FAIRE UR A’ NOCHDADH
(Earrann air a bheil dreach na h-oige — fo iuil Cairistìona Dick)
Mir, Ceapaire, Pios neo ‘Sandwich’
Le CEITEIREIN NICMHATHAIN
“A MHAMAIDH, tha mi ’g iarraidh mìr”; mar a thubhairt am bàrd o shean, “sud am fonn a chuala mi nuair a bha mi òg”. “Pìos is sili”, —biadh cho blasda ’s a dh’ iarradh caileag no balach ri mo linn-sa. Ach, saoil sibh an sàsaich sin ar n-òigridh an diugh? ’Sann a tha iadsan ag iarraidh ‘sandwiches’. ’S chan e a-mhàin ar n-òigridh a tha gan iarraidh, ach ar luchd-obrach aig meadhon latha ’s a luchd-turais a tha dol air cuirm-cnuic, neo a dh’ iasgach neo a streap—gach seòrsa sluagh anns gach suidheachadh beatha. Faodaidh sinne na ceapairean a tha so a dheanamh gu math saor le biadh a th’ air fhàgail bho ’n an diathad neo ’n t-suipear, measgaichte le measan neo lusan blasda. Tha mi fhìn dhe ’n bheachd gu bheil ar mac-meanma is ar dealbh-inntinn anns an dùthaich so air fad fada air deireadh air an Roinn Eòrpa is dùthchannan chéin nuair a thig e gu ceapairean blasda, sàsaichte a dhèanamh. Chan eil sinne a’ cur leth gu leòr mar a theireadh mo sheanmhathair de “moxy” a-measg an fheòil, càise, neo uighean. Chan eil sinn a’ cur deifir
Maisich no dèan sgiamhach le:—
1. Caran tomàtoean, liomaid, biotais, cularan.
2. Dealan-dé tomatoes, liomaid, biotais, cularan.
3. Cearcall uinnein.
4. Ròsan curran-dearg (radish).
5. Copan tomàtoean neo uighean air an gearradh le sgian a-steach gu meadhon le beumanan ’s air an toirt o chéile, agus cuideachd air an lìonadh le biadh blasda sam bith.
Airson na caran no dealan-dé a dhèanamh:—
1. Geàrr cearcall.
2. Dèan dà leth air.
3. Geàrr cha mhór ann an cairteal is fosgail neo cuir car.
Ceapairean Milis.
1. Feòil fhuar measgaichte le sliseagan orangairean, pineapple, peachichean, plumbais tioram.
2. Càise le siristean, sili.
3. Bananas le deutan, sili, sùgh liomaid.
4. Cnò le chocolate, cnò peasair le deutan.
5. Ubhlan le deutan, lus na smàileag, curran.
6. Orangairean le plumbais tioram, coconut.
Ceapairean Neo-mhilis.
1. Feòil fhuar sam bith measgaichte le tomàto, cularain, uighean, meanbh-cholg-luibhean, uinnean, biolair, leatas, balg-buachair.
2. Grùthan measgaichte le geanm-chnò, uinnean, meas a’ chroinn ola.
3. Càise measgaichte le ùbhlan is sùgh liomaid, ainseabhaidhean is uinneanan, geanm-chnò (air a phronnadh), curran-dearg, curran, carabhaidh.
4. Uighean measgaichte le cloitheagan, bradan, tomàtoean, meanbh-cholg-luibhean, biolair.
title | Mìr, Ceapaire, Pìos neo ‘Sandwich’ |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ceiteirein NicMhathain in Gairm 52 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |