[43]

FAIRE UR A’ NOCHDADH

(Earrann air a bheil dreach na h-oigefo iuil Cairistìona Dick)

Sgeulachdan Beaga A Tiriodh

(á Sgoile Chòrnaig Mhóir)

1. Gairm air Chall (le Fiona NicArtuir)

Aig aon uair bha trì no ceithir bodaich a bha falbh gu tigh aon de na càirdean nach robh ro mhath. Bha iad adol a chur a-steach an fheòir aige. Bha bodach eile ri falbh maille riu ach an uair a ràinig iad an tigh aige chunnaic iad gun robh e gun éirigh agus thubhairt iad ri chéile gum feumadh gun robh rudeigin mór ceàrr air oir bha e daonnan air a chois glé thràth. Cha robh an dorus glaiste agus choisich iad a-steach agus bha am bodach còirna chadal anns an leabaidh. Chrath fear dhiubh e agus thubhairt e ris, “Gu tha ceàrr ort Iain, nuair tha thu gun éirigh fhathast?”

Dhfhosgail Iain a shùilean agus thubhairt e, “Gu tha ceàrr ort fhéin gam dhùsgadh cho tràth so samhadainn?”

Am bheil fhios agad idir,” ars am bodach, “gum bheil e aon uair deug samhadainn?”

O chan eil,” ars Iain, “cha do chaidil mise riamh cho fada sin.”

Is chaidil,” ars am bodach eile, “agus tha an t-àm agad éirigh a nis.”


[44]

Thug Iain sùil os a chionn air mullach an tighe agus thug e an glaodh ud ás.

Nach mise an duine gòrach. Is e cearc a thug mi steach an raoir an àite achoilich mhóir a tha gam dhùsgadh daonnan!”

titleGairm air Chall
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Fiona NicArtuir in Gairm 53 %p

parent textSgeulachdan Beaga á Tiriodh
<< please select a word
<< please select a page