A’ CHRAOBHAG
Le COINNEACH ROS
AON latha samhraidh agus dreach air an t-sliabh, dh’ fhalbh sinn a-mach, mi fhìn agus mo chompanach, agus shuidh sinn air fear de na tolmanan corrach feurach a tha sgapte an sud ’s an so air uchd gleannach cnocach Liosmhóir. Bha mo pheann ’s mo phàipear leam, agus bha mo chéile uidheamaichte mar a dh’ fheumte le canabhas agus peantaichean gu bhith glacadh aon de na seallaidhean brèagha a bha fo ar comhair. B’ i a’ cheist ciod an taobh a sheallamaid, oir bha maise agus móralachd Nàduir ceithir thimcheall oirnn—Muile ’s a’ Mhorbhairnn, Neibhis agus Cruachan, agus bideanan Chomhainn, paisgte ann an cuibhleagan ceò. Ach cha b’ e móralachd nam beann no duatharachd na mara a ghlac m’ aire aig an àm, oir tha sin daonnan am fradharc san eilean ghrinn so, ach craobh bheag sgiobalta a bha ’na seasamh leatha fhéin air bearradh creige thall mu mo choinneamh, beagan shlatan bhuam. Cha robh móran fuinn aice an sud, theireadh tu, agus càite an robh a companaich? An do shìol iad ás mar na daoine, ga fàgail an sud mar aon deireadh linn? Ciamar a ghineadh ’s a dh’ fhàs i, ’s i cho snog mear fallain, air a’ chruaths neo-thruasail ud? Sheas i suas an sud le a ceann duilleagach an àird, mar gum biodh i a’ tarraing neart agus beatha bho dhoimhneachdan móra nach b’ fhios dhuinne, a bha cho dis, breòite, dall. Bha gréim aice air a’ chreig mar gum biodh i air àirde de bhrod an fhuinn, a’ deanamh gàirdeachas ’na culaidh rìomhaich shamhraidh.
Nach iongantach, smaoinich mi a rithisd, mar a smaoinich iomadh fear eile, an gréim daingeann a tha aig gach rud beò, bho amoeba gu mac an duine ’na ghlòir ’s ’na chruaidh éiginn, air a’ bheatha so. Thagh a’ chraobhag ud thall cruaths na creige, agus a rèir coltais fàsaidh i suas gu bhith ’na craoibh mhóir sgairteil le sgaoilteach mheanglanan anns an dèan na h-eòin cluich is caithream nuair a bhios sinne nar duslach sinn fhìn; agus fàsaidh i aosda agus crìonaidh i troimh chunntas nan linntean, ach bidh fhathast gréim bàis, mar a their sinn, aic air bearradh na creige ud ’na seann aois. Gu fìrinneach is iongantach an saoghal ’s an domhan.
Bha beachd eireachdail aig na seann Lochlainnich mu ’n bheatha so gu robh i mar chraoibh mhóir, “Craobh Igdrasil,” le a freumhan a’ dol sìos domhainn ann an rìoghachdan an dorchadais, agus a meanglanan ag éirigh suas agus a’ sgaoileadh a-mach air gach taobh dh’ an domhan ’s dha na h-ionadan Flathail. Agus nach grinn a chosmhalachd
’Nam shuidh an sud, thug na beachdan sin gu bhith gabhail iongantais mi, iongantas air cho beag, cho truagh, cho leibideach ’s a tha sinn, ar càil ’s ar tograidhean ’s ar n-iarrtasan—eadhon ar n-ìnnleachdan ás a bheil uaill cho mór againn. Air cho beag ’s gu bheil ar saoghal— ’s tha e mar ghràinean gainmhich air cladach neo-chrìochnach an domhain—tha e furasda seallaidhean fhaotainn air iongantasan a’ chruthachaidh; ach beag ’s gu bheil e tha sinn trang le farmadan is sabaidean is féin-spéis, ar sùilean oirnn fhìn ’s air càch, agus a’ chraobhag ud thall a’ togail le aoibhneas a ceann ris na nèamhan.
Bha an dealbh air a tarraing, agus rinn sinn ar rathad dhachaidh troimh mhachraichean torach le talamh am pailteas airson iomadh craobhag, ach b’ fheàrr le mo chraobhag-sa bearradh na creige.
Aig an tigh chaidh an dealbh ùr le a dathan a chur suas far am faicte i, agus chunnacas an sealladh troimh shùilean eile. Air a’ chùl bha na beanntan, agus a-nall bhuapa bha a’ mhuir, na sléibhtean, agus aghaidh ghleannach chorrach an eilein so. Ann am fìor bheulaibh na deilbh, có bha sud ach a’ chraobhag air a creig, cuairtichte le fonn is talarnh gorm. Bha i fìor mhaiseach an sud—air a cruth-atharrachadh, a’ gabhail a h-àite dligheach san domhain mhór. Fhads a sheall mi oirre, ar leam gun d’ éirich i mar bhoillsgeadh suas os cionn nam beanntan, i laiste le dreach iongantach, a’ togail suas leatha na bha timcheall oirre, a’ chreag mar phàirt dhith, is ise ’na pàirt de ’n talamh uile ’s de ’n domhain gu léir.
title | A’ Chraobhag |
writers | Kenneth Ross |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Coinneach Ros in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |