[48]

Cocaireachd

A BHEIL e tighinn faisg air àm dìnearach is tu fhathast is gun fhios agad bheir thu dhan fheadhainn tha tighinn dhachaidh is an t-acras gan tolladh? Uill ma tha, thig chun a phón agus iarrASK 8071agus gheibh thu stiùradh. Tha stiùradh deifeirichte ann an h-uile latha agus os gum bi cinnt agaibh gu bheil e ceart, faodaidh mi innse dhuibh gu bheil a h-uile ni a thatar atoirt seachad air a dhèanamh agus air fhiachainn an toiseach le bana-Bharrach, Catrìona Nic Aoidh, agus a luchd-cuideachaidh aig Bòrd Margaidh aBhainne.

Fhuair Catrìona a treunadh ann an Colaisde na Còcaireachd ann an Obar Dheadhain. A chiad latha a thòisich an Stiùradh-Phòn so Catrìona fhéin a rinn suas an stiùradh agus so agaibh e:

Bonnach Barrach
Le CATRIONA NICAOIDH.

Airson ceathrair feumaidh tu;
8 sliseagan ham
8 siospain(sausages)bheaga, no
4 pìosan iasg geal gun chnàmhan
lìnigeadh de thaois(pastry)
2 ugh cruaidh
½ pinnt sabhsa geal (air a dhèanamh le ìm is flùr is bainne)
1 unnsa càise air a phronnadh.

Cuir na siospain air an suaineadh leis a ham no an t-iasg air a dhèanamhna rolainean air bonn an tunna a thair a lìnigeadh le taois amh. Dòirt air an sabhs geal is na h-uighean air am pronnadh agus piobar is salann gu leòr. Crath an càise prann air uachdar. Bruich e airson trì-chairteal na h-uarach ann an àmhuinn 370°F . no Aireamh 5. Maisich e le sliseagan tomato agus balg-buachair 10 mionaidean mun toir thu ás an àmhuinn e. Riaraich e le buntàta.

titleCòcaireachd
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Catrìona NicAoidh in Gairm 53 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page