[11]

BAN-LEODHUSACH AIR SAFARI (3)

Le MAIREAD NICASGAILL

B’ ann an trìtheamh bliadhna a bha mi thall a chaidh mi gu Winnipeg a theagaisg Beurla agus Fraingeis ann an colaisd a bhuineadh don Eaglais, a bha acur air chois an bhliadhna mu dheireadh den sgoil mhóir, far am faodadh daoine a thighinn airson pàidhidh, gu cuspairean deuchainnean deireach sgoile ionnsachadh agus a sgrìobhadh. Cha burrainn sgoil a bhith na beucholtaich ri chéile na bha an mu dheireadh air an robh mi abruidhinn agus an so.

Dhfhaoidte trì buidhnean a dhèanamh air na h-oileanaich; bha iadsan a bha an aois cheartson na sgoile agus a bha air an cur chun na sgoile so seach gun robh i ceangailte ris aCholaisd, agus gun leanadh iad air adhart; iadsan ris nach gabhar ann an sgoil sam bith ach sgoil a bhitheadh air a pàidheadh airson an gabhail, agus iadsan a bha aosd ach a bha atilleadh ach am burrainn daibh ionnsachadh na burrainn toirt orra deuchainnean deireach na sgoile a sgrìobhadhs gum burrainn daibh an uair sin obair na bfheàrr fhaotainn no gum burrainn daibh dol don oilthigh. Bha móran diubh pòsda le teaghlaichean agus feadhainn diubh còrr air fhichead bliadhna; bha feadhainn ag obair san t-samhradh, asàbhaladh an cuid airgids adol don sgoil sagheamhradh; bha feadhainn eile lem mnathan ag obairs achlann bheaga ann an sgoil bhig no aig cuideigin asealltainn ás an déidh.

Bha na clasaichean an so cho mór ri 50 agus 60 duine; mar bu mhotha iadsann bu mhotha an t-airgead a gheibheadh aCholaisd, agus cha be teagaisg a chanadh tu ri seasamh agus òraid a thoirt seachad mar shìol agus mholl air aghaoith. Cha robh iad acreidsinn ann an smachd, ach bha e air a chur fa chomhair gach duine, anns an leabhran a gheibheadh e achiad latha, gum bu dhuine uasal agus maighdeann uasal gach fear agus aca, ach tha uaisleachd mar achòir . . . . mar a chumar i. Nan dìochuimhnicheadh tu gur duine uasal thus gun deigheadh muidhn do shadail a-mach, cha bhitheadh tu fada gun a bhith stigh a rithist nad dhuine uasal, ma bha sporan reamhar gu leòr aig dathair. Bha cleamhnas aig an sgoil so ri sgoiltean Shasuinn ann an cuid de na


[12] cleachdaidhean ged a bha sloinnidhean de gach seòrsa innte, ach gu h-àraidh Ukrainianich, Gearmailtich, Breatannaich agus Iùdhaich. Bha an dòigh-bruidhinn agamsa uabhasach annasach leotha, agus man do rinn mi càil eile chuir mi aon fhear aca a leughadh mu na h-Eileanan an Iar, oir thàinig e an latha so a dhfhoighneachd dhomh bhanns an rud so caithris na h-oidhch’ . . . . . gum bitheadh e móran na bfheàrr so a theagaisg na Beurla.

Air feadh Chanada gu léir tha móran ùidh ann am foghlum agus ann an sgoil, chan ann air a sgàth féin ach air sgàth na buannachd a thigna cois. Bho bhithna dùthaich le sluagh an urra ris an talamh tha Canada an diugh le sùil air bith-beò a thig cuideachd bho oibrichean ann am bailtean; an cois oibrichean thig innealan a dhfheumas foghlum gu an oibreachadh. Tha an sluagh acasan cuideachd acur cùl ri tacannanson bith-beò mar a thàtar afoghlum gu feum an tac a bhith nas mothas nas motha gu toilltinn nan inneal móra a tha adeanamh na h-oibreach soirbh.

Tha achlann aca adol don sgoil aig sia bliadhna agus atoirt sia bliadhna san sgoil bhig . . . . elementary no grade school. . . . agus an uair sin sia bliadhna, ann an cuid de roinn-dùthcha, seachd, anns an sgoil mhóir . . . . High School. ’SeJunior Higha theirear ris achiad trì bliadhna den sgoil mhóir agusSenior Highris achòrr. Chan eil deuchainn sam bith aca ga sgrìobhadh mar tha deuchainn an t-seachdamh bliadhna anns na sgoiltean againne. Tha iad gu léir adol air adhart chun na h-aon chuspairean anns achiad trì bliadhna, agus chan eil móran eadar-dhealachaidh anns na cuspairean no anns an dòigh anns am bheil iad air an teagaisg bhon fheadhainn a bha aca san sgoil bhig. Tha iad san dara clas mus eil guth airGeometry, agus glé fhaisg air an trìtheamh clas mus eil guth airAlgebra, agus, an uair sin fhéinsann a tha an chuspair air am figheadh a-steach timcheall air cunntadh. Tha eachdraidh agus eòlas-cruinne air an cur còmhla fon aon ainm—Social Studies—agus tha eòlas ainmhidh agus bheathach còmhla ri ealan aca bho chlasaichean òga na sgoile bige, agus móran nas trice na tha na cuspairean sin anns na sgoiltean beaga an so. Mar a tha iad adol air adhart san sgoil, ’s afaighinn chuspairean is caomh is nach caomh leotha, tha e an urra riutha fhéin agus an luchd-comhairleachaidh (fear agus boireannach den luchd-teagaisg a bhitheas gan comhairleachadh) na cuspairean a chumas iad anns na trì bliadhna mu dheireadh den sgoil. Tha comharraidhean air an toirt seachad airson gach cuspair air an dèan iad


[13] achùis gach bliadhna, agus feumaidh iad àireamh àraid diubh sin a bhith aca aig deireadh nan deuchainnean anns abhliadhna mu dheireadh den sgoil. ’Na mo shealladh-sa bha e iongantach na bha de chomharraidhean aig cuspairean mar chleasachd ann an coimeas ri Beurla agus cuspairean mar sin.

Cha bàbhaist a bhith atabhach cànain air bith chun an trìtheimh bliadhna sanJunior High, ’s be Fraingeis a gheibheadh iad an uair sin, ach tha iad a nis atoiseachainn air Fraingeis san sgoil bhig cho tràth agus is urrainn daibh, nuair a tha e móran nas fhasa do chloinn fuaimean cànain coimhich a lideadh. Ged, le gnìomh ACHD AN AONACHAIDH, chaidh riaghaltas an eideachaidh fhàgail aig gach roinn-dùthcha, tha luchd-riaghlaidh na dùthcha air fad afidreachainn mar as luaithe a dhionnsaicheas mór-shluagh Chanada Fraingeis gur ann as fheàirrde Canada e a thaobh aonachas an t-sluaigh, seach gu bheil sluagh Quebec gam faicinn fhéin mar Fhrangaich an toiseachs mar Chanadaich a rithist. Ann am Montreal, Quebec agus roinn-dùthcha Quebec, cluinnear barrachd Fraingeis na Beurla. Tha ainmean nan sràidean san Fhraingeis agus chan eil càil de nàire air na daoine gur e Fraingeis cànan am màthar-san, ged tha riaghladh na dùthcha, Canada, saBheurla. Anns na sgoiltean aca, ann an roinn-dùthcha Quebec, far an e Fraingeis an cànan màthaireil, ’se sin an cànan anns a bheil iad air an oileanachadh agus thàtar ag ionnsachadh an dara cànain san sgoil. Chan eil pacaid bidhe a cheannaichear air feadh Chanada air nach eil an dara taobh air a sgrìobhadh anns an Fhraingeis agus an taobh eile anns aBheurla.

Ann am prìomh bhaile gach roinn-dùthcha, tha oifig is ministear is dreuchd an eideachaidh, agus ás an sin tha leabhranan air gach ìre anns gach cuspair atighinn gu gach duine a tha ateagaisg, ag innseadh dha a dhfheumas e teagaisg agus an ùine a dhfheumas e thoirt ga theagaisg. Tha an earrainn-ùine a tha ri chosg air gach cuspair gach latha air a cur sìos, agus tha leabhar-làitheil ri chur air dòigh latha roimhn àm (gu tric tha e fuireach greis san sgoil ga chur air dòigh) acur sìos a tha dùil aige a theagaisg. Anns an leabhar làitheil so, no air duilleig pàipeir càirichtair abhòrd-sgrìobhaidh, feumaidh a bhith follaiseach pàipear le ainmean na cloinne mar a tha iadnan suidhe. Tha so gun fhios nach tig air fuireach ás an sgoil, agus an uair théid fios a chur air an duine a sheasas àite (bidh fios air dithis no thriùir a bhitheas deiseil so a dhèanamh) nach bi càil bhuaith ach


[14] sealltainn anns an leabhar as còir dha a dhèanamh agus ris aphàipearson ainmean na cloinne.

Tha dòigh-eideachaidh na cloinne aca math da-rìribh air pàipear, ach chan eil a thoradh cho math ri sin. Be mo bharail-sa, ann a bhith afeuchainn ris an aon chothrom a thoirt do na h-uile nach robh na cuspairean duilich gu leòr dhaibhsan aig an robh eanchainn mhath, agus nach robh guth air an fheadhainn a bha truagh; a nis thaMajor Work classesafàs nas cumantaclasaichean anns a bheil an fheadhainn as fheàrr afaighinn barrachd grunnachaidh anns na cuspaireanagus tha barrachd de sgoiltean móra ateagaisg ceàird, oir tha féill air luchd-ceàird air feadh na dùthcha. Tha na leabhraichean a tha acur impidh air luchd-teagaisg ach gu a theagaisgeas iad afàgail gu bheil barrachd eachdraidh agus eòlas-cruinne air an cur fon comhair anns an sgoil bhig agus nach ann buileach air Alfred agus an aran choirce loisgte a bha iad atighinn beò bliadhna an déidh bliadhna. Anns an sgoil bhig bha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn achiad dhaoine a thathaich ann an Canada agus bha sin atoirt luaidh air na h-Albanaich agus na Gaidheil agus fuadach nan caorach . . . . rud nach eil ach tearc aruighinn air sgoiltean an so. Cha robh achlann anns an sgoil bhig atoirt idir cho fada air cunntadh agus sgrìobhadh ri cloinn anns na sgoiltean beaga an so, ach cha robh uile-bheist na deuchainn le cunntadh agus Beurla afeitheamh riù-san aig ceann na sgoile ged a bha deuchainnean aca ri sgrìobhadh aig ceann achiad trì bliadhna san sgoil mhóir an uair a bhitheadh iad cóig bliadhna deug. Ach tha na h-aon leabhraichean sin cuideachd afàgail nach eil tòrr den luchd-teagaisg astrì ri cuspairean a thoirt seachad air dhòigh bheòthail . . . . tha earrainn mhath ann de sgrìobhadh a bhith ga shadail air abhòrd-sgrìobhaidh agus achlann ga thoirt sìos. Tha na leabhraichean so cuideachd afàgail gu bheil luaidh air a dhèanamh mu chuspair, can ann an eachdraidh, am bliadhna, rud beag a bharrachd an ath bhliadhnas rud beag an ath thè, ach leis an tìde a tha air a chur a-mach air a shon chan eil duine ach asgrìobadh air amhullach agus adeanamh na cloinne sgìth den aon rud mur eil e air a theagaisg gu math mu dheireadhmar a thubhairt fear de na balaich anns achiad bliadhna den sgoil mhóir . . . . “same old crap all over again. ”

Ann an coimeas ri cloinn na rìoghachd so, bhitheadh clann na dùthcha ud móran nas luaithe air seasamh agus bruidhinn mu chuspair . . . . ged nach bitheadh móran fios aca mu deidhinn . . . . ach, anns achumantas bhitheadh iad fada air dheireadh orra anns an


[15] sgrìobhadh, agus ann an àireamh nan leabhraichean a bhitheadh aca air a leughadh, ged, le uiread de dheilbh, ’s de leabhraichean le móran dhealbh agus beagan sgrìobhaidh, dhaithnicheadh iads bhitheadh beachd aca air iomadach ainm leabhair geds dòchnach do leugh iad riamh iad gu h-iomlan. Cha robh iad math air sgeulachdan a sgrìobhadh gu ceart ged a bhitheadh beachdan matha anns na sgeulachdan aca, agus baobhar air an so nach robh de thìde air fhàgail aig an luchd-teagaisg airson an ceartachadh agus nach robh mór-roinn den luchd-teagaisg iad fhéin math air sreath a sgrìobhadh no a chur ceart. Tha móran phàipearan aca rin lìonadh, de fheadhainn trì leth-bhric, agus sanas air deuchainnean na cloinne ri bhith air an cur dachaidh trì turais anns abhliadhna bho theid achlann don sgoil, agus leis na leisgeulan sin, agus gu cumail an àirde ris na tha leabhar na Beurla ag iarraidh a theagaisg dhaibh, tha tòrr den Bheurla a tha iad adèanamh nach eil ag iarraidh ach aon fhacal a chur ann an sreath gu sreath a chrìochnachadh. Tha so luath ri dhèanamh, tha e luath gu cheartachadh (tha achuid as motha de na deuchainnean aca air an dòigh so) ach chan eil e math gus an comas sgeulachdan a sgrìobhadh ceart a thoirt air adhart.

Nighean-sgoile an Canada. Tha i air Grade X, no an ceathramh bliadhna den Ard-sgoil.

Bha achlann, agus gu h-àraidh anns an sgoil mhóir, móran na bu bheothail mu ghnothaichean an t-saoghail bho latha gu latha na tha an cumantas de chloinn an so. Dhfheumadh fhios a bhith aca mu U.N. O. ’s ciamar a thòisich es ciamar a bha asoirbheachadh leis; bha bratach U.N. O. crochte anns an sgoil, agus a-muigh, bho mhadainn gu oidhche air agheamhradh agus fad an t-siubhail air an t-samhradh, bha bratach na dùthcha aca fhéin, ged is e air dhath eadar-dhealaicht a bhitheas ann a nis. Bhon òige bha na leabhraichean aca air a bhith sparradh annta gun robh iadnam ball anns aChommonwealth agus an


[16] uallach agus na maitheasan a bha sin agiùlain leis, nithean, feumaidh mi aideachadh, nach tàinig a riamh a-steach ormsa gun robh agam rin ionnsachadh, mar a bha agam ri iomadach rud eile ionnsachadh, ’son an teagaisg. Bha am beachdan fhéin aca air na dùthchannan a bu dlùithe dhaibh:— “Bha Breatainn deis; rinn i rudan math is donana latha . . . . math ged nach bitheadh ann ach laghannan is dòigh-riaghlaidh pàrlamaid . . . . achsann aig dùthchannan ùra mar a bha iadsan, le iomadh seòrsa sluaigh, a dhionnsaicheadh bho mhearachdan eachdraidh nan linntean, a bhitheadh an lamh an uachdar an déidh so. Ameireagaidh . . . . huh! Cha robh fhios carson a bha acasan ri ionnsachadh na h-uiread mu dheidhinn Ameireagaidhs beachd cho mór aig Ameireagaidh oirre fhéins nach ionnsaicheadh i fhéin mu dheidhinn duine eile.” Cha robh càil a chuireadh uiread de dhainmein air Canadaich air chuairt na eubhach Yank orra, ged a tha iad ann a tha smuaineachainn gum bu chòir don dhùthaich a dhol fon aon riaghladh.

Bha achlann so bonntachail asda fhéins ás an dùthaich, ’s làn fhios aca ged thigeadh cruaidh orra nach robh iad an urra ri dùthaich eile airson móran . . . . biadh no pòr no beartas ola, gas, òir is miotailtean a thig á doimhneachd na talmhainn.

Mar a bha Canada afàs, cha robh luchd-teagaisg ach tearc, agus bhatar agabhail a theagaisg sluagh nach robh fallain, no slàn gu obair throm eile a dhèanamh. Bha iad an déidh sin gan gabhail dìreach a-mach ás an sgoil, ged nach bitheadh air soirbheachd leotha glé mhathnan Deuchainnean, is feadhainn eile le bliadhna air a thoirt anns aCholaisd airson luchd-teagaisg a thrèinigeadh anns anNormal School. Bha pàidheadh bochd aca agus cha robh spéis daibh fhéin no do oileanachadh air feadh na dùthcha. An déidh achogaidh mu dheireadh, le tuilleadh cloinne rin eideachadh, ’s amharus nach robh an eideachadh sin ro mhath, roghnaich riaghaltas gach roinn-dùthcha gun cuireadh gach fear agus bean-theagaisg a nis an sùil air degree fhaotainn, agus ged a dhfhaodadh iad tòiseachadh ateagaisg le bliadhna de thrèinigeadh (tha e nis air a chur gu dhà) gu robh e mar fhiachaibh air a h-uile duine aca feuchainn ris an degree sin a chosnadh le a bhith acaitheamh gach samhraidh san oilthigh (chaidh anNormal Schoola chur á bith) ag ionnsachadh chuspairean a dhoibricheadh dhaibh gu degree B.Ed. fhaotainn. Agus tha e iongantach na cuspairean a bheir B.Ed. dhaibh . . . . cleasachd is deanamh dhealbh is còcaireachd is saorsainneachd còmhla ris na cuspairean ris a bheil


[17] sinne cleachdte ann an degree. Chan eil àiteachan air leth gu teagaisg luchd-teagaisg cleasachd, còcaireachd, ’s dhealbh mar a tha an so agus fear a baithne dhomh a bhitheadh ateagaisg Chleasachd tha en diughna mhaighstir-sgoile.

Bha am pàidheadh adol a dhéirigh ga rèir, agus bha iad gu bhith air am pàidheadh a rèir cia mheud bliadhna no bloigh-bliadhna trèinigidh a bhitheadh aca, ri tòiseachadh leis achiad bhliadhna shlàn. Tha buidheann-aonachais aig an luchd-teagaisg anns a h-uile roinn-dùthcha agus meur dith, le comhairle a dhaon ghnothach gu iarraidh àrdachadh-pàidhidh anns a h-uile sgìre. ’Sann a tha meud pàidhidh an luchd-teagaisg an urra ri Bòrd Sgoile na sgìre; chan eil an t-aon phàidheadh aig a h-uile duine leis an aon trèinigeadh idir, oirsann a tha am pàidheadh a rèir na sgìre anns an tàrr dhut a bhith ag obair ged a tha h-uile Bòrd Sgoile agus sùil aige ach a tha an ath Bhòrd atoirt seachad.

Bha na cùrsaichean a gheibhte anns an oilthigh anns an t-samhradh cuideachd air an teagaisg ann an cuid de bhailtean air an oidhche agus air Di-Sathuirne fad agheamhraidh, agus dhfhaodadh iad mar sin a bhith ag oibreachadh chun an degree a shamhradh agus a gheamhradh gun phàidheadh air bith a chall. Abhliadhna a thug mise ann a Winnipeg, chaidh mi gu dhà de na cùrsaichean a bha so gus am faicinn co ris a bha iad coltachoidhche ás an t-seachdain guLinguistics, air a theagaisg le Albannach, agus oidhche guHistory of Canadian Educationair a theagaisg le fear a chaidh a thogail ann an Albainn Nuadh. Le trèinigeadh Albanach, cha bhitheadh a dhìth air mo leithid-sa ach chùrsa eile den t-seòrsa ud airson B.Ed., agus aon òraid sgrìobhte air cuspair co-cheangailte ri eideachadh chloinne airson dotaireachd, abhliadhna an déidh sin . . . . a tha fàgail dustadh math den t-seòrsa dotairean sin ag éirigh a-measg an t-sluaigh. ’S mi fhéin a bhitheadh mór asam fhéin nam bann an Obar-Dheadhain a fhuair mi na comharraidhean ud . . . . ach cha robh móran diubh le comharraidhean beaga.

Tharraing na nithean so móran dhaoine gu teagaisg, gu h-àraidh seach gun robh e na bfhasa faighinn a-steach a dhionnsachadh eideachadh ann an oilthigh na bha e faighinn a-steach gu cuspair-foghluim sam bith eile, ach dhaobhraich iad gun do dhéirich bhuidhinn a-measg an luchd-teagaisg.

Biad sin iadsan a bha air a bhith ateagaisg bho chionn bhliadhnachan le bliadhna no nas lugha de thrèinigeadh agus a bha ameas


[18] gur h-e an t-eòlas a ni feabhas don luchd-teagaisgs nach e degree. Tha iadsan ameas nach bfhiach dhaibh tuilleadh an ceann a chur ann am bruailleanson tilleadh don oilthigh agus tha cuid aca nach deanadh achùis co-dhiù. ’Se an dara buidheann feadhainn òga, leis an degree, no a bha ag obairson an degree agus afaighinn aphàidhidh mhóir a bha so, ged ann am beachd an luchd-teagaisg bu shine nach robh càil de bheachd aca ciamar thòisicheadh iad air teagaisg idir. Mar sin chluinnteadhdegree teacheragusexperienced teacher. ”Eadhon an diugh chan eil an aon spéis aig teagasg mar dhreuchd agus a tha aig na dreuchdan eile.

Tha buaidh aig an dòigh-trèinigidh a tha so ann gu bheil ceangal nas dlùithe aig na sgoiltean ri nithean ùra sam bith a tha ag éirigh ann an dòigh teagaisg, mar tha am Bòrd agus fear-stiùiridh na sgìre gan cur air chois. Chan e nach eil rag-mhuinealachd an sud mar tha e so, ach saoilidh mi nach eil uiread de fhreumhaichean gan ceangal anns an aon slochd a thaobh gum bheil seòladh atighinn gu math tric bho oifig an eideachaidh mu rudan ùra bu chaomh leotha a dhfheuchadh iad anns na sgoiltean. Chan eil uiread de shaorsa no de shaorsa an toile féin aig luchd-teagaisg ann an Canadas a tha aca an so . . . . tha an t-aon leabhar air a chleachdadh anns an aon chuspair anns a h-uile sgoil anns an aon roinn-dùthcha. Tha fear-riaghlaidh no fear-sgrùdaidh air a h-uile sgìre: tha an luchd teagaisg cunntachail don mhaighstir-sgoile no, gu tric, anns achiad sgoil, don bhean sgoile; tha esan no ise cunntachail don fhear-sgrùdaidh; tha esan cunntachail do Bhòrd-Sgoile na sgìreachd; tha iadsan le chéile cunntachail do fhear-sgrùdaidh nas àirde agus do oifig agus ministear an Fhoghluim ann am prìomh-bhaile na roinn dùthcha. Faodaidh fear-sgrùdaidh na sgìreach tadhal uair air bith, agus gach bliadhna gheibh thu fhéins do mhaighstir-sgoile agus oifig an fhoghluim teisteanas mu na rudan matha agus dona a chunnaic e an uair a thadhail e. Bithidh am maighstir-sgoile atighinn a dhéisdeachd do na rumannan a dhfhaicinn ciamar a tha achlann fo smachd agus ciamar a tha an teagaisg. Tha an leabhar a tha ag innseadh nach robh san sgoil air an t-seachdain ri dhol gu oifig amhaighstir-sgoile a h-uile Di-h- Aoine agus an leabhar làitheil ag innseadh a tha air a theagaisg, gach mìos. Aig achar as motha, chan eil ach deich mionaidean dheth samhadainn agus chan eil sin fhéin ann feasgar. Anns achuid as motha de sgoiltean cha bhi tea ann gu ás déidh na sgoile agus aig tìde diathad thathas acaitheamh ùine aceartachadh leabhraichean no agabhail buidhinn den chloinn[19]


[20] air son dràma, seinn, togail dhealbh no rud air bith anns a bheil ùidh aca. Chan eil tighean-còcaireachd gu biadh a dheasachadh an cois nan sgoil idir agus tha iad anns abhitheantas atoirt leotha biadh bhon tigh; feumar duine den luchd-teagaisg a bhith air an ceann fhads a tha iad ga ith agus an uair sin fad uair na tràth-dìnneir tha e an urra ris an duine sin an cumail fo smachd anns na trannsaichean agus a-mach ás na rumannan. Tha duine ris an aon cheàird a-muigh air an raoin oir ma thachras càil do dhuine faodaidh iad cur casaid gur ann troimh dhìth-faicill na sgoile, agus tha suim airgid aig achuid as motha de na h-oileanaich ga phàidheadh mar urras an aghaidh a leithid de thachartas.

Tha facal làidir aig na pàrantan cuideachd, agus seach gur ann ás an àite fhéin a tha buill Bòrd Sgoile na Sgìreachd, faodar casaid an aghaidh duine den luchd-teagaisg no an aghaidh amhaighstir-sgoile ris aBhòrd no ris an fhear-sgrùdaidh. Tha comunn phàrantan agus luchd-teagaisg(P. T.A. )anns a h-uile sgoil, acruinneachadh gach mìos; an sin bithidh cuid de obair na cloinne ri fhaicinn, no cuideigin atoirt òraid do na pàrantan mu rudan ùra ann an gnothaichean eideachaidh agus dòighean-teagaisg . . . . agus bidh iad ag òl cofaidh, ag ith céic agus abruidhinn!

Ann an cuid de na sgoiltean tha trì làithean anns abhliadhna air a bheil cuireadh air a chur gu pàrantan a thighinn a sheasamh air cùl an t-seòmair, fhads a tha an duine a tha air an ceann gan teagaisg. Bha feadhainn den chloinn aig a robh beachd math ged a bann masa fìor gus am faiceadh màthair mar a bha a mac no a nighean afreagairt ann an coimeas ri càch a bha so, gur ann don duine a bha ateagaisg a bu mhiosa so na dhaibhsan, agus bha aon bhean-teagaisg a luthaig àr agus murt a dhèanamh an uair a dhiùlt feadhainn de na balaich mhóra a comhairle a ghabhail air beulaibh nam pàrantan air cùl an t-seòmair. Bha aon bhuabair anns achlas agamsa agus bha pàrantan a-stigh bha gach adol gu h-òrdail gus an do dhiarr mi facal Beurla eile airsonintermission. Thug sinn greiseag mus do dhèalaidh sinn chuige, ach mu dheireadh thainig am facalinterval ’s bha sinn asmuaineachainn an clas a bha cho math ruinn an uair a chaidh an dòrn mór so suas agus thuirt am buabair so, “Aw, maam, thats when we go to the latrines to have a weed. ”Bha fhios aige-san, agamsa agus aig na pàrantan gu robh toitean air an croiseadh anns an sgoil.

A bharrachd air an eideachadh a thatar adèanamh anns na sgoiltean le luchd-teagaisg, tha cùrsaichean air na h-aon chuspaireans a thatar a’


[21] teagaisg fad na sgoile gu léir ri ’m faotainn air aphost bho oifig an fhoghluim ann am prìomh bhaile na roinn-dùthcha. Tha an t-oileanach gan sgrìobhadh aig an tigh, no anns an sgoil, gan tilleadh chun na h-oifig agus gam faighinn air ais air an ceartachadh. Tha so fìor ghoireasach do dhaoine a ghabhas aithreachas an sgoil fhàgail, ged a tha e furasda gu leòr do dhuine tilleadh don sgoil cheudna mur e a shadail aisde a chaidh a dheanamh air, ach ma tha e ag iarraidh a bhith ag obair air an latha agus an sgoil a leantainn air an oidhche, faodaidh e leis na leasanan so. Tha iad cuideachd feumail do dhaoine ann an àitichean iomallach anns acheann a tuath far nach eil sgoil, no do sgoiltean nach fhaigh luchd teagaisg do chuid a chuspairean. ’Se sin a bfheudar tachairt anns an sgoil anns an robh mise abhliadhna mu dheireadh; a thaobh nach robh e gu chionn ghoirid mar fhiachaibh cànan eile a bhith aca anns an sgoil, tha e nis duilich dhaibh daoine fhaotainn a theagaisgeas cànan eile mar Fraingeis.

An uair a smuainicheas mise an diugh air Canada chì mi enam inntinn mar na pìosan dathte de ghloinne a chithear adeanamh pàtarain troimh shùil prosbaig. Chì mi caomhalachd linn mo sheanmhar ann an aghaidh Sìne Dhòmhnuill Nèill, Banntrach Iain Sheòrais Uisdein air an taca ann an Ninette. Bise achiad leanabh a rugadh anns an àite ud an déidh còmhlan mór diubh a thighinn bho Leódhus deireadh na naoidheimh linn deug. Bheir i dhachaidh orm nach e an dùthaich fhurasda a bhann dòmhsa a bhann daibhsan idir an uair a bhitheadh an sneachda cho àrd ri mullach na h-uinneige agus an connadh reòdhta; bheir i gu minntinn cianalas an eilthirich ag innseadh mu thè den chòmhlan a bhitheadh ag ràdh gum bann aice fhéin a bha an turas-pòsaidh gun cheann . . . . nach dfhuair i riamh air ais. Chì mi Uisdean Iain Sheòrais Uisdein, fear eile den chòmhlan, an diughna bhodach, le gàire nam bliadhnachanna shùil, ’s eg aideachadh dhomh nuair a bha ena ghiollan gum bitheadh e aruith air falach an àite dhol don sgoil an sud; tuigidh mi bhuaith earrainn de shàrachadh achiad luchd àiteachaidhs e ag innseadh mun chiad thogalaichean cip, mu na deargadans na cuileagan bìdeach, dian theas an t-samhraidh agus dian reothadh agheamhraidh, mu dhaoine a thainig bho eilean lom iasgaich gu coille, làmhach, tuagh is damh. Chì mi boireannaich a dhfhalbh ás an Ruis atoirt dhuinn borsch is duilleagan càil air an lìonadh le ris agus blintze agus cofaidh agus iad toilichte gu bheil sinn adeanamh ar seacaid orra. Chì mi banais Ukrainians gach aoigh adol seachad air achàraid phòsda,


[22] a’ cur buinn ann an soitheach air abhòrd, am fear pòsda an uair sin acur a sporain fhéin anns an t-soitheach, adol air a ghlùinean air beulaibh a mhnatha agus atoirt an t-soithich làin di. Chì mi danns ann am baile beag Ukrainian ann an ceann a tuath Alberta, an sagartna shuidh a-measg an fheadhainn bu shine, agus na daoine òga adannsadh dannsan Cossack ris abhalalaika, ionnstramaid-ciùil na seann dùthcha aca. Chì mi Antigonish làn tartain is pìoban air latha nan Cleasan Gaidhealach aca agus chì mi Eilean Cheap Breatainn ann am Myra Mhór agus Dun Bheagain, ClannIll InneinsIll Iosa agabhail rann an déidh rann de dhòran mar Oran Goid aChàil, Nìonag AChùil Duinn,Tha buaidh air an Uisge Bheathann an Gàidhlig shnasails gun chrìoch air na bha aca de rainn. Is chì mi na ginealaich òga . . . . achlann a thàinig bho na daoine sin . . . . le an uaillnan dùthaich, an ciad dhàimh ri Canada ach sùil air ais gun dùthaich ás an tàinig an sìnnsearan, agus thig gu minntinn na briathran, “Ones greatest asset as a people is pride in ones race . . . . not vaunting pride but pride to achieve. ”

Se so Canada dhòmhsa agus chan e dealbhan faileasach nam bailtean móra le an iomadh goireas, agus ma dhfhoghluim mi càil bho mo chuairt, saoilidh mi gur e nach robh mi riamh air a bhith cho taingeil, gus am faca mi an iomadh shluagh an sud, gur ann anns na h-Eileanan a chaidh mo thogail, far nach deach a chur annam gu robh a h-uile càil a bha agamsa ceart is a h-uile càil a bha aig duine eile ceàrr . . . .

Air an làimh eile bhon iomadh shluagh so, agus bhon mheas a bha aca air aphìos fearainn bhontug mise achoiseachd’ —na h-Eileanan agus aGhàidhealtachdagus air cruadal nan daoine bhon tàinig mifhuair mi dearcadh air mo shluagh agus màite fhéin ás tìr na fadachd ás. Agus saoilidh mi gun do thuig mi is coireach gur ann nuair a dhfhàgas e na h-Eileanans aGhàidhealtachd a théid an Gaidheal air a chasan mar Ghaidheal, ga fhaicinn fhéin, chan ann mar neach nach bitheadh a chaoidh cho math ri Sasunnach, no Galls do bhrìgh sin a dhfheumadh feuchainn gach latha a bhith cho coltach riutha is a dheigheadh aige air, ach mar neach a thaobh a dhùthchas eachdraidh a dhaoine a bha air a mheas air na barraichean.

Ach bfheàrr leam gu robh an Gàidheal is an t-Eileanach anns na h-Eileanan agus air aGhaidhealtachd cho mór ás a dhùthaich, a h-eachdraidhs a cànans a tha an Gaidheals an t-Eileanach ann an dùthaich eile.

S dòch gun agair tha gu bheil e furasda a bhith mór ás rud a chithear fad ás, gun a bhith asmuaineachadh ach air na rudan as


[23] fheàrr, gun aig duine ri cothachadh ris na rudan nach eil cho tlachdmhorgur e an duine as motha ás a thìr a dhfhairicheas innte abruidhinn a cànain. Agus, ann an tomhas, théid mi leat an sin,

Oir ann an uaill fad ás
Chan eil ann móran feum;
Se chumas cànan beò
Ach sluagh ga cur an gréim.

[Dealbh]
Gonadh air Callaghans anCapital Gainsaige chan eil againn a so ach call dubh nan caorach.

titleBan-Leódhusach air Safari (3)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Mairead NicAsgaill in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page