an t-sluaigh. Tha seann eachdraidh an eilein atoirt fianuis air déidh an t-sluaigh air ceòl agus danns. Tha teaghlaichean fhathast ann ris an abararNa Fìdhleireanagus teaghlaichean ris an abarar, “Na Pìobairean,” ach chan eile duine beò aig a bheil cuimhne air fidheall no pìob-chiùil a-measg nan teaghlaichean air am beil an t-ainm.

A-measg nan teaghlaichean air am beil an t-ainm bhristeadh gach pìob, loisgeadh gach fidheall mar innealan leis an t-Sàtan . . . . ach tha a’ “Chomhailteachdno anTriall-Bainnseair a cheadachadh fhathast (1900).

AChomhailteachd

Air toiseach na comhailteachd theid an gille-comhailteachd le bean na bainnse. An sin fear na bainnse agus abhean-chomhailteachd agus


[304] ga leantainn triall de ghillean agus de chlann-nighean a tha an dùil la-eigin iad fhéin a bhith air toiseach comhailteachd.

Be sud achuideachd aighearach, gach neachna ùr-éideadh toirt ceum sunndach air druim an rothaid mhóir. Bratach bhàn de neipigean air slat ri tobhta nan tighean, seann saighdear abragadaich le seanna ghunna, achlann bheag ag éigheachs na coin acomhartaich. Cóig mìle chun na h-eaglais. Cha bu bheag an astar sin, ach bha cas na h-òige siùbhlachs an aimsir fonnar. San dol seachad air na bailtean a bha cois an rothaid, chìte grunnan fhear acumail taic ri cruach mhònachs na balaich òga stigeadh chon an earball na comhailteachd.

Am Pòsadh

Be deas-ghnàth dùrachdach, cudthromach, neulach bha saphòsadh, ma bha am ministear cogaiseach, diadhaidh, le eagal , le eagal Latha Bhreitheanais agus fad, buan, bithbhuantachd na Sìorruidheachdna shealladh. Theireadh am bàrd“ ’s uallach aotrom gaol is òige.” Cha robh guth aig amhinistear air gaol is òige no ceòl no danns. Cha tigeadh ás da achàraid a phòsadh gun sgrìob earalaich a chur a-mach: “Fiach thusa a Chaluim nach tig thu dhachaidh bhon iasgach gun sgillinn ruadh air do shiubhal. Thoir an aire nach caith thu do chuid airgid san tigh-osd agus do bhean lom luirmeachd aig tigh gun bhiadh gun aodach.” “Agus thusa a Mhàiri, nuair a thig Calum dhachaidh fliuch acrach bhon amhòintich, fiach nach bi achagailt fuar, agus a bhean air chéilidh.”

Bha a nis am pòsadh ceangailt on chléir agus biad am fear agus abhean a bhair toiseach na comhailteachd. Bha am baile air ghorra-biod afeitheamh gu faicte achomhailteachd atighinn air fàire. Chaidh an éigh an àrda, “Sud iad air amhullach.” ’Sann a nis a bha ghleadhraich ann: iolach na comhailteachd afreagairt iolach na bha afeitheamh. Dhéigh na bodaich àrd an clagainns bha achlann bheag ag éigheach. Cha robh guth achfàilte,” “slàinte,” “furan agus furmailtbho gach tigh san dol seachad, bha aghlaodh chàirdeilnan coinneamh agus cha bu lugha càirdeas éigh bhàidheil na comhailteachd.

Tigh na Bainnse

Tren fheasgar fhads a tha na càirdean ationaladh gu tigh na bainnse bheir sinne sùil air an tigh, air a chumadhs air a thogail.


[305]

Iosal, fada, fo thughadh de bhunan an eòrnas fo shìoman fraoich le acraichean leaca. Bha an balla dùbailte seasmhach sia troighean a thiughad de chlachan nach fhaca òrd no teine ach mar a chaidh an dùsgadh.

Air dol a-steach tren fhosglan dhan tigh còmhnaidh, bha an tallan bhàrr na starsaich agus an sin na daoine mun teine, teine mór mònach le lasair geal suas mu phrais trì-chasach croicht air slabhraidh. Bha séis ri balla, ri balla eile stùil agus drasair agus cist no dhà. Bha calbh fiodha eadar thu agus uachdar an tighe.

dorchadas na h-oidhche be fàd beò ás an teine air seanna chorran an lòchran. ’S iomadh sloc fhliuch air an deacha seachad le solus an fhòid. Muigh mun dorus bha gràisg a bhalaich bheaga abhaile ach bann a-stigh a bha am bruthadh agus am mùthach.

Nam be neach inbheach a thigeadh: am maighstir-sgoile no nighean amhinisteir dheigheadh an treòrachadh suas a dhuachdair an tighe, gu bòrd urramach ullaichte nan uaisle seachad air na bha de phraisean brot mun teine; praisean cho mór re prais-dhath. Bha, uair, bean nam praisean ann, ghabh i fhéin an daorach, agus bha i cur nan cearcan gun spìonadh dhan aphrais bhrot.

Mur bu tu ach fear san t-sreath, sìos leat dhan t-sabhal far an robh suidheachanan fiodha ris gach balla, bòrd samheadhon sgeadaichte le aodach geal air an robh aran, brot agus feòil: gu leòr agus ri sheachnadh. Cha robh duine asuidhe aig bòrd nach spàrrte glainnena dhornfear an déidh fearchuireadh e air slàinte na cuideachd; “bho bhalla gu balla,” agusair slàinte na càraid òig.” Bhiodh bòrd na clainne bige an toiseach na h-oidhche.

BhaBòrd aBhréidair dol á cleachdadh. BeBòrd aBhréidbòrd aig an suidheadh bean na bainnse le a céile acur urram air achuideachd. Be ambréidde lìon, de shròl no de shìoda, éide-cinn bean na bainnse. Be am bréid suaicheantas aphòsaidh, gus an do chuir an currag geal air a dheagh iarnaigeadh am bréid á fasan.

Aigbòrd abhréid
le dchéile pòsda
Meal anaidheachd.
Aigbòrd abhréid
a béibhinn còmhlan
Meal anaidheachd.

Nuair a bhiodh amhórchuid air an riarachadh le biadh is deoch, steach leotha dhan t-sabhal dhannsasabhal nàbaidhs mathid.


[306]

Cha be lùchairt an ùrlair chòmhnaird a bhann. Dhfhàg buailtean na sùist sloc a suds a so, ach dhan a sin, nach robh na casan òg eutrom gu leum thairis.

Ma bha melódian ann bu mhath sin. Mur a bitheadh, ghobhadh sreath chaileagan port; dhannsadh iad co-dhiù:

A Mhàiri Iainic Dholican
s Chailein Mhurchaidh Fìdhleir (trì uairean)
A Mhàiri Iainic Dholican
nach téid thu tren an ruìdhle.”

Agus thabair thusa danns le nighean donn an t-sùgraidh. Bhiodh fallas orr’ ’s cha sguireadh iad.

Bha pìobairean ann bho chionn fhada an t-saoghail agus fìdhleirean a thigeadh air chuairt ann an dùbhlachd reòte agheamhraidh, nuair a shéideadh gaoth tuath nam fuar fhrasans a chìte siaban na marana smùid air sgiathan na gaoith. Thogadh na fir-ciùil port flathail freagarrach an co-sheirm ri onfhadh na fairge air na garbh chreagan àrds ri sùghadh nan tonn air an lom chladach mìn.

Banais

Bha pìobairean ann bho chionn fhada agus fìdhleirean, fir-ciùil a thogadh inntinn an t-sluaigh len ceòl gu subhachas is sùgradh ach thàinig latha sam bfheudar aghaidh bhrònach fhada chur air nithean sìorruidh agus faoineas an t-saoghail a chur air cùl, a dheòin no dhaindeoin.

Ach inneal ciùil ann no ás fhads a bha abhanais ann be banais i: ith agus òl agus danns fad na h-oidhche.

Aig uair freagarrach, mu dheireadh oidhche, bha ena chleachdadh bean na bainnse achur air leabaidh”. Be so obair nam ban-òg. Shuidheadh bean na bainnse air bòrd-slios na leapa. Rùisgeadh abhean-comhailteachd bean na bainnse. Bha gach trusgan ga thilgeadh thar a guaille, agus ma bfhìor an te air an tuiteadh am blàth-fhleasg no achiad bile aodaich, bise an ath-thè a phòsadh. Theicheadh na mnathan òga afàgail bean na bainnsena h-aonar.

Thigeadh na fir an sin le fear na bainnse agus rùisgeadh esan mar an ceudna agus thilgeadh a chuid aodaich air feadh an tighe. Dhfhàgadh an sin achàraid òg le a chéile, air an leabaidh phòsd.

Banais Tighe

Air ar na mhàrach no air latha eile freagarrach chruinnicheadh na seann daoine agus eòlaich aig nach robh cothrom tighinn roimhe


[307] agus bhiodh latha mór eile ann le biadh agus deoch agusair do shlàinte; “air do dheagh shlàinteagusair slàinte na càraid òig.”

Circigeadh

Air an t-Sàbaint an déidh na bainnse bàbhaist don chàraid phòsd, an gille-comhailteachd agus abhean-chomhailteachd dolnam buidheann dhan eaglais. Be soAN CIRCIGEADH.” Bha an gille-comhailteachd air toiseach agus an sin fear na bainnse, sin abhean agus air deireadh, abhean-chomhailteachd.

Sheasadh an gille aig ceann an t-suidheachain. Leigeadh e steach dhan t-suidheachan an toiseach am fear, sin abhean, sin abhean-chomhailteachd, agus an sin shuidheadh e féin a-steach. San dol a-mach ás an t-suidheachan agus ás an eaglais, bha an gille-comhailteachd air toiseach, sin abhean-chomhailteachd, sin abhean agus mu dheireadh am fear.

Air aChircigeadh cha robh cothrom aig neach labhairt ris achàraid gun cead iarraidh ro-làimh air aghille-comhailteachd.

Bha achàraid òg acur seachad mìos nam pòg mar a bfheàrr a dhfhaodadh iad, agus acaitheamh bliadhna no dhà ann an taobh tigh dhuine eile, mun togte tigh ùr dhaibh.

titleBanais an Innse Gall, 1900
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 52 %p

parent textGairm 52
<< please select a word
<< please select a page