Fasan Ura
Le ETHNE NICNEACAIL
THAINIG fios an latha roimhe gu bheil an‘Scotch Wool Shop’a’ toirt sùil air na h-eileanan an Iar agus tha e ’nan rùn an goireasan-reic a mheudachadh anns na h-àitean sin. Tha iad a’ cur a-machcatalogue, coltach ris an fheadhainn a th’ ann mar thà, a chùm ’s gun cuir daoine litir uca ag iarraidh mar a thaghas iad fhéin agus bithidh e air a chur ucaC .O. D.Tha e coltach gum bheil e tòiseachadh le beagan, ach ma bhios cùisean a’ dol leotha bithidh ancatalogueair a mheudachadh.
Tha ’n‘Scotch Wool Shop’a’ reic gu sònraichte snàth agus geansaidhean, ach tha stocainnean, sciortaichean agus aodach-bhoireannach eile aca cuideachd. Tha bùth anns a h-uile baile mór anns an dùthaich, bho Inbhirnis gu Dumfries, ach ’s anns an Oban no ’n Inbhirnis a tha ’m meur as goireasaiche airson nan Eilean—agus is mór an dùil gun dean daoine deagh fheum de ’n chothrom tha so.
[Dealbh]
So agaibh eisimpleir de na bheil iad a’ tabhann: Tha ’n càrdigan tiugh so le coilear àrd ri fhaotainn ann an gorm, dubh-ghorm, òr-bhuidh, beige agus uaine. Tha tomhas 36/38 a’ cosg 49/11 agus tomhas 40/42 a’ cosg 55/ -.
’Se geansaidh Sealtainn a tha so le amhaich fosgailte agus coilear beag, ann an dorcha-liath, òr-bhuidh agus nàdurra. Tomhas 36" agus 38": a’ phrìs 45/11.
Tha’n gùn-oidhche so agus an negligée a’ tighinn ann am pinc, gorm, apricot agus aqua. Tha iad air an reic air leth, an gùn-oidhch’ aig 35/11 agus an negligée aig 49/11.
title | Fasanan Ura |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ethne NicNeacail in Gairm 52 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |