AN TIGH A THOG CALUM
le MAIRI NICAMHLAIDH
THA iomadh cur seachad annasach aig muinntir na tuatha gus na h-oidhcheanan fada geamhraidh a chur seachad a bharrachd air “céilidh is bualadh eòrna” mar a bha aig balaich Iain Ruaidh anns an òran. Ach chan eil móran, fiùths an Leódhus, a rinn cur-seachad de thigh a thogail dhaibh féin. Aon fhear a rinn so, is e Calum Mac an Rothaich agus saoilidh mi gur e an rud a tha ga chur air leth gu buileach gun do rinn e gach nì leis fhéin, agus air a cheann fhéin, eadar obair le peann is obair le òrd agus spaid. Aon rud a-mhàin a dh’ fhàg e aig luchd-ceàird. B’e so wèirichean agus solus an dealain a chur an sàs.
Tha an tigh aige a nis deiseil—tigh ris a faod e ràdh le fìrinn agus moit a thigh fhéin.
Is e obair latha Chaluim a bhith falbh troimh Leódhus is na Hearadh ás leth an S.S. P.C. A. —neo an “Cruelty” mar as fheàrr a dh’aithnichear e. Tha obair latha mar as tric seachad mu shia feasgair agus is ann air feasgar brèagha Sultuinn anns a’ bhliadhna 1959 a chuir e a chiad spaid as an talamh a cheannaich e os cionn Lacasdail.
Is e àite air leth bòidheach agus taitneach a thagh agus a cheannaich e. Chuireadh an sealladh o’n ionad sin spionnadh is misneachd an duine inntinneach is èasgaidh. O’n làrach anns an do thòisich e ruamhar tha fàire cho brèagha is a th’air druim an eilein air fad. Chì sibh Bàgh Steòrnabhaigh agus tha am baile mór mórchuiseach sin mar gum bitheadh fo sàil bhur cois. Chì sibh sìos gu ruig an Rubha agus meur na fairge a tha a’ cumail na Bacaich air an taobh thall. Chì sibh a’ ghrian a’ deàlradh air a’ ghainmhich agus air na h-itealain lainnireach a tha cromadh gu Mealbost aig crìoch an turais á Glaschu is Inbhirnis. Chì sibh a-null taobh na Loch agus suas gu Uig. Ach mus mealladh Calum na bha so o sheòmair bha rud roimhe.
Ghlan e an làrach agus lìon e e, agus an sin shìn e air na ballachan a thogail de na bleocaichean sement agus gainmheach. Gach feasgar mus tigeadh beul na h-oidhche dheigheadh faisg air da fhichead bleoc an sàs. An uair sin chuir e a mullach air, agus na sgliatan. Uinneagan an uair sin, agus o sin a-mach cha robh a’ chùis cho doirbh leis. A nis, a dh’aindeoin droch thìde cha[244]
An sin thainig Calum is Màiri a bhean leis a triùir chloinne Catrìona, Iain is Fiona a dh’fhuireach do’n tigh nach robh fhathasd deiseil. Bha an cidsin fhathasd gun ghoireasan, ach rinn iad a’ chùis greis leis na seòmraichean eile. A nis gu pàipear air na ballaichean agus àirneis. Bha e nis na b’fhasa do Chalum tuiteam a-steach ’na leabaidh leis an sgìos na roimhe so. Agus bha Màiri an làthair gu móran cuideachaidh a dheanamh air. Cha b’fhada gus an robh an t-àite aca gu snasail, grinn, goireasach.
So an ìre aig an robh iad an uair a chunnaic mise iad an samhradh so chaidh. Agus bha taobh muigh nam ballaichean a’ nochdadh an saothair a cheart cho cinneach ris na bha stigh. Tha leas mór aca gach taobh, le balla gus na craobhan is na flùraichean maoth a dhìon. Tha lianag uaine air beulaibh an tighe air a dèanamh réidh is mìn.
Sud agaibh sgeulachd tigh Chaluim—air a h-innse—gun ach beagan de shannt—le te nach tog fonn—neo fiùths pàtran geansaidh ceart. Dh’fhaighnich mi dheth gu dé a’ chomhairle a bheireadh e do dhuine a ghabhadh os làimh an aon saothair. Thubhairt e gur e a’ chiad àithne a bha aige dha fhéin gach nì a bhith còmhnard—mar a nochdadh leis an ‘Level.’ Bha tuilleadh aige r’a ràdh mu sgil, is eòlas, is foighidinn. Bha feum orra uile. Nì eile—na tog tigh a chaoidh le bheulaibh gu’n Iar-dheas. Cuir màs làidir gun uinneag neo fosgladh do’n àirde sin ma tha thu son tigh dìonach blàth a bhith agad.
Chuir sgeulachd Chaluim ’nam chuimhne obair luchd an fhògarraidh an Canada a b’ fheudar cruadal a sheasamh gu tighean agus bith-beò a chosnadh. Ach is e bha annsan dheth duine a bha socair gu leòr ’na obair—fear a dh’ fhaodadh an oidhche a chur seachad le chasan anns an luath agus a shròin ’na phàipear naidheachd nam b’e sin a thoil. An àite sin ghabh e deuchainn nach bu bheag os làimh. Rinn e saor is clachair is “pluimear” dheth fhéin—agus rinn e cuideachd na cuisdeanan chum cosgais na bha so a chumail sìos cho fada is a b’urrainn. Chùm e an gnothaich a bha so cheart cho còmhnard ris na ballaichean. Mar eisimpleir, fhuair e na h-uinneagan air faisg air leth-phrìs á àite an Sasuinn. Chan eil e airson móran a ràdh mu’n taobh so de’n ghnothaich, ach a-mhàin gu bheil e comasach do a leithid fhéin tigh teaghlaich a thogail gu math air taobh stigh £2,000 le bhith coimhead gu geur
A thuilleadh air na rinn Calum, tha dùil aige barrachd a dheanamh mar a leigeas àm is sporan leis. Thog e ballaichean an tighe nas àirde gus a faodadh e dà sheòmair eile a chur ris an tigh—shuas staidhre. Mu thràth tha na làir aige stigh.
A thaobh Màiri a bhean. Dé a beachd-se air an obair a chùm an duine aice gach feasgar fada o’n tigh san robh iad san àm?
An toiseach, canaidh i fhéin, cha tug i móran spéis do’n ghnothaich. Ach mar a bha piseach a’ tighinn thuig i gur e gille mu ghnothaich a bha aice agus a nis tha i anabarrach mór ás an tigh aca fhéin—mar is còir dhi.
Cha robh gruaim oirre a riamh neo feagal gun deanadh a céile cus agus gu sàraicheadh e e fhéin, oir, tha i ag ràdh, bha e eòlach air obair chruaidh agus bha e ’na bheachd aige fhéin gur e amaideas a bh’ann obrachadh thairis air neart corporra.
Bu toigh leam crìochnachadh le bhith beachdachadh air cho fìor mhath is a rinn an duine so an Leódhus; ma tha pòsadh buadhan inntinn agus buadhan làmhachais idir ann, tha iad an so, saoilidh mi. Ach feumaidh mi aideachadh nach e Leódhusach idir a tha an Calum Mac an Rothaich—ach leth-Uibhisteach is leth-Hearach. Cha mhisde e sin, tha e coltach. Is math a rinn e.
title | An Taigh a Thog Calum |
internal date | 1966.0 |
display date | 1966 |
publication date | 1966 |
level | |
reference template | Màiri NicAmhlaidh in Gairm 55 %p |
parent text | Gairm 55 |