[87]

An Sgeilp Leabhraichean

The Dewar Manuscripts, Vol. 1,deas. le Iain MacEacharna (William Maclellan), Glaschu. 1964. 63 /-.)

Bha stòras anabarrach aig na Gaidheil de bhial-aithris, a thaobh òrain, sgeulachdan, eachdraidh, sloinneadh agus móran de ghnothaichean eile, agus eadhon an diugh fhéin tha móran ri fhaotainn de shaidhbhreas den t-seòrsa so. Faodar a ràdh gu bheil daoine air a bhith acruinneachadh an stòrais so o chionn còrr math is ceithir cheud bliadhna, agus nach do theirig e fhathast. Bho linn gu linn bha daoine ag éirigh aig a robh ùidh anns an obair so, agus tha iad ann fhathast. Bha sinn fortanach, mar shluagh, gu robh fear den t-seòrsa so beò ann am meadhon na naoidheamh linne deug, Iain Og Ile, agus gun do bhrosnaich e daoine eile gu bhith ga chuideachadh: ’nam measg Diùc Earra-Ghaidheal agus Iain Deòir agus Eachann MacIllEathain, maighstir sgoile Ileach.

Se fear-coille a bha ann an Iain Deòir. Bha e, a thaobh a mhàthar, de shliochd Chlann Phàrlain Arachair agus is dòcha gu robh tart an eòlais ann air sàilleabh sin. Co-dhiù, ’na leth sheann aois, chaidh fhasdadh le Marcus Latharna a chùm bial-aithris a chruinneachadhs a sgrìobhadh, agus an déidh làimh dhfhasdadh Eachann MacIllEathain gus na sgeulachdan a thruis e eadar-theangachadh. Tha pàirt den t-saothair so air a thasgadh ann an Leabharlann Caisteal Inbhir-Aora, agus anns an leabhar so tha pàirt den obair sin air a leigeil ma sgaoil, an déidh suas ri ceud bliadhna. Tha an leabhar air a dheasachadh le Iain MacEacharna, air a phàidheadh le Teàrlach Hepburn, agus air a chlo-bhualadh le Uilleam MacIllFhaolain ann an cruth a tha fìor ghrinn, le móran dhealbhannan (gu h-àraid de Mhac Cailein Mór agus de Iain Og Ile), a tha afàgail na prìse car daor.

Tha daoine air a bhith agearain gur h-e an t-eadar-theangachadh a chuireadh an clò, agus nach eil lideadh ann, cha mhór, den Ghàidhlig a bhaig na sgeulaichean. Is mór am beud, gu dearbh, nach i aGhàidhlig a tha mar coinneamh an dràsda, oir chan eil teagamh nach e sin bu luachmhoire do sgoilearan, ann an iomadach dòigh. Ach faodaidh e[88]


[89] bhith nach robh cothrom aig an fhear-deasachaidh air, agus mar sin, cha chan sinn ach so: gum bu mhath aGhàidhlig fhaicinn an clò, air achiad chothrom.

A dhaindeoin sin, faodaidh na Gaidheil ùidh mhór a ghabhail anns an leabhar so. Tha smior abheòil-aithris ann, agus iomadach criomag luachmhor a chuireas ri ar n-eòlas air eachdraidh ar daoine, co-dhiù nuair theid a chriathradh, agus dhfheumte sin a dhèanamh ga bann an Gàidhlig a bha an leabhar. ’Sann ma thimcheall nan Gaidheal air tir-mór, agus gu h-àraidh an Earra-Ghaidheal, a tha amhór-chuid de na sgeulachdan. Tha grunn math dhiubh adeanamh eachdraidh air rudan a thachair anns an ochdamh linn deug: mar a theich Teàrlach Stiùbhart, Fear Aird-Seile, le a bheatha an déidh Bliadhna Theàrlaich, mar a ràinig e Flannras, agus mar a dhèalaidh e a-mach á baile an sin an aodach boireannaich; eachdraidh murt Chailein Ghlinn Iubhair; inneas air rudan a thachair an déidh Blàr Chuil-lodair, le iomradh air fearas-chlaidheamh eadar Gaidheal is Sasannach, a choisinn an saorsa do chóig duine deug de na prìosannaich Ghaidhealach.

Ach tha iomadh sgeulachd ann a tha gu math nas sine na sin: sgeulachdan bho Linn nan Creach agus eadhon bho linn na Féinne; iomradh air mar a fhuair an t-Ollamh Muileach fearann ann am Muile; air mar a bhiodh MacDhòmhnaill nan Eilean adol air chuairt air feadh na dùthcha is tighean an suds an so aige a dhaona ghnothaich a chùm aoigheachd a thoirt dha; air mar a chaill MacEalair anius primae noctis; air an t-strì a bha eadar MacPhàrlain agus Mac aChombaich, rud a thachair mun bhliadhna 1600. Tha móran de ghairge anns na sgeulachdan sin, agus rud math de dhuaisleachd, agus glé thric na dhà air am filleadh ri chéile ann an dòigh a tha atoirt nan sgeulachdan Islandach gu ar cuimhne. Bha e furasda do na sgeulachdan so siubhal a dhèanamh bho àite gu àite, agus dìreach mar a gheibh sinn na h-òrain luadhaidh adol a-measg a chéile, tha e furasda aithneachadh gu bheil so atachairt anns na sgeulachdan cuideachd, oir gheibh thu an dràsda sgeulachd aig a bheil ceangal ris an sgeul a thaig Shakespeare anns achluichThe Merchant of Venice, agus a rithist iomradh air Tobar nan Ceann a tha abuntainn, chan ann ri Iain Lom agus Murt na Ceapaich ach ri Stiùbhartaich na h-Apuinn is Dòmhnallach Ghlinne Comhann.

Tha mu cheud duilleag de nòtaichean aig an fhear-deasachaidh, anns a bheil móran fiosrachaidh air iomadach cuspairuaireannan cuspairean[90]


[91] nach buin ro fhaisg ris na sgeulachdan!— agus tha e soilleir bho na nòtaichean sin gu bheil e air meall math de rudan a leughadh thalls a-bhos, ged nach eil e cho soilleirs a dhiarradh sinn co ás a tha gach criomag fiosrachaidh fa-leth atighinn. Tha Roimh-ràdh aige cuideachd anns a bheil e déiligeadh ri Iain Og Ile agus a luchd-cuideachaidh, a measg ghnothaichean eile.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Ruaraidh MacThòmais in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page