4. Bruadar Dhòmhnaill Duibh (le Lachann MacPhàrlain)
Ann an aon de na h-Eileanan an Iar bha duine ris an abradh iad Dòmhnall Dubh, agus bha boireannach ann do ’m b’ ainm Màiri Mhór. Bha Dòmhnall Dubh agus Màiri Mhór fada an aghaidh a chéile agus a h-uile uair a choinnicheadh iad bha iad a’ tilgeil inisgean air a chéile. Bhitheadh Dòmhnall Dubh a’ deanadh dramasgal de òran a’ toirt a-nuas Màiri Mhóir. Bha fear eile anns a’ bhaile ris an abradh iad Uilleam Ruadh.
Latha sònraichte so choinnich Uilleam Ruadh agus Dòmhnall Dubh agus thubhairt Uilleam Ruadh, “Dé do bheò a Dhòmhnaill?”
“Chan eil mi air dòigh idir,” fhreagair Dòmhnall.
“Dé a tha cur dragh ort?” dh’fhaighnich Uilleam Ruadh.
“Innsidh mi sin dhuit,” thuirt Dòmhnall. “Bha bruadar agam an raoir gun do chaochail mi agus chaidh iarraidh orm dol gu pàileis mhór. Ràinig mi a’ phàileis agus dh’fhosgail fear an geata dhomh agus leig e a-steach mi. An sin ràinig mi an dorus mór so le bannan agus le làmhan òir. Dh’ fhosgail fear eile dhomh an dorus agus chuir e cailc gheal, anns an robh sia troighean de fhaid ’nam làimh. Thubhairt e rium, “Dìrich an staidhir sin agus an uair a tha thu dìreadh sgrìobhaidh tu a h-uile peacadh a rinn thu fhads a bha thu air thalamh.” Thòisich mise air dìreadh an staidhir agus air sgrìobhadh mo pheacannan. Nuair a bha mi letheach suas, chuala mi coiseachd a’ tighinn ’nam choinneimh agus có bha ann ach Màiri Mhór. Thubhairt mi rithe, “Tha thu so, a Mhàiri. Càit am bheil thu a’ dol?”
“O” ars ise, “am fear a leig a-steach mi aig an dorus, thug e dhomh cailc gheal anns an robh deich troighean de fhad airson gu sgrìobhainn mo pheacannan nuair a bha mi dìreadh an staidhir agus theirig a’ chailc agus tha mi air falbh airson té eile.”
title | Bruadar Dhòmhnaill Duibh |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Lachann MacPhàrlain in Gairm 53 %p |
parent text | Sgeulachdan Beaga á Tiriodh |