3. Bha Gréim a Dhìth Air (le Màiri NicCaluim)
Aon uair bha ceàrd ann an Tiriodh, agus bha e fiadhaich leisg. Bha e airson a h-uile rud a shìneadh dha, agus cha robh e fhéin a’ dol a dhèanamh dad. Aon latha chaidh e far an robh seann bhoireannach a bha fantail aig taobh shuas a’ bhaile agus bhuail e aig an dorus. Thàinig an seann bhoireannach do ’n dorus agus thubhairt i, “Dé nì mi air do shon?” Fhreagair e, “So agad putan; am fuaigheal thu léine air?”
title | Bha Gréim a Dhìth Air |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Màiri NicCaluim in Gairm 53 %p |
parent text | Sgeulachdan Beaga á Tiriodh |