[328]

Latha Feille

(1) Beagan mu Eachdraidh anHighland Show

Le MAIRI NICAMHLAIDH

Ma theid thu air turas air an A8, an rathad còmhnard eadar Dun-Eideann agus Glaschu, chì thu air do làimh dheis, deich mìle a-mach á Dun-Eideann bòrd mór leis na facailThe Royal Highland Show. Ma ghabhas tu seachad gu luath ( nach bi farasda dhut le meud nan càraicheanagus bhitheadh do-dhèanta dhut mura biodh na poilischan fhaic thu móran tuilleadh ach corra cheann togalaich anochdadh air taobh thall balla mór cloiche.

Ach is math as fhiach dhut stad agus a dhol a-steach ged nach e tuathanach a thannadged nach aithnicheadh tu ceann caorach bho cheann cropaig. Sin mar a tha sinne agus cha do chaill sinn bliadhna o thàinig sinne an taobh so gun tadhal. Tha cur-seachad latha math ann ged tha latha math tric a dhìth orra.


[329]

Ach gu eachdraidh co ás a tha an t-ainm co-dhiù? Ge be cho Rìoghail is a tha an Sealladh so chan eil e Gaidhealach. Ach tha e coltach gur e aobhar a chur air bonn an toiseach a bhith aleasachadh cor na Gaidhealtachd le bhith cur air follais a h-obraichean-iasgachd, fighe, clòitean agus eile. Ach an ceann-ùine an uair a ghabh an Riaghaltas os làimh na nithean ud (le beag na mór de bhuaidh) dhaom iad gu tuathanachas agus àiteachagus is ann mar sin a tha iad an diugh. Thòisich iad an Dun Eideann an 1822 agus tha iad dol gach bliadhna on uair sin, ach a-mhàin aig àm cogaidh. ’Sann o chionn seachd bliadhna a cheannaich am bòrd achadh Inglistonroimhe sin bha iad air chuairt air bailtean móra mar Obair Dheadhain is Peairt.

Tha a nis aca an àite tentaichean, togalaichean móra dìonach seasmhach nach bi air am pasgadh air falbh an ceann na seachdain. Am bliadhna tha Pavilion mór aca a chosg £80,000, am MacRobert Pavilion a thogadh le dìleab a dhfhàgadh aca.

Be an dragh bu mhotha nach robh an Sealladh mór a bha so apàidheadh leis na bha de chosg ceangailte ris. A nis tha iad air an cuideachadh le rathad mór ùr tearradh, air am bi gach deireadh seachdain càraichean aruith a chéile is cairtean beaga (go-karts) a’ feuchainn as fheàrr. Tha airgead o ’n so (£10,000 sa’ bhliadhna) a’ cuideachadh gu mór agus am bliadhna cuideachd bha móran a bharrachd de luchd turais atadhal agus tha dòchas gu bheil cùisean nas fallain a thaobh teachd-a- stigh. ’Se àite goireasach a thann a thaobh rathaidean, is bailteanis tha Turnhouse leth-mhìle shìos.

Cha toir mi iomradh air an reithe a choisinn duais neo eadhon an tarbh nach leig a leas a bhith fo eagal roimh an A.I. —sibhse aig a bheil tlachd anns na nithean so is fhada bho leugh sibh e an cùlaibh an Scotsman neo an Record. Feuchaidh sinn ri beachd a thoirt air an latha troimh shùilean ògana sùilean troimh a bheil sinn afaicinn gach aig an àm.

(2) Latha aig aHighland Show

Le DONNA MUIRGHEAL NICAMHLAIDH

Feumaidh sibh mo leisgeul a ghabhail ma tha mo Ghàidhlig car cearbachchan eil fada bho thòisich mi ga cleachdadh. Tha romham innse dhuibh mar a thug mi na daoine móra a tha san tigh agam a-mach á Dun Eideann air chuairt agus mar a chaidh leam leotha. Chaidh sinn seachad air na ceudan de chàraichean am pàirc mus do ràinig


[330] sinn an t-àitemar as trice feadhainn mhóra mar Jaguaran. (Agus nach math gu bheil iad sin aig na tuathanaich bhochda chum an cridhe a chumail riutha an uair a tha an Riaghaltas cho dona dhaibh). Bha sinn rèidh gu leòr fhada a bha mathair apàidheadh air ar sonfhuair mise steach air tasdan agus is math a bfhiach e sin.

Co-dhiù steach gun do ghabh sinn agus chan fhaca mise a riamh leithid na bha romhainn. Tighean móra geala de chanbhas air gach taobhle facail mhóra nach tuiginn-sa co-dhiù. Bha aon rud ann a thuig mibotul mór bainne mas fhìorcho mór ri tigh le trì staidhrichean. Botul le bàrr sìos gu letheu-coltach ri bainne a chunnaic mise fhathasd. Achse a bha iad sin asealltainn cho math is a bha an gloinneagus cha be an seòrsa a bha mathair alorg an déidh a thuras air an rathad. So far na thòisich an còmhstribha mo mhàthair ag iarraidhCùil nam Mnathana lorg far am faiceadh i fighe agus fuaigheal, is deasachadh arain is teileanan-mil. Bha Hermien, a nighean Olaindeach a tha fuireach againn, toirt sùil a-null air na h-eich a bha leum anns an arena mhór mheadhonach. Bha mathair agearain air pathadh ach cha dubhairt e gu bha esan ag iarraidh. Chunnaic mi fhéin mucag bheag bha mi airson facal fhaighinn oirre. Shaoil mi gu feumadh sinn latha co-dhiù gus a h-uile fhaicinn.

Co-dhiù thòisich sinn dìreach far an robh sinn is chuir sinn cuairt air móran ged a dhfhàg sinn barrachd. Chaidh sinn a-steach a dhfhaicinn cearcan a bha an tent ri ar taobh. Bha feadhainn gheal is dhonn ann leotha fhéin acoimhead ceart gu leòr ged bha iad am bucais chumhaing ach bha ceathrar còmhla an bhucas agus an druim air an spiulladh de itean. (Thubhairt mo mhàthair gu feumadh i faighneachd de chailleach nan cearc gu a baobhar dha sogu bhur beachd?) Na truaghaganis bochd an turas a thug iadsan don bhaile mhór.

An déidh sin choisich sinn seachad air thent a bha loma làn is acur thairis le daoinegach aon san dorus le gloinne leannis cinnteach gu robh iad air a bhith trang ag obair! Thàinig sinne an sin gu na h-eich a bha fuireach an iodhlann ri an turas gu leum san arena mhór. Bha aca ri leum tarsainn air ballaichean fiodh agus cloiche agus a-null air lochan beag gun aon uair fàilneachadh neo bualadh air mullach balla. Rinn móran dhiubh so gu fìor-mhath. Chunnaic sinn am balach mór Eireannach le each mór brèagha donn. Bha na h-eich gu léir grinn is be sealladh bòidheach iad len luchd


[331] marcachd an aodach dubh is dearg. Lean sinn acoimhead dithis neo triùir aca aleumach bha tuilleadh ra fhaicinn is bfheudar falbh.

Fhuair mi a nise a-null gu na mucan. Bha aon mhór an sin le deichnear ga deoghal agus aonna seasamh afuireach ri bruidhinn riumsa. Gheibheadh ise chun an dàrna suidhe tha mi creidsinn. Bha iadsan a bha sealltainn so adeanamh soilleir cho math is a bha amhuc mhór a chionn gun do dhith i a leithid so de bhiadhach gu dearbh is i a thug an obair dhi fhéin.

Choisich sinn a-null fhathasd gus an àite anns an robh an crodh a choisinn duaisean. (Cha robh sinne stigh air achiad latha an uair a bha iad fo dheuchainn agus acoiseachd troimhn arena air beulaibh nam britheamh agus mar sin chan fhaca sinn iad ach san stàbhag.) Bha gach seòrsa ann, Gaidhealach, Friesanach, Sasunnachagus cha robh a bheag a mhoit orra ged bha ticeid dearg air gach aon. a bfheàrr leamsa son mo dhealbh a thogail leatha na abhó Ghaidhealach neo mar a their balaich Leódhuis an toffee ”, le a h-adhaircean fada agus gruag mar a thair na seinneadairean annasach udcha chuimhnich mi air an ainm ach fhuair iadsan ticeid air choreigin o chionn ghoirid cuideachd.

Thug sinn sùil gun aithne cuideachd air na caoraichbha iad sin cus nas gloine na iadsan a thair Suidheachan Artairach orrasan bha coltas an cianalais son na raointean a baithne dhaibh. Is chunnaic sinn gobhar is tonnag is giadh neo dhà.

An sin shlaod mo mhàthair sinn gu narudan àlainnnach dean i fhéinson ith is òl is cur umad, ach cha robh dragh aig achòrr den sin agus cha tug sinn dhi fois son coimhead. Fhuair sinn criomag càise is ìm air falbh leinn ásagus mil cuideachd.

Bha mo mhàthair duilich nach fhaca i na fasanan a bha iad air a bhith sealltainn na bu tràitheair an dèanamh de chlòimh.

Bha àite nan sìtheanan brèaghaach chan fhaodainn an trusadh agus a math a bha an sin?

Bha e na bfheàrr an uair a dhiarr Hermien gun deigheadh sinn a-null far an robh na pìobaireancomhlan O.T.C. agus poilis Dhun Eidinn, agus na réiseamaidean Gaidhealach. Ged a tha Hermien ás an Olaind is deagh chaomh leatha fuaim na pìoba agus bha i son dealbh fhaotainn fhads a bha iad acluich. Bha iad aseasamh acluicheMo Dhachaidhagus null a ghabh i air am beulaibh air an fheur son sealladh na bfheàrr fhaighinn. An tiota chuala sinn


[332]BOUM!” agus thòisich iad air cois-imeachd chuice le ceòl ás ùr. Thug i na buinn air a h-ais. Saoilidh mi nach eil i a nis cho buileach déidheil air aphìob.

Bha sinne a nis alorg àite beag eile air cùl an arenaagus so e air ar beulaibh. Garaids beag leCeud Mìle Fàilteos a chionn. Be so àite meur Dhun-Eidinn den Chomunn Ghaidhealach, far a bheil iad gach bliadhna son innse do na dhfhaighnicheas mu obair aChomuinn is mun Ghàidhlig. Bha an bhean-uasal NicLeòid agus NicFhionghuin ga fhrithealadh an latha ud. Thug iad dhomh pìos céic a bha glé mhath air an acras an déidh na bha sin de choiseachd. Dhiarr iad air Hermien sgrìobhadh a h-ainm san leabhar-choigreach aca. Abair gu robh coigrich air tadhal orra anns na ceithir làitheaná Hong-Kong, Seapan, Ameireaga, Astràiliaagus còrr. Bha iad aca mar bhreacan Màiri Uisdeande gach dathag iarraidh fios fhaotainn mu sheann chànain Albainn. Thog mathair mo dhealbh maille ris an dithis chóir a bha so agus leig sinn beannachd leotha.

Bha thìde ann a nise a dhol dhachaidh. Chunnaic sinn beagan de na bha ra fhaicinn. Thug sinn ùine mhór ri dol dhachaidh leis na bha de chàraichean afalbh agus bha facal neo dhà aig mathair nach do thuig mi mus do rinn sinn Dun-Eideann dheth. Ach bha latha mór againn gu léiris chan eil fhios nach ceannaich mo Mhamaidh mucag bheag dhomh fhathasd.

titleLatha Féille
writersMary MacAulay, Donna MacAulay
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Màiri and Donna M. NicAmhlaidh in Gairm 52 %p

notesReference?
parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page