Maise Gnuis
Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH
Làmhan agus Casan
BITHIDH sinn a’ gabhail saothair mhór ri ’r n-aodann is ri ’r falt ach glé thric tha sinn a di-chuimhneachadh ar làmhan is ar casan agus is olc a bu chòir dhuinn sin.
Innsidh mi dhuibh ann a so dé an aire a dh’ fheumas iad agus tha mi an dòchas nuair a chì sibh am piseach a thig orra gun lean sibh air saothair a ghabhail riutha.
Làmhan
Tha sinn ag ùisneachadh ar làmhan ris a h-uile rud a tha sinn ris cha mhór agus mar sin feumaidh iad aire airson an cumail mìn agus bog. Deanaibh so a h-uile seachdain.
1. Glan na làmhan gu math le bruis-ìghnean bhog—na boisean agus cùl nan làmhan.
2. Bog na làmhan airson trì na ceithir a mhionaidean ann a seipleis bhlàth.
3. Tiormaich gu math iad agus cuir pailteas de chungaidh-làmhan orra, ga shuathadh gu math a-stigh anns a’ chraiceann. Ma chleachdas tu cungaidh math theid e stigh dha ’n chraiceann ann am mionaid agus cha bhi e stiocach.
4. Geàrr le siosar beag freagarrach an craiceann a tha chòrr aig bonn nan ìghnean—bithidh so air a bhogachadh le na làmhan a bhith anns an uisge bhlàth.
5. Snaidh na h-ìghnean ach na cleachd snaidheadair cruaidh idir oir bithidh so a’ milleadh nan ìghnean agus gam bristeadh. ’Seemery - boardas fheàrr.
6. Bog na h-ìghnean ann an uisge blàth agus tiormaich gu math iad.
7. Ma tha thu cleachdadh lìomhadh-ìghnean cuir còta-stéidh orra an toiseach no lìomhadh-ìghnean anns a bheil còta-stéidh math sam bith. Cuir dà chòta dath orra airson gum mair e agus cuideachd b’ fheàirrd iad stuth-glasaidh.
8. Nuair a bhios tu toirt dhìot an dath gabh stuth anns a bheil ola agus seachainn fear anns a bheilacetoneoir bithidh e tiormachadh nan ìghnean agus gam bristeadh.
9. Ma tha gàgan air do làmhan cuir cungaidh-làmhan gu leòr orra nuair a bhios tu dol a chadal agus cur meatagan cotain orra airson a chumail far an aodach leapadh. As a’ mhadainn nigh do làmhan gu math agus cuir tuilleadh cungaidh orra. Ma dh’ fheumas iad a bhith ann an uisge cleachd meatagan rubair.
Casan
Chan eil an seòrsa bhrògan a tha anns an fhasan an diugh uabhasach math dha na casan idir agus feumaidh tu aire a thoirt air neo bithidh do chasan goirt agus sgìth.
1. Cùm na h-ìghnean goirid oir ma leigeas tu leotha fàs fada tòisichidh iad ri tionndadh a-stigh agus bithidh iad gu math cràidhte.
2. Tiormaich do chasan gu faicealach an déidh an nighe agus cuir crathadh phùdar orra anns a bheil stuth-fallais.
3. Nigh do stocainnean a h-uile h-oidhche.
4. Ma thig craicionn-cruaidh air do shàilean is bonn do chasan faodaidh tu stuth a cheannach a chuireas air falbh e.
Tha mi an dòchas gun lean sibh so gu cunbhalach. ’Se na casan ’s na làmhan as cruaidhe tha deanamh a dh’ obair dhe ’n cholainn air fad agus is math is fhiach iad saothair a ghabhail riutha.
title | Maise Gnùis |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 52 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |