[67]

ANNAG

Bha Annag le cliabh feamainn á tràigh Bhragair atighinn gu oitir bun na h-aibhne.

Bha Sasunnach ag iasgach bhradain air Linne na Buaile, an cùl amhuil, bha bradan aige air an t-slait, fhuair am bradan ás an linne dhan t-sruth, agus sud e sìos a-measg nan clachan muile.

Bha Annag aig acheart àm agabhail na h-oitir a-measg nan clachan muile agus chunnaic i am bradan a-measg nan clach. Rinn Annag mar gu sleamhnaicheadh i agus leth thuiteam.

Anns an tuiteam chuir i an cliabh feamainn a-mach thar mullach a cinns a bhial fodha air muin abhradain. Shàth i a làmhan dhan fheamainn mar gum biodh i ag ath-lìonadh achléibh. Fhuair i an dubhan ás abhradan agus lìon i an cliabh, leis abhradan ann, folaichte a-measg na feamainn.

Bha an Sasunnach a nis aice, ga cuideachadh air a casan, afaighneachdna bheurla fhéin an robh beud air éirigh dhi. Ri so, bha Annag, gun bheurla aice acrathadh a làmhan. Thog an Sasunnach oirre an cliabh. Bheannaich e a turas dhi agus leig e latha math leatha.

Domhnull aChriomanaich a dhaithris.
Tormod Macleoid, de shliochd Iain Uallaich.

titleAnnag
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page