DA MHIONAID, NO FRACAS
Le IAIN MOIREACH
BHA a’ Bheurla a’ gagadaich ’na chluasan agus a’ Ghàidhlig a’ snàigeadh ’na inntinn, agus a shùilean dùinte. Bha corra fhacal a’ breabail air cùl a shùil, sgrìobhte ann an geal is spotan dearg mar bhleideagan cloimh a’ ruith sìos ’nam measg—cOp -Poor-hElLare we geTting—ach cha deidheadh aige air ciall sam bith a dheanamh dhiubh, ged a bha pailteas Beurla aige.
Carson a bha iad ris a’ Bheurla co-dhiù, ’s a’ ghrian cho blàth air an tulach so, ’s an Cuan Siar le farum faisg a’ slupranaich anns a’ mhol? Nach iongantach cho sgìth ’s a ni a’ ghrian duine. Cha robh lùths no iarrtas gluasad ann am ball deth.
Ow AAya?— ’na chluais. B’ e guth Dhòmhnaill a bha sud, ’s e a’ feala-dhà, a’ fanaid air na Cockneys còmhla ris a robh e a’ seòladh.
Dh’ fhosgail e a shùilean. O, dhuine, nach e a’ ghrian a tha soilleir, le craos dearg ’na meadhon. Dhùin e iad, agus chunnaic e facail eile—for ever, bacan helwivit—Las am focal mu dheireadh mar shanas os cionn sràide. HELWIVIT . . . . Helwivit?Cha chuala e a riamh sud, is bha Beurla aige. Dh’ fhaighnicheadh e dhiubh.
Carson a Ghàidhlig nach eil Beurla agaibh air?
Thug a ghuth tachais ’na sgòrnan, agus rinn e casad beag fliuch. Cha tilgeadh e smugaid gu-tà, agus a’ chaileag ri thaobh, cha bhiodh sin glé dhuineil, is shluig e e. Chuala e casan, plup-plup, seachad air ’nan ruith. Och, daingead, falbh is ruith am bad-eigin eile, ’s sibh a’ tilgeil gainmheach ’nam aodann.
Chuimhnich e air sanas a leugh e anns a’ phàipeir, madainn an diugh an ann? far an robh duine le asnaichean a dh’ fhàs anabarrach neartmhor le bhith coimhead ann an sgàthan, agus rinn e gàire. Thionndaidh e a cheann ri a nàbuidh, Mac Iain Mhóir, agus dh’ innis e sud dha, ach
Carson a . . . . Dé a’ cheist a bh’ aige ri chur?
Carson nach eil e blàth anns a’ ghrian, athair? Casadaich ás ùr; dh’ fheumadh e bruidhinn ris an dotair an uair a ruigeadh e a leabaidh. Droch rud, an casadaich, chanadh e. Droch rud. Chunnaic e an dotair a’ tighinn bho thigh Thormoid Aonghais. Nach bu neònach e, leHELWIVITsgrìobht’ air is asnaichean ris.
Chuala e còmhradh a rithis. Dh’ éisd e greiseag. Càite an deach Màiri, ’s nach robh i ag ràdh dad ris? A Mhàiri. Dh’ fhosgail e a shùilean.
Bha an dentist a nis ’na sheasamh ri a thaobh agus teas uabhasach bho ’n t-solus geal deàlrach a bh’ aige ’na làimh.
“Take it easy, mate, ”ars an dentist. Nach e bha gasda, ach carson a bha an solus thuige?
Sguir, sguir, thubhairt e ris an dentist, ach chùm esan air ga chrathadh, agus a’ toirt casadaich air. Dh’ fheumadh e innse dha, nuair a sguireadh e. Agus Tormod a bhràthair cuideachd, a bha ’na sheasamh gan coimhead, is nach robh a’ togail làmh ’son stad a chur air, an donas air. Chan e dentist a tha mi ’g iarraidh, ach fois le mo Mhàiri, anns a’ ghrian, ’s i cho blàth ri mo thaobh. Fàg mi. Sguir. . . . sguir a choin.
A, a thighearna . . . .
Thàinig a’ nighean òg, nach i bha coltach ri Màiri, agus chuir i an solus teth ’na shùil, agus dhòirt an duine treun a bh’ anns a’ phàipeir gainmheach is bùrn blàth ’na amhaich. Dh’ eubh Mac Iain Mhóir“helwivit”gu socair ’na chluais, agus dh’ fhalbh iad. Ach bha e blàth anns a’ ghrian.
Sheall an dara saighdear ris an fhear eile. Chrath e a cheann, agus ghabh iad rompa, a’ crùbadh.
title | Dà Mhionaid, no Fracas |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Iain Moireach in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |