NAIDHEACHDAN O’N CHROIT
Le CEITEIG M. NICGHRIOGAIR
Uair a bha mi ’se ’m peann a bu deiseile ri m’ làimh, ach ’se ’s trice nis ’nam dhòrn gràpa no forc-fheòir. Is có a theireadh gu bheil an gràpa ceum air dheireadh ’na àite fhéin air a’ pheann?
Cha dean peann cartadh na bàthcha nas motha na ni ’n gràpa na forms a thig o ’n Bhòrd ’s o Choimisean nan Croitearan a lìonadh. ’S mar sin chan eil an còrr air ach àite thoirt dhaibh le chéile agus dìcheall a dhèanamh air a bhith cho tapaidh leis an dàrna cuid ris a’ chuid eile.
Chuir bean a’ chroiteir feum o thùs air a bhith ealamh gus a làmh a chur ri iomadh car, ach saoilidh mi nach robh i riamh cho feumach air a’ chothrom sin ’s a tha i nis.
Chan eil ann am bleoghann na bà, biathadh nan cearc agus sgròbag lite dhèanamh do ’n laogh ach glé bheag de a dleasanasan.
Saoilidh croitear an latha diugh nach eil a bhean ach glé bheag sgoinne mura bheil i fiosrach, tuigseach mu thodhar Gallda, mu innealan àiteachaidh, mu bhiadhan ùra airson bheathaichean— ’s mu cheud rud eile. Cha mhór gun fhiach leis idir a cumail mura bheil i ’na bloigh vet agus meadhonach sgileil mu ’n tractor.
A bharrachd air sin, ’sann aice theid lìonadh nam forms fhàgail seach nach eil ann, mas fhìor, ach obair laghach, fhurasda a fhreagras air na boireannaich co-dhiù! Furasda? B’ fhasa leam fhéin dà latha togail bhuntàta na leth-uair aig na bileagan ud. Chan eil ach aon phàirt dhiubh chòrdas riumsa. ’Se sin am pìos far a bheil e ’g ràdh For Official Use Only. Gabhadh iadsan an dìol dheth, ma tha!
Bha fear timcheall an so an uiridh nach iarr an còrr ciùil no aigheir ach lìonadh forms.
Bha e a’ tadhal chroitearan is thuathanach a’ gabhail beachd air cùisean mu ’n obair, mu stoc ’s mu fhearann—a’ dèanamh survey mar a thuirt e fhéin. (Tha gnothaichean air a dhol gu hóro gheallaidh le statistics san àm a th’ ann co-dhiù.)
Cha robh e ach glé ghoirid a’ sgrìobhadh sìos a h-uile gabadh mu ’n chroit bhig againne, ’s nuair a bha e ullamh thug mi cupa tì dha.
A-measg a’ chòmhraidh a bh’ againn ris rinn e eachdraidh air a thursan air feadh nan eilean an iar, cho fad ’s a bhiodh daoine gun
Cha robh de mhodh agam na leig air falbh e gun iarraidh air mo mhìle beannachd a thoirt chun nan eilean an ath uair a rachadh e ’n rathad oir gur h-ann asda thug mi fhéin mo choiseachd.
B’ fheàrr leam na bonn òir an rughadh a chuir sud ’na ghruaidh ’s thug mi gealladh dhomh fhéin nuair a thigeadh e rithis gur h-e briosgaid glé chruaidh a gheibheadh e leis an tì mar pheanas. Cha tug an duine bochd sgrìob an taobh so tuilleadh ’s tha nis cloimh liath air tighinn troimh ’n bhriosgaid a tha mi gleidheadh dha!
A dh’ aindeoin gach drip is deuchainn a thig nar rathad air a’ chroit fad na bliadhna chan eil sinn gun toileachas agus sàsachadh air an sàillibh.
Nuair a bhios sinn san fhoghar ’s an driùchd far ar mala a’ feuchainn sguaibe de choirce mór fad ar làimhe gu mullach cruaiche ’s a’ briseadh ar cridhe a’ strì ri droch shìde, saoilidh mi gur h-ann a bu chòir ar càradh air falbh gu ruige psychiatrist!
Ach thig an sin oidhche fhuar, ghaillionnach gheamhraidh ’s àm fodraidh a’ chruidh. Bidh iad blàth, seasgar sa’ bhàthaich agus is ann a bhios leisge oirnn tighinn a-stigh ’s am fàgail. Suidhidh sinn air furm bleoghna gan coimhead. ’S nuair a chì sinn sguab mhór a’ dol á sealladh an sluigean na bà ruaidhe ’sann a bhios spòrs againn eadrainn fhéin a’ cuimhneachadh nan làithean a shaothraich sinn ga solar, ’s bidh gàirdeachas nar cridhe airson a h-uile boinne falluis a chaill sinn!
Sin mar a tha obair na croite. Aon latha sìos is an ath latha suas—agus is math gur h-ann. Cha ruig duine leas dòchas a chall a chaoidh.
Chunnaic sinn sin gu soilleir an uiridh nuair a chaill sinn mart òg, foghainteach le galar aithghearr, marbhtach. An dearbh latha chailleadh i rug mart eile. Thug ar sonas ri laogh òg, slàn am faobhar far ar caoidh. Fhuair sinn dòchas ás ùr.
title | Naidheachdan o’n Chroit |
internal date | 1966.0 |
display date | 1966 |
publication date | 1966 |
level | |
reference template | Ceiteig M. NicGhriogair in Gairm 54 %p |
parent text | Gairm 54 |