ATH-BHEOTHACHADH NA GAIDHLIG AN EIRINN AGUS AN ALBAINN (2)
Le GORDON MACGILL-FHINNEIN
Na Colaisdean Samhraidh—2
SO mar a chaidh colaiste Anagaire a chur air chois ann an Dùn nan Gall. Bha dà cholaisde a ’s a’ sgìreachd so cheana air gach taobh do dh’ Anagaire agus bha a’ Ghàidhlig slàn sàbhailte a nist a ’s na ceàrnaidhean far a robh iad. Bha i daonnan làidir a ’s an dàrna àite, Rann na Feirste, far nach robh riamh ga bruidhinn ach a’ Ghàidhlig, ach a ’s an àite eile, Loch an Iubhair, bha an dà chànain, a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla, gam bruidhinn aig na daoine agus coltas ann gum biodh a’ bhuaidh aig a’ Bheurla. Ach thionndaidh an colaisde a’ sruth agus tha neart agus brìgh a’ s a’ Ghàidhlig ann a’ Loch an Iubhair nach robh innte o chionn iomadh bliadhna. Bha cùisean na bu mhiosa ann an Anagaire. Bha a’ rathad mór a’ dol troimh Anagaire agus far am bi rathad mór agus bùthan bidh strainnseirean agus Beurla. Ged a bha a’ Ghàidhlig aig a h-uile duine ann, cha mhór, bha a’ Bheurla air bilean a’ chuid bu motha dhe ’n t-sluagh, mar bu trice, gu h-àraidh a’ làr a’ bhaile. Fhad ’s bhiodh a’ Bheurla cho neartmhor ann an Anagaire bhiodh a’ Ghàidhlig a ’s na ceàrnaidhean man cuairt daonnan ann an cunnart. Mar sin, chuir mi romham colaisde a chur air bhonn an Anagaire gos a’ Bheurla a chasgadh mar a rinneadh ann a’ Loch an Iubhair—ged bha móran dhe ’n bheachd gu robh e tuilleadh ’s a chòir fadalach a nist. Cha b’ fhìor dhaibh. Chaidh mi timcheall nan tighean agus dheònaich feadhainn mhath dhiubh clann sgoile a chumail na rachadh agam air iad a sholar dhaibh. Cha robh e doirbh an obair a mhìneachadh dhaibh oir bha iad glé eòlach air na bha a’ tachairt a ’s an dà cholaisde eile a ’s a’ sgìreachd. Dh’ fheumadh iad Gàidhlig a bhruidhinn an còmhnaidh ris na pàisdean. Cha leigte dhaibh nas
Nuair a bha sin air a dhèanamh thug mi fiathachadh seachad do dh’ fheadhainn eile iad a bhith a ’s a’ bhuidhinn riaghlaidh agus dh’ iarr sinn air “Roinn an Oideachais” no Comhairle an Fhoghlaim aithneachadh a thoirt dhuinn gos a’ faigheadh sinn na duaisean airgid a tha an Roinn a’ toirt dha na colaisdean samhraidh. Chuir iad fear-sgrùdaidh a dh’ Anagaire agus an ceann na h-ùine fhuair sinn brath gu robh an Roinn deònach sinn a dh’ aithneachadh. Bha sin a’ ciallachadh gu faigheadh sinn £4 airson gach pàisde a chuireadh seachad 24 latha an Anagaire. A’ sin chuir mi miar do “Choiste na bPáistí” air bhonn ann am Baile Atha Cliath le cuideachadh dithis no triùir eile agus fhuair sinn aithneachadh bho “Roinn na Gaeltachta.” Is e a tha mar chuspair aig an Roinn Riaghaltais a tha so a h-uile seòrsa scéim a chur air adhart a dheanadh math dha ’n Ghaidhealtachd. Is e té dhe na scéimeachan a tha aca scéim “Choiste na bPáistí” (Comhairle nam Pàisdean” ). Ma chuireas pàisde seachad mìos a ’s a’ Ghàidhealtachd, air neo 24 latha aig colaisde samhraidh Gàidhlig a ’s a’ Ghàidhealtachd, gheobh e duais £5 bho ’n Riaghaltas.
Bha sinn deiseil a nist agus b’ urrainn duinn a’ chlann sgoile a shireadh. Cha chan mi móran nas motha na so—bha an obair cruaidh agus ghabh e ùine mhór ach fhuair sinn na pàisdean agus lìon sinn an talla a bha againn an Anagaire agus a h-uile gin dhe na tighean a bha co-cheangailte ruinn. Bha 239 againn a’ bhliadhna sin (1962) agus bha 535 againn am bliadhna. Tha a h-uile duine sàsaichte. Dh’ ionnsaich a’ chlann Gàidhlig gu leòr, fhuair luchd nan tighean airgead math, chòrd an obair agus an tuarasdal glé mhath ris na maighistirean, agus tha a’ Ghàidhlig stéidhichte nas daingne na bha i o chionn fada. Tha a’ bheàrn eadar Rann na Feirste agus Loch an Iubhair air a lìonadh. Tha gnothaichean airgid gu math cuideachd. Thog sinn aitreabh briagha ùr ann a’ 1964 agus is e “Aire na Gaeltachta” (Ministeir na Gàidhealtachd)
Bha co-chruinneachadh do dh’ oifigich cholaisdean samhraidh Dhùn nan Gall ann ann am Béal Feirste o chionn ghoirid agus so agaibh cuid dhe na nithean a chomharraich iad a-mach dha ’n bhliadhna a tha a’ tighinn. (1) Gu faigheadh na maighistirean Gàidhlig tuarasdal a bhiodh eadar £45 agus £50 dha na 24 latha. (2) Gu faigheadh luchd nan tighean eadar 9/6 agus 10/6 sa’ latha airson gach pàisde a bhiodh fo ’n cùram. (3) Gum biodh air gach pàisde £9 a thoirt seachad air son 24 latha (tha sin agaibh cur bòrd, leabaidh agus teagasg san àireamh). Tha sin ag ràdh gum bi na colaisdean a’ faighinn £9 bho ’n phàisde, £5 bho Roinn na Gaeltachta, agus £4 bho Roinn an Oideachais—is e sin, £18 air gach balach agus nighneag a thig a Dhùn nan Gall. Faodaidh mise a dhearbhadh gum bi na mnathan tighe glé thoilichte leis an airgead a gheobh iad a’ samhradh so a tha a’ tighinn—bidh feadhainn dbiubh aig am bi 16 pàisde agus an còrr a ’s an tigh aca agus fàgaidh mi aig mnathan na Gàidhealtachd againne dé an uiread dhe sin a bhios air fhàgail mar phrothaid—ma thuairim ’s 50 per cent, a réir cuid, 50 per cent. dhe £182 8s 0d gach mìos dhe ’n dà mhìos (24 latha gach mìos). Bidh prothaid aig na colaisdean cuideachd agus bi i ga cur go feum ann a’ làn dòighean airson na Gàidhlig. Sin mar a tha cùisean ann an Dùn nan Gall, a bheag na a mhór, ach an àiteachan eile, an Cóigeamh Chonnachta agus an Cóigeamh Mumhan thatar a’ faighinn nas motha airgid bho ’n chloinn agus a’ toirt tuarasdal nas àirde dha na maighistirean agus dha na mnathan tighe. Chan fhaigh na colaisdean a ’s a’ Ghalltachd duais £5 Roinn na Gaeltachta agus is fheudar dhaibh-san fada ’bharrachd airgid iarraidh air a’ chloinn. Mar eisimpleir fhuair colaiste àraidh faisg air Baile Atha Cliath £17 10s 0d an duine airson cùrsa a mhair trì seachdainean, am bliadhna, agus £10 10s 0d an duine air son cùrsa a mhair colla-diag. A dh’ ainneoin sin shoirbhich gu math ris a’ cholaisde so agus bha e làn.
An gabh e dèanamh colaisde/colaisdean dhe ’n t-seòrsa a tha aig na h-Eireannaich a chur air chois an Albainn? Canaidh mise gun gabh ged a tha mi ag aideachadh gu bheil deifir nach beag eadar cùisean a ’s an dà thìr. Canaidh daoine gu bheil na nithean so nar n-aghaidh (1) nach eil Roinn Oideachais no Roinn Gàidhealtachd
Tha mi cinnteach gun gabhadh dà cholaisde a stéidheachadh—fear dha ’n chloinn sgoile agus fear dha na h-inbhich. B’ fheàrr gum biodh na colaisdean ann an àiteachan far a bheil a’ Ghàidhlig brìoghmhor fhathast, far a bheil na tighean gun a bhith astar fada bho ’n tigh sgoile agus/no an talla far am biodh na clasaichean air an cumail. Bhiodh talla glé riatanach airson dannsaichean Gàidhealach, céilidhean, agus cluichean. Nam biodh iad faisg air tràighean bàna chòrdadh sin glé mhath ris a’ luchd-ionnsachaidh cuideachd. Saoilidh mi gum bu dhoirbh barr a thoirt air a’ chlàr obrach a tha aig na h-Eireannaich dha ’n chloinn, clàr dhe ’n t-seòrsa so:
Madainn. 10 a.m. —12.40 p.m. trì leasain, 50 mionaid a’ leasan. Is e leasain còmhraidh as motha a bhios aca ach cuideachd, leughadh, sgrìobhadh, bàrdachd agus seanchas.
An déidh na dìnneireach. 2.30 p.m. -4 p.m. Seinn agus dannsadh a-stigh no snàmh, cuairtean, streapadh no cluichean a-muigh.
Feasgar. 7.30-10 p.m. Dannsa Gàidhealach, cuirm-chiùil no céilidh. Dannsa Mór go 11 p.m. no 11.30 p.m. uair no dhà san t-seachdain.
Bhiodh clàr obrach air inbhe nos àirde a dhìth air na daoine móra agus barrachd saorsa. Ach dh’ fheumadh a h-uile duine gealladh a thoirt seachad nach bruidhneadh e ach Gàidhlig fad an t-siubhail fhad ’s bhiodh e a ’s a’ Ghàidhealtachd—b’ fheàrr nach biodh colaisdean ann idir na gum biodh iad a’ toirt a-stigh dha ’n Ghàidhealtachd daoine a bhiodh ag iarraidh a bhith a’ bruidhinn Beurla ri muinntir an àite.
Cha bu chòir gun deanadh fear sam bith dhe na colaisdean so beud sam bith do champaichean Chomunn na h-Oigridh. ’Sann a chuidicheadh iad ris na campaichean. Dh’ fhaodadh luchd-stiùiridh colaisde teisteanas a thoirt do bhalaich agus do nighneagan freagarrach a’ dearbhadh gu robh iad a nist fileanta gu leòr gos a bhith a’ measgachadh ri cloinn na Gàidhealtachd an campaichean a’ Chomuinn.
Cha chreid mi gu feum mi eòlas nas mionaidiche a thoirt ma na colaisdean a’ so fhathast ach ann an co-dhùnadh bu toigh leam so a ràdh a rithist, (1) gu bheil mi làn-chinnteach gun gabh colaisdean dhe ’n t-seòrsa Eireannach a chur air bhonn an Albainn agus gun gabh prothaid a dheanamh orra, (2) gu feumadh bruidhinn na Gàidhlig a bhith mar chlach-stéidh annta.
[Sanas]
title | Ath-bheothachadh na Gàidhlig an Eirinn agus an Albainn (2) |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Gordon MacGill-Fhinnein in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |