[45]

Maise Gnuis

Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH

NUAIR a bhios dùil aig boireannach ri pàisde tha glé thric bòidhchead agus àilleachd na pearsa co-cheangailte ris an àm tha so ach tha i dualach cuideachd air a maiseachd fhéin a leigeil air chùl a-measg na bheil a leasanan ùra aice ri ionnsachadh mun leanabh a tha i agiùlan.


[46]

Tha nàdur a’ cumail sùil air gnothaichean gun teagamh aig an àm so le bhith a cur ris na hòrmoin(hormones)a dhfheumas tu gus an craiceann a chumail fallain ach tha móran ann cuideachd a dhfhaodas tu fhéin a dhèanamh mu do phearsa.

Ma tha an craiceann agad olach, ma dhfhaoidte gu fàs e nas miosa anns na mìosan àraid so agus feumaidh tu a ghlanadh agus ùrachadh gu math gus so a leasachadh, agus cùm air falbh o bhiadh trom as a bheil cus geir.

Mas àbhaist dhan chraiceann agad a bhith tioram, ’s dòcha gur ann a bhios tu fortanach agus gum bi so air a leasachadh gu nàdurra leis an taiseachd a bheir am barrachd hòrmoin dha. Gu -fhortanach bithidh an craiceann cho tiorams a bha e riamh aon uairs gum bi am pàisde air a bhreith.

Feumaidh tu aire air leth a thoirt do dghruaig oir uaireannan an deaghaidh don phàisde a bhith agad tòisichidh am falt ri falbh asadna thorran: cha tachradh so nam biodh am falt air a bhruisigeadh gu math fad na naoi mìosan a tha thu giùlan aphaisde agus bruisig e an aghaidh laighe-nàdurrach an fhuilt. Bheir so air an fhuil ruith as na féithean agus mar sin fàsaidh am falt nas tighe. Suath bun an fhuilt gu cruaidh le do chorragan gus toirt air fàs agus gus gum bi gleans ás.

Bithidh ìngnean do chorragan cuideachd dualach air bristeadh aig an àm so. Dhiarrainn ort an cumail goirid le bòrd-emeryna cleachd snaidheadair idir. A h-uile h-oidhche suath orra cungaidh gu sònraichte airson ìngnean a dhèanamh làidir, agus cleachd meatagan-rubair nuair a bhios tu ri obair-tighe, gàirneilearachd no nigheadaireachd. Cùm botul no cnogan de chungaidh-làmhan far am bi e deiseil dhut anns achidsean.

Mar a thuirt mi mar thà, bu chòir dhut a bhith faiceallach gu dhitheas tu an dràsdaith gu leòr de mheasan is lusan, càise agus bainne, agus seachainn aran is buntàta.

Chan eil ann as fheàrr do mhaiseachd na bhith agiùlan pàisde seach gu bheil gaol is toileachasna choisan as motha a chuidicheas ri àilleachd-pearsaagus ma ghabhas tu beachd air na puingean air an tug mi iomradh, bithidh dobhòidhchead thar sgeulda-rìribh.

titleMaise Gnùis
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 53 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page