[155]

Fasanan Ura

Le EITHNE NICNEACAIL

Tha “Crimplene” air a dhèanamh bho aon snàth fada de 100 per cent. Terylene. Gabhaidh e nighe le làimh no ann an inneal-nighe, cha ghabh e móran uisge, agus mar sin tiormaichidh e gu luath. Gleidhidh e a chumadh, gun sìneadh no gun dol a-steach. Chan eil feum aige air iarnaigeadh, ach ma chuireas sibh romhaibh sin a dhèanamh, iarnaigibh e air an taobh cheàrr le brat fliuch.

Tha “Crimplene” ri fhaotainn anns achuid as motha de na bùthan ann an còtaichean, dreasaichean, sgiortan, briogaisean agus geansaidhean.

Is urrainn do “Chrimpene” a bhith air a cheannachna phìos, agus bu chòir e bhith nur cuimhne gu feum a lìnigeadh a bhith coltach ris a’ “Chrimpene” fhéin; “Viline” a’ chùis glé mhath.


[156]

(1) Tha abhriogais “Chrimplene” a tha so, le “Guards Lean-line”, acosg mu £6 10s. Than geansaidh donn, le I. & R. Morley Ltd., acosg mu £4 7s 6d.

(2) ’Se dreas dubh-ghorm a tha so (le Jeannie, Aireamh 653), le sreath dhearg agus geal mu ’n amhaich is na h-achlaisean, a’ cosg £6 16s 6d. Gheibhear e cuideachd ann an natural, le sreath orainds agus donn, agus ann an turquoise, le òr-bhuidhe agus geal, no dubh-ghorm.

titleFasanan Ura
writersEithne Nicholson
internal date1966.0
display date1966
publication date1966
level
reference template

Eithne NicNeacail in Gairm 54 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page