[326]

Na Bana-chlarsairean

Le C.C.D.

A’ Bhean-uasal NicDhòmhnaill a’ sealltainn do Mhairead mar a chuireas i na corragan.

(Na dealbhannan le Dorchester Studios)

B’ i Sgoil Woodside dhe ’n sgoil a thòisich an toiseach air teagasg Gàidhlig ann an Glaschu, agus tha na sgoilearan aice a nis afaighinn cothrom air cleachdadh Gaidhealach eile ionnsachadh— ’se sin a bhith acluichd na Clàrsaich.

Bha Bhean-Uasal Nic Dhòmhnuill, a tha gan stiùradh anns an obair so, ag innse dhomh gun deach na h-igheanan gu math ris an inneal-ciùil so agus nach robh iad fada sam bith ga h-ionnsachadh nuair a chaidh aca ri fonn a chluichd agus òran Gàidhlig a sheinn fhads a bha iad acluichd. Airson leigeil fhaicinn cho sgiobalta is a bha iadthòisich iad ri ionnsachadh na Clàrsaich beagan sheachdainean roimhn Nollaig an uiridh agus bha dhe na h-igheanan acluichd aig an t-Seirbheis Nollaig. Tha iad uile air a bhith acluichd aig céilidh no dhà on uair sin agus bha co-fharpais aig Mòd Ghlaschu am bliadhna dìreach airson am brosnachadh agus tha iad an dùil feuchainn aig aMhòd Nàiseanta cuideachd.

Tha an triùir nighean anns abhuidheann-chlàrsach ag ionnsachadh Gàidhlig anns an sgoil. Tha Coinneach Camshron agus Iain Caimbeulluchd-teagaisg na Gàidhligacumail nan òran Gàidhlig riuthaagus tha Miss Davidson, bean-teagaisg achiùil, atoirt na fuinn dhaibh.


[327]

Mór a’ seinn gu toilichte agus a’ cumail ceòl rithe fhéin.

Na Bana-Chlàrsairean agus an luchd-teagaisg. On làimh chlì Mgr. Iain Caimbeul, Mgr. Gillespie, aBhean-uasal NicDhòmhnaill agus Miss Davidson.


[328]

Sandra a’ cluichd na Clàrsaich fhads a tha Catrìona aseinn.

Mar sin tha Ghàidhlig, ’s an ceòl, teagasg, ionnsachadh agus subhachas a-measg a chéile agus tha Mr. Gillespie, ceannard na sgoile, acumail sùil chàirdeil orra uile.

Anns abhuidhean-chlàrsach tha Sandra NicSuain á Glaschu, Mór NicFhionnlaigh ás an Eilean Sgitheanach agus Mairead NicAoidh á Scalpaidh na Hearadh. A bharrachd air gun dean an triùir aca fhéin seinn bha iad acumail ceòl-clàrsaich ri deagh sheinneadair eile an latha chunna mise iad. Be so Catrìona NicillEathain, a choisinn am bonn airgid aig aMhòd Nàiseanta an uiridh.

titleNa Bana-chlàrsairean
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

C.C.D. in Gairm 52 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page