NA LAPPAICH
Le TORMOD BURNS
THA cànan nan Lappach glé eadar-dhealaichte bho chànain eile air bith san Eòrpa. Tha i an dàimh ri cànan nam Finneach agus ri cànan nan Ungarach, ach chan eil na Lappaich fhéin an dàimh ris na Finnich no ris na h-Ungaraich, oir tha iad air tighinn bho thaobh tuath Asia bho chionn móran linntean.
Ged a tha àireamh nan Lappach an diugh mu 31.000 a-mhàin, tha an àireamh dhiubh aig a bheil a’ chànan Lappach nas lugha na sin, agus tha i dol an lughad bho bhliadhna gu bliadhna, oir tha na Lappaich a’ gabhail cainnt an coimhearsnach, mar a tha Gaidheil na h-Alba gabhail cainnt nan Sasunnach. Ach, mar anns a’ Ghaidhealtachd cuideachd, tha na Lappaich a’ faicinn a nis gu bheil e cudthromach an cànan a chumail beò, oir tha oighreachd an t-sluaigh ri faighinn innte.
Ach tha doirbheachdan móra aig na Lappaich, a chionn ’s nach eil an cànan aonaichte—tha trì dòighean-labhairt aca—agus cha bhiodh Lappach bho ’n taobh-tuath a’ tuigsinn na bha Lappach bho ’n taobh-deas ag ràdh ris ach a-mhàin le cruadal mór.
A thuilleadh air sin, chan eil na Lappaich ag àiteachadh ann an aon stàit. Tha iad ri faighinn air feadh taobh tuath Lochlainn. Tha 19.000 dhiubh ag àiteachadh ann an Norbhaigh, agus tha 2.500 dhiubh ann an Suómi, 7.500 anns an t-Suain, agus 2.000 air Ceann-tìre Kola ann an Dùthaich nan Soibheat Aonaichte.
Chì sibh bho na tha mi air sgrìobhadh cheana, nach eil e furasda cultùr nan Lappach a dhìonadh agus a ghleidheadh. Anns a’ chiad àite, chan eil móran diubh ann, agus tha an tìr far an àitich iad cho farsaing, agus a thuilleadh air sin, tha crìochan-stàite gan dealachadh
Is urrainn sinn na Lappaich a dhealachadh an trì roinnean a réir an ceàirde: Lappaich na mara, Lappaich nan aibhnichean, agus Lappaich nam beann.
Tha Lappaich na mara ag àiteachadh ann an Norbhaigh ri taobh na mara, far am bheil iad ag obair mar thuathanaich agus mar iasgairean; tha fearann, bó agus beagan chearcan aig gach teaghlach. Tha
Tha Lappaich nan aibhnichean ag àiteachadh anns an t-Suain agus ann an Norbhaigh anns na gleanntan ri taobh nan aibhnichean móra, far am bheil iad ag obair mar thuathanaich. Ach chan eil iad cho soirbheasach ri ’m bràithrean tha còmhnaidh ri taobh na mara, a chionn ’s nach eil an tìr cho torrach, agus tha na Lappaich so ag iasgach anns na h-aibhnichean agus a’ snaidheadh chraobhan anns na frìthean, a chum agus gun coisinn iad an aran. Ach tha cuid na roinne so de na Lappaich a’ cumail an cànain agus am beul-aithris beò, oir cha tachair an coimhearsnaich Norbhaghach no Suaineach gu tric orra.
Gu nàdurra, is e Lappaich nam beann a chumas an cànan beò, oir tha iad ag àiteachadh air monaidhean taobh tuath Lochlainn, fada bho bhailtean nan Norbhaghach, nan Suaineach agus nam Finneach. Tha iad ’nam falbhanaich; tha greigh dhamh (reindeer) aig gach teaghlach. Chan eil an tìr torrach, agus is còir do gach teaghlach mu dà cheud damh a bhith aige, oir cho math ri am biadh, thig éideadh nan Lappach bho sheicheannan nan damh. Leanaidh na Lappaich an daimh, agus tha iad ag àiteachadh ann am pubullan aig taobh an greighe. Anns an t-samhradh ionaltraidh na daimh anns na h-àirighean air taobh nam beann, ach ré àm a’ gheamhraidh thig iad sìos bho na beanntan.
Ach tha caochladh mór a’ tighinn air beatha nan Lappach. Mar eiseimpleir, coisnidh iad móran airgid an diugh bho luchd-turais le bhith dèanamh ‘souvenirs’ bho adhaircean agus bho sheicheannan an daimh. Agus ged a tha pubullan aca fhathast, tha iad air tighean a thogail anns na gleanntan agus air taobh nam beann, agus mar sin tha gach baile beag aca falamh ré lethbhliadhna. Agus théid an sgoil còmhla ris na greighean, agus gheibh clann nan Lappach an teagasg an diugh ’nan cànain mhàtharail. Tha aoigheachd nan Lappach ainmeil air feadh na h-Eòrpa, mar a tha aoigheachd nan Gaidheal cuideachd, agus tha mi cinnteach gum fàn i beò, ged a chaochlas dòigh-beatha nan Lappach bho bheatha nan àirighean gu beatha nam bailtean.
Tha dòigh-beatha nan Lappach a tha ri faighinn air Ceann-tìre Kola ann an Dùthaich na Soibheat Aonaichte glé eadar-dhealaichte bho dhòigh-beatha nan Lappach eile, a chionn ’s gu bheil iad uile ag àiteachadh agus ag obair anns na ‘kolkhozy’(collective firms)—ach tha sgoiltean anns na ‘kolkhozy’ a’ teagasg na cloinne ’nan cànain fhéin, agus tha Lappaich na Kola glé àrdanach gur Lappaich iad, agus cumaidh iad an oighreachd beò.
title | Na Lappaich |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Tormod Burns in Gairm 52 %p |
parent text | Gairm 52 |