[77]

SGRIOBHADH ANNS AN NOS UR AN GAEILGE NA H-EIREANN

Le PADRAIG O CONCHUIR

CHA leig sinn a leas uiread de mhìneachadh a dhèanamh air seann litreachas na h-Eireann, ri luchd leughaidh Albanach. Nuair a theid sinn beagan air ais ann an eachdraidh, ’se an aon litreachas a bha adol an Eirinn agus an Albainn. Nuair a mhilleadh abhunait phoiliticeach an Eirinn, cha do ghearradh air falbh buileach an tradisiun litreachail, achsann na bu laige a bha e afàs, a lìon beag agus beag.

Nuair a chuireadh air chois gluasad ath-bheothachaidh na Gaeilge cha robh saGhaeilge ach teanga muinntir na tuatha. SaChuimrigh, nuair a ghlac na Neo-aontaich ùghdarras ann am beatha an t-sluaigh, dhionnsaich iad leughadh do na daoine agus am Bìobull aca mar leabhar-leughaidh. Do bhrìgh sin, tha tradisiun litreachail aca, stéidhichte air modh-sgrìobhaidh aBhìobuill. Cha robh uiread de shùim aig an Eaglais Chaitligich anns aBhìobull, agus mar sin cha robh ach corra dhuine saGhaeltacht dam baithne leughadh no sgrìobhadh mura dèanadh e sin saBheurla. Thuirt sgrìobhaiche nach maireann gu robh iongantas an domhain air nuair a fhuair e mach gun gabhadh aGhaeilge sgrìobhadh idir.

Bha buidheann dhaoine ann a bha ag iarraidh litreachas nuadh-Ghaeilge a chur air chois. Sgrìobh iad leabhraichean stéidhichte air cainnt an t-sluaigh. Air dòigh, cha robh so glé fhreagarrach. Bha an teanga roinnte ann an trì prìomh dhualchainntean, agus bha gu leòr a dhaoine ann a bha an dùil nach bfhiach e an t-saothair a bhith gabhail gnothaich ach ri aon diubh sin, Gaeilge Mhumhainn mar eisimpleir. Cha robh a leithid de rud ann ri Gaeilge ghnàthaichte, agus bha na cóigidhean, no na roinnean-dùthcha, adèanamh uaill ás an dualchainntean fa leth.


[78]

Nuair a chuireadh an Saor-stàt air chois bha aGhaeilge ga teagasg anns gach sgoil. Mar sin thàinig meudachadh mór air àireamh nan daoine aig a robh an Teanga, ach bha leabhraichean Gaeilge fìor ghann. Chuireadh buidheann air bhonn leis an Stàit, air an robh an Gúm, gus achùis so a leasachadh. ’Se leabhraichean eadar-theangaichte bu mhotha a dhfhoillsich an Gùm. Ach bha amhór-chuid dhiubh air an eadar-theangachadh on Bheurla. Ged a bi aGhaeilge prìomh-theanga na Stàit, gu h-oifigeil, bha pailteas Beurla cha mhór aig a h-uile duine; agus tha e nas fheàrr leabhar sam bith a leughadh anns achànain san do sgrìobhadh e. Mar sin, bu mhór am beud nach robh eadar-theangaichidhean ann bho na cànanan eile. Co-dhiù, bha leabhraichean an Gaeilge rim faotainn. Agus bha buaidh eile air an obair so. Chan e obair gun tairbhe a thann oidhirp a thoirt air rud eadar-theangachadh gu cothromach bho aon chànain gu cànain eile. Mar bhlàth air an saothair mar luchd eadar-theangachaidh don Ghúm, dhionnsaich gu leòr de luchd-sgrìobhaidh an ceàird, agus rud a bfheàrr buileach, sgrìobh iad leabhraichean ás an ceann fhéin.

A thuilleadh air leabhraichean, bha irisean mìosail ann. Tha am fear as sine dhiubh, An t-Ultach, a nis air aois da fhichead bliadhna a ruighinn. A thaobh leabhraichean sgoile, bha leabhraichean gràmair air an cur a-mach, agus leabhraichean a bha abuntainn ri beatha an t-sluaigh air an tuath. Mar sin, chuireadh an clò na dusanan de leabhraichean aotrom air an sgrìobhadh a chum leas nan sgoileirean, leithid Buacaillí agus Bleachtairí le Cathal O Sandair. Nam faighte gille aleughadh leabhair air fàth, nuair bu chòir dha bhith aig a leasanan, bha e a cheart cho dòcha gur h-e fear de leabhraichean Chathail a bhiodh aige.

Car greis, bha raon-litreachais na Gaeilge gu math fàs, gun ach corra leabhar anns a robh luach mar litreachas atighinn am follais. As déidh an dàrna cogaidh thàinig atharrachadh air an sgeul. Thogadh cuspair an sgrìobhaidh an Gaeilge aig cruinneachadh de bhuill nan oilthighean. A chum leasachadh a thoirt air foillseachadh na Gaeilge chuir iad an Club Leabhar air bhonn. Thug an Club Leabhar brosnachadh mór do luchd sgrìobhaidh na Gaeilge. Cha be gu robh móran airgid ri fhaotainn ás; chan eil e comasach do dhuine a bhiadh a dhèanamh air sgrìobhadh na Gaeilge, ach bha fhios aig an luchd-sgrìobhaidh gum faigheadh iad na h-uiread de luchd-leughaidh, air achar bu lugha àireamh nam ball anns achlub nan gabhadh An Club ri leabhar a sgrìobhadh iad.


[79]

Aig an Oireachtas (am Mòd Eireannach) chuireadh air bhonn duaisean mu choinneamh sgrìobhaidhean ann an roinnean sònraichte (ursgeulan, dràma, cunntasan-beatha is a leithid sin). Bha cothrom aig luchd-sgrìobhaidh duais airgid agus còirichean ùghdairean aChlub Leabhar a bhuannachd. Bho chuireadh air bhonn an Club Leabharsann atighinn air adhart a tha sgrìobhadh saGhaeilge fad an t-siubhail. Tha móran bruidhinn ann mu ar càirdean sna Stàitean Aonaichte. Bu tric a chaill sinn sealladh air na h-eilthirich a chaidh a-null; cha robh Eirinn dhaibhsan ach mar thìr na seamraig; ach am bliadhna, chuir comunn Eireannach-Ameireaganach an céill gun tugadh iad seachad sreath de dhuaiseannan móra an coinneamh sgrìobhaidhean an Gaeilge.

O chionn grunn bhliadhnachan, tha sgrìobhaidhean saGhaeilge air an aon cheum ri obair nan Eireannach a tha acleachdadh na Beurla; uaireannan tha na sgrìobhaidhean Gaeilge aruighinn inbhe nas àirde. Ma sgrìobhas duine an Gaeilge chan eil margadh ro mhór ann. Ach ma sgrìobhas e am Beurla chan eil margadh dad nas motha aige. Ma tha dhìth orra mór reic fhaighinn air an cuid leabhraichean feumaidh iad sgrìobhadh do na Sasunnaich agus do na h-Ameireaganaich. O chionn beagan ùine, bha luchd-sgrìobhaidh Eireannach a bha acleachdadh Beurla airson gun gabhadh an Club Leabhar ri leabhraichean am Beurla.

Da fhichead bliadhna air ais, mura robh aGhaeilge aig duine cha robh sona chnap-starraidh dha. A nis as a h-eugmhais tha móran ann a theid seachad air duine. Fad cheudan bliadhna bha daoine den bheachd nach robh sìobhaltachd ann ach an t-sìobhaltachd Bheurla; tha iad ann fòs! Ach a nis, tha gearain aig feadhainn eile an aghaidh na Gaeilge. Tha iad ann a dhiarradh leabhraichean a sgrìobhadh am Beurla, no sgrùdadh a dhèanamh an cuspair air choreigin, a thaobh ciùil no eachdraidh is dòcha, agus tha iad an cruaidh-chàs as eugmhais na Gaelige, a chionns gu bheil grunn math de leabhraichean air am foillseachadh ann an Gaeilge air na cuspairean sin. An àite oidhirp a thoirt air aGhaeilge ionnsachadh tha e nas fhasa dhaibh ionnsaigh a thoirt oirre!

Chan eil mi airson coimeas a dhèanamh (agus cha burrainn dhomh a dhèanamh) eadar nuadh-litreachas an Gaeilge agus an Gàidhlig na h-Albann. Ach an diugh tha e soilleir gu bheil móran a bharrachd ga sgrìobhadh an Eirinn. is aobhar dha so? Chan eil e duilich acheist so a fhreagairt. An Eirinn, gheibhear còmhnadh airgid on


[80] Stàit mu choinneamh clo-bhualaidh. ’Se gnothach deacair a thann an obair an fhoillseachaidh, eadhon sna dùthchannan móra. Ged nach biodh an cuideachadh a tha atighinn on Stàit ach beag, tha e fìor fheumail.

Is dòcha gu robh ena chòmhnadh mór do shoirbheachadh an ath-bheothachaidh an Eirinn, gu robh dlùth cheangal eadar an Teanga agus an Nàiseantachd. Sgrìobh Pádraig MacPiarais (Patrick Pearse) leabhraichean san nuadh-Ghaeilge; chuir e sgoil dhà-theangach air bhonn; chuireadh ás dha, an déidh Aramach 1916. Trì bliadhna mus dfhuair e bàs, dhearbh e an ceangal a bha eadar an Nàiseantachd agus aGhaeilge, nuair a thug e bòid mun chuspair a bha roimhe agus roimhn luchd-leanmhainn aige: “Eire, amháin saor ach Gaelach, chó maith; amháin Gaelach, ach saor chó maith.” Ghabh na Nàiseantaich gu léir ris achuspair sin, agusse sin bu choireach gun ghabhadh ris aGhaeilge mar theanga oifigeil.

Is cinnteach gun tug an Nàiseantas spreagadh mór don Ghaeilge. Bho 1916, bha na ceudan dhaoine ann a dhionnsaich aGhaeilge ann am prìosan no ann an càmpa glaiste. A-measg nam prìosanach poiliticeach mu dheireadh bha duine a thogadh an Lunnainn. Dhionnsaich e aGhaeilge anWormwood Scrubs, agus chuireadh an clò sreath de a chuimhneachanan an Comhar (iris mìosail) nuair a leigeadh ma sgaoil e. Tha e an diugh air fear de na sgrìobhaichean as fheàrr an Eirinn, ’se sin Máirtín O Cadhain. Tha e a nis san Roinn Ghaeilge an Colaisde na Trianaid, am Baile Atha Cliath. Ri linn achogaidh chuireadh an gréim e agus chaith e greis an Càmpa Glaiste saChorrach. Faodar a ràdh gu robh seiminear de luchd-sgrìobhaidh Gaeilge fo a chùram an sin.

Chan fhaod sinn a bhith riaraichte leis na chaidh a dhèanamh, ach feumar aideachadh gun tàinig adhartas. Nuair a thig Yeats no Joyce eile am follais tha deagh sheans ann gur h-ann saGhaeilge a bhios iad asgrìobhadh.

[Sanas]

titleSgrìobhadh an Gaeilge na h-Eireann
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Pàdraig Ó Conchúir in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page