[316]

DIOGHLUM BHO ACHAIDHEAN NA BARDACHD (2)

Le Tormod Domhnallach

Bu mhór am beud gun chailleadh a h-uile duanag a rinn Mairi Nighean Alasdair Ruaidh, bana-bhàrd Thròndarnais. Faodaidh gun do chuireadh a dàin ann an neo-shuim a chionns nach robh iad ga meas cho buadhmhor ri obair bean a h-ainme ann an Dun-Bheagan. Biodh sin mar a bhiodh e, chan urrainn sinn gun a bhith gan ionndrain.

Ta cuid de òrain ann air am bheil dhèanamh, sin ri ràdh, ghabh bàrd eile an aon chuspair, an aon fhonn, ’s an aon chaoin, is rinn e deilbh ùr dha féin air. Sud mar a thachair don òran thaitneach— “Ta mo bhreacan-sa fon dìle.” Is e am Maor Beag a bha ann an Cille Mo-Luag, a rinn an t-òran mar a ta e air a sheinn an diugh anns an Eilein Sgitheanach. ’Se saighdear a mhuinntir Gleann Lòchaidh a chuir achiad fhear ri chéile.

Nach math a chaidh Armchul Dòmhnallach ri Oran Ghleann Uige. Saoilidh mi nach do dhùisg ionndrain no gaol dùthcha a riamh ealaidh as grinne. Ta móran cheithreamhan innte bho am bheil mi ataghadh cóig:

Sud an gleann as bòidhche sealladh
Ann am maduinn cheòthar,
Bidh caoraich dhubha, bhàna, ghlasa
S cuid dhiubh tarraing brògach;
Gach làir le searrach, ’m bonn gach bealaich,
Mach ri srath na lòintean,
S a dhaindeoin gaillionn no fuachd earraich,
Chan iarr mart ann cròthadh.

S iomadh caileag bhòidheach, chuimir
Bhiosna suidhe aig cuidhle,
Snìomh nan rolag, seinn nan luinneag,


[317] Bidh gach tuireadh binn dhi;
Bidh snàithnas bòidhche ruith tre meòirean
Cothrom còmhnard sìnidh,
S bidh faltna chuaich os cionn a cluais
Ga thogail suas sna cìrean.

Nuair thig an geamhradhs àm nam bainnsean
Gheibh sinn dràm na Tòisigheachd,
Bidh nollag chridheil aig clann nighean
S aig na gillean òga;
Bidh mnathan féin aruiths aleum,
Is cuid dhiubhg éigheach òrain,
Bidh stòp aig bodaich anns an fhodar,
S sogan orra astòiridh.

Bidh iomadh sgeul mun a bhà
Aig bodaich làidir, cheanna-ghlas,
Be sud na seòid nuair bha iad òg
Ag iomairt bhó feadh gharbhlach;
Gum biodh iad tric san Eaglais Bhric
Ag iomain chraoidh is mheanbh spréidh,
Cha rachadh bròg a chur mu spòig
Gun ruigte an ceò bhon dhfhalbh iad.

Fhir a shiùbhlas null don dùthaich
Sann bho Uige dhfhalbh mi;
Bheir mo shoraidh-sa gan ionnsaigh
Chosgas crùn de dhairgead,
Innis do Sheoc anns an Dùradh
Co-dhùnadh mo sheanachais,
Gu bheil min dùil gu faic mi thu
Mus téid an ùir air Armchul.

A rèir coltais, bu mharaiche am bàrd. Ann an aon eile de na roinn bhòidich e nar a thilleadh esan dhachaidh ás aGhréig gun rachadh na féidh fhògradh ás Bràighe Uige.

Gu bhith tighinn nas faisge air ar féin, bu mhiann leam tarraing a thoirt air duanag a rinn Màiri Mhór nan Oran, nach deach a riamh ann an clò, ’se sinHo ro mar dhfhàg mi.”


[318]

Chuir Uilleam MacCoinnich, maighstear-sgoile Bhaltois, fios-dealain, no mar a thuirt i féin, “fios na h-inid,” thuice ga cuireadh gu oidhche-chiùil ann am Bhaltos, Bràighe an Taobh Sear. Bha Màiri afuireach faisg air Sgèabost, aig an àm, ’na dachaidh féin, bothan beag Ceann na Coille, agus do bhrìghs nach robh rathad Sgorabreac air fhosgladh gus teann air deich-bliadhna-fichead an déidh sud, is ann timcheall Uige, taobh an iar amhonaidh a ghabh i, oir is e sin an aon rathad-mór air am faigheadh neach Staphan a ruigheachd le uidheam ghiùlain.

Se oidhche fhiadhaich a bha ann mu Inid (toiseach an earraich) dlùth air trì-fichead bliadhnas a deich air ais. Is beag a chuireadh gaillionn air Màiri agus a deagh chàirdean roimpe nuair a bhrist i an t-slighe aiteal goirid, an toiseach ann an Uige, agus a rithist an tigh-òsda Steinnseil.

Mu dheireadh thall ràinig abhana-bhàrd sgoil Bhaltois far an robh an cruinneachadh aighearach ga feitheamh.

Bha an tigh air a lasadh suas le soluis bhoillsgeant’. Sheas Màiri tacan taobh a-muigh an doruis, far an do ghabh i duan Challuinn. Cha bu luaithe bha i deis na dhfhosgladh an dorus agus abair gun dfhuair ise fàilte bho gach sean is òg an làthair. An ceann trì latha, rinn Màiri Mhór ceithreamhan mu a turas, a sheinn i mun do dhfhàg i an Taobh Sear:

Ho ro mar dhfhàg mi
A choimhead air mo chàirdean,
Taobh an ear na dùthcha,
S air thùr don Loneàrna.

Thàinig fios na h-Inid
Agus cha robh mionaid dàil ann,
Thog mi orm do Uige
S na siùil ri mo bhàta
Ho ro mar dhfhàg mi.

Nuair ràinig mi Uige
Bu shunndach a bhà sinn;
Dhòl sinn làn na cuaich
Chuir fuachd ás ar cnàmhan.
Ho ro mar dhfhàg mi.


[319]

Nuair ràinig mi Steinnseal
Bu choibhneil a bhà iad;
Mun dfhuair sinn air dòigh
Gun robhn tròdag air Màiri!
Ho ro mar dhfhàg mi.

Nuair ràinig mi Bhaltos
S an sud bhan caisteal àlainn,
Gun drinn mo chridhe sòlas
Ri Seònaids ri cuid phàisdean.
Ho ro mar dhfhàg mi.

Thàinig sannt duilisg orm
Nuair chunnaic mi muir-tràigh ann;
Gus mo mhiann a chasg
Sann chaidh am postan tràigh dhomh.
Ho ro mar dhfhàg mi.

Is e fìor sheann chleachdadh Gaidhealach a bha ann duan a ghabhail air taobh a-muigh an doruis, nuair a bhiodh neach atighinn a thadhal air caraid no air coigreach. Ta an cleachdadh fathast aca an corra àite de Eirinn.

Cha bann gun aobhar a dhéirich gnàthscoitcheann sam bith. Ta breithneachadh domhain aig an fhear so, a bhuineas do shaobh-chràbhadh mhìltean bliadhna roimh an diugh, ach air dhomh a mhìneachadh an àite eile chan abair mi an còrr mu dhéidh an dràsda.

Is iomadh neach air an do bhuilicheadh làn chomasan bàrdachd, nach robh idir math air seinn, gidheadh dheanadh Màiri an chuid gu sàr mhath. Cha robh guth aig boireannach eile de a leithid a lìonadh talla aibheiseach an Naoimh Anndra, an Glaschu, nar a bha abhana-bhàrd aig feabhas a neirt. Bha a guth an chuid làidir, ceòlmhor agus thubhairt daoine grunndail, eòlach, rium nach cual iad riamh a samhail air ùrlar-àrd na lùchairt ud.

Dhfhàs Màiri tinn is i ann an tigh mo bhana-charaid abhean-phòsda Mairrearad NicIllebhràth, shìos fo bhruthach na lamraig, am Port Righeadh, air an t-seachdamh de chiad mhìos agheamhraidh, 1898. Beagan mhionaidean mun tug i suas an deò, sheinn i òran bhriagha Ghàidhlig. Ta i an tiodhlacadh maille ri a céile Isaac Mac aPhearsain, am baile Inbhirnis, chan ann an Tom na h-Iùbhraich, ach anns an t-seann chladh aig Sràid Academy.


[320]

Cabhag ann no ás, chan urrainn mi dol seachad air an àitadhlaic uair sam bith gun seasamh a chuimhneachadh air Màiri a ta an siod air cnàmh fon fhòd.

Bha abhan-bhàrd measail aig ìslean agus aig uaislean. Cha robh dorus anns an Eilean Sgitheanach nach robh fosgailte dhi no dachaidh anns nach robh an fhàilte roimpe blàth, geanail, agus mheasadh an fheadhainn a bàirde inbhe ena urram a bhithna comunn.

Air aon de chruinnichean bliadhnail Eilein aCheò, thachair do Mhàiri a bhithna suidhe gu h-ìseal a-measg amhór shluaigh ann an talla a Naoimh Anndra. Cho luaths a mhothaich an fheadhainn a bhair an ùrlar-àrd gun robh i an làthair, cha robh neach nach robh air bhioran airson òran no dhà fhaotainn bhuaipe. Air ball theàrnaich fear-na-cathrach, aon de àrd mhorairean na h-Alba, ràinig e suidheachan Màiri, chuir e a làmhna h-achlais agus threòraich e suas i far an do rinn e àite dhi ri a thaobh féin.

Air an làimh eile, gheibheadh Màiri Mhór a cheart uiread de thoil-inntinn, mur am faigheadh barrachd, ann a bhith suidhe sìos an cois an teine ann am bothan achroiteir, agabhail diathad de bhuntàta agus sgadan, maille ri a càirdean, ach chan fhulaingeadh i do bhean an tighe an sgadan aice-se a chur air trinnsear. Dheanadh abhan-bhàrd air cùil-na-mòna, bheireadh i ás an sin fàd tioram air an robh i acur an sgadain, mar anns an t-seann aimsir. Ann an sealladh Màiri, cha robh anns na trinnsearan ach fasan gallda. Chreidinn gum bheil blas an sgadain cus nas feàrr air an fhàd mòna!

Air dhi a bhith an làthair uair aig cuirm ann am measg uaislean, bhuinig abhan-bhàrd achiad duais ann an aon de na cleasan a chuireadh air bhonn airson ceòl-gàire.

Chaidh uighean a ghoil agus chuireadh ugh, gun spàin gun sgian, an làimh gach aoin, maille ri caob de aran corca. An neach bu luaithe a dhitheadh an ugh, besan, no ise, a dhleasadh an duais, rud nach robh soirbh a dhèanamh ás aonais a bhristeadh am plaosg.

Rug Màiri air a ugh féin, phrann i an ceann aige ri sròn a bròige, chreim i am plaosg bharr achinn sin le a h-ìnean, rinn i feum spàin le oisean bhioraich den aran chorca is chaidh an ugh á sealladh mun dfhuair aon de chàch seòl air an cuid féin a bhlasad.

Cha be aon òran a rinn Màiri Mhór a cuairt air an Taobh Sear. Air an rathad dhachaidh, thadhail i ann an Sarstal, baile a bhuineadh anns an àm ud do Mhaighstear Stiùbhart, uachdaran aig an robh


[321] móran fearainn anns an Eilein Sgitheanach, an Eileanan na Hearadh, agus anns an Eilein Dhubh.

Bi Lecsa NicRath, no Lecsa Rig, mar a theirte rithe, a bhuineadh do Chinntàile, a bu shùil-dhìleas (housekeeper) do ’n Stiùbhartach, an toiseach ann an Sarstal, agus an déidh sin an Rig; boireannach còir, tlachdmhor, don tug muinntir an Taobh Sear spéis nach bu bheag. Fhuair abhan-bhàrd gabhail rithe gu coibhneil, suilbhir, a rinn i fhoillseachadh anns na h-earrannan a leanas air am bheil caoin air leith briagha:

Fonn
Ho ris mór mo luaidh ort,
Nighean donn na buaile.
Ho ris mór mo luaidh ort.

Lecsa, an nighean ann an Sarstal,
Chan eil gart no gruaim oirre.
Ho ris mór mo luaidh ort,
Nighean donn na buaile.
Ho ris mór mo luaidh ort.

Dhfhaighneachd mi dhi h-ainm saGhàidhlig,
S ciùin an fhàilta fhuair mi.
Ho ris mi mór mo luaidh ort,
Nighean donn na buaile.
Ho ris mi mór mo luaidh ort.

Ta mi Chlann MhicRath Chinntàile,
Sìol nan sàr dhaoinuaisle,
Ho ris mór mo luaidh ort,
Nighean donn na buaile.
Ho ris mór mo luaidh ort.

Cha deach an duanag cheudna a chlò-bhualadh gu so.

Ta gu leòr den bheachd gur e na dhfhuiling Màiri Mhór de àmhghar an co-cheangal ris an dìteadh eucorach a rinneadh oirre a dhùisg air tùs spiorad na bàrdachd innte nar a bha i air an leth-cheud bliadhna a chur seachad. Baithne dhòmhsa aon ris an tubhairt abhan-bhàrd féin, gur e luinneagan tàlaidh a bhiodh i mar bhean-eiridinn, acur ri chéile do naoidheanan air a glùn, a bu chiad tòiseachadh


[322] do a saothair, is bhon do thuig i gun deach a leithid de bhuaidh ri comasan bàrdachd a bhuileachadh oirre. Chan eil teagamh nach do rinnna dhfhuiling mi de thàmailt,” cuideachadh leatha mar a ta i ag aideachadh anns acheithreamh mu dheireadh deEilean aCheò.”

Ach luath no mall gun do dhùisgeadh i, chan eil àicheadh air gur ceòlraidh fhìor i.

Is ro thoigh leam an òran éibhinn a rinn Dòmhnall MacNèill, a bhuineadh do Eàrlais (faisg air Uige), don achiad charbad-ola a chaidh seachad troimh Thròndarnais, goirid an déidh na bliadhna 1900. Rinn MacNèill na ceud ceithreamhan. agus be Mac-an-Aba, maighstear-sgoile Chille Mhoire, a chuir na dhà mu dheireadh ris. Ta brod na bàrdachd an so:

Fonn.
Faire, faire, feadh abhaile aig na mnathan aosda,
Cha chreid iad nach e breitheanas than déidh tighinn an taobh so,
Coitsichean gun ghearrain air an talamh tarraing dhaoine,
Saoil sibh nach en t-Aonadh thug saorsa dhan nàmhaid!

Gur mise ghabh an t-eagals cha bu bheag na ghabh mi dhuabhas,
Nuair chunnaic mi chuis-eagail rinn e fead aig Guala Shuarbi,
Chan fhanadh e ri bheannachadh dol seachad aig tigh Ruairidh,
S chan fhaca mi cho luath ris dol suas aChlach Ard.

Ta fear dhiubh ann a Sgèabosts gur aighearach iad féin leis,
Na faiceadh sibh na h-innealan nis an déidh an gleusadh,
thug iad Lachlainn leotha choimhead air tigh Ghésto
Cha tilleadh esan dhachaidh ann ged gheibheadh e dha féin e.

Sin nuair thubhairt Lachlainn ris mo thruaighe mar a dhéireas,
A Choinnich ni thu marbhadh chan fhalbhainn chon na féill leat,
Innealan gun tùr gur e ùilleadh ta gan gleusadh,
Bfheàrr leam na brùidean bhiodh ùr bharr an t-sléibhe.

Sann bhios gach cailleach fhearaideach gu h-ealamh dhiom afoighneachd
Co ris a ta e coltach, nam bi e muigh san oidhche?
Nach iongantach na Sasunnaich gach fear a theidna bhroinn dhiubh,
Sann chualas a raoir gur ann san Fhraing rinneadh àd.


[323]

Chan urrainn mise a choltas chur idir ann an clò dhuibh,
Ta e air ceithir chuibhlichean grinn agus ròb orra;
Strìochagan de pheanta tarsuinn air an t-sròin aige,
Cha burrainn mi ga aithneachadh chan fhanadh e rium dòigheil.

S cainm ta air an uidheam sin ta siubhal leo gu h-éibhinn?
Thig i mar an dealanach á Sasunn do Dhun Eideann;
Theid i do na h-uile àit, nam burrainn i san fhéithe,
Gur e motor-càr a their càch ris saBheurla.

Sios Cille Mhoire thainig Cron a-mach á saibhear,
Dhéigh e Mhic an Donais, air do shocair ris an driver!
Air dhà-san bhina Shasunnach cha tuigeadh e achainnt so,
S mharbh e gamhainn Gallda teann air Cnoc Holl!

Suas bruthach Mibhaig cha ruitheadh e ach mall dhaibh
Mach a nochd am Breabadairs dileag anns acheann aig
En dùil gur e beairt-fhighe bhann an déidh tighinn bhon bhànrigh,
Ghabh e stigh a rithists rinn e sliobhagan den t-seann te!

(Ra leantainn)

titleDioghlum bho Achaidhean na Bàrdachd (2)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 52 %p

parent textGairm 52
<< please select a word
<< please select a page