A’ CHLARSACH
Leis a’ Mhaighdinn-uasail RUSSELL-FERGUSSON
THE cleamhnas aig a’ chlàrsaich is aig an fheadan ri chéile ann an ceòl na Gaidhealtachd. Tha luchd-ionnsachaidh a’ deanamh feum dhiubh, agus gu dearbh cha dean duine tha gu bhith strì ris a’ chruit mhóir no ris a’ phìob mhóir a’ chùis ás an aonais; ach tha na daoine sin a’ cur cùl riutha aon uair ’s gun teid aca air na h-innealan ud a chluich, agus chan eil guth tuilleadh orra ann an saoghal mór a’ chiùil.
Chan eil am feadan cho truagh dheth, oir tha móran de cheòl-pìoba a’ feitheamh air an fheadhainn a dh’ ionnsaicheas mar a chluicheas iad e. Ach ’se fìor bheagan a chaidh a sgrìobhadh de cheòl as urra dhuinn a chluich air a’ chlàrsaich leatha fhéin, oir tha duilgheadas ann a thaobh nanaccidental. Chan eil luchd-ciùil airson cus tìde a chosg ri inneal aig nach eil comas ro mhór, ged a tha luchd-ciùil ann a tha cho dùrachdach ’s gun toir iad buaidh air móran de na duilgheadasan.
Ach an uair a tha a’ chlàrsach air a cleachdadh mar chuideachadh do ’n ghuth-cinn chithear a luach an uair sin; tha iad ag obair ann an co-bhoinn, agus is gann gu bheil crìoch air an éifeachd an uair a tha iad air an cleachdadh anns an dòigh so, leis a’ chlàrsaich a’ leantainn ’s a’ cur ris a’ ghuth-cinn.
Anns a’ chlàr ‘Ceòl Clàrsaich’ a rinn mi chì luchd-ciùil nach eilaccidentalidir ann an gin de na trì pìosan ciùil a th’ ann.
Dh’ fhaodainn iomadach sgeul annasach innse mu na turasan a ghabh mi leis an inneal so. Anns a’ Ghearmailt cha mhór nach robh oileanaich a’ chiùil ga pògadh leis mar a chòrd fuaim a’ chiùil annasaich so riutha; ann am Breatainn na Frainge chroch na draoidhean an
Shiubhail antoola bha so cuide rium gu dòigheil troimh na dùthchannan tetha caochladh uairean an déidh sin, agus is dòcha nach do ghabhadh uiread de dh’ ùidh innte le sluagh sam bith ’s a ghabhadh leis a’ chloinn an Singapore. Bha a’ chuirm an sin air a deasachadh le luchd an Fhoghluim, agus bha clann ann de dh’ iomadh fine is cinne; chuir an t-inneal iongantas orra, agus dh’ èalaidh guth binn na clàrsaich a-steach ’nan cridheachan.
Tha mi fhìn a’ creidsinn ga bheil àite ann do ’n ghuth sin ann an saoghal a’ chiùil, accidentalsann no ás. Mo chuimhne, b’ ann le tubaist a lorg mi a’ chlàrsach so a th’ agam, ann am bùth am baile Washington o chionn fhada.
[Sanas]
title | A’ Chlàrsach |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | A’ Mhaighdeann-Uasal Russell-Fergusson in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |