FAIRE UR A’ NOCHDADH
(Earrann air a bheil dreach na h-oige—fo iuil Cairistìona Dick)
An ràithe so:—
(1) Còcaireachd, le C.C. D.
(2) Maise Gnùis, le Ealasaid Nic a’ Rothaich
(3) Bùtha Littlewoods, le Iain MacNèill
(4) Fasanan Ura, le Eithne NicNeacail
(5) Clann an Latha ’n Diugh, le Cairistìona Dick
Cocaireachd
le C. C. D.
AIG an àm so dhe’n bhliadhna tha na gàrraidhean làn rùbarb agus mar a bheil gàrradh agaibh fhéin ’s ainneamh duine nach aithne cuideigin a bheir dhà stàc no dhà no eadhon làn bara. An dug sibh riamh fa-near cho fialaidh is a tha daoine mu’n rùbarb? Nach e bhiodh math nam biodh iad cho còir mu na sùbhan làir. Ach co-dhiù cha chuir sinn cùl ris a rùbarb fhéin. Agus dé ’s fheàrr na pìos aran ùr agus sìneadh math dhe’n jam air. So agaibh stiùireadh a bhiodh mo mhàthair a’ cleachdadh.
7 puinnd rùbarb
7 puinnd siùcar
¼ punnd dinnsear leasaichte
1 unnsa freumh dinnsear
1. Glan a rùbarb agus geàrr e ’na bhideagan mu òirleach a dh’fhaid.
2. Bog e leis an t-siùcar agus an dinnsear fad ceithir uaire fichead no nas fhaide ma thogras sibh.
3. Bheir chun a’ ghoil e agus leig leis goil 30-35 mionaid no gu fàs e tiugh.
4. Bheir dheth an craicionn, no an sgùm, cuir ann an cnogain e agus cuir cinn air na cnogain.
’S t-samhradh so chaidh bha ban-Ameireaganach a’ fuireach dha no tri mhìosan as a’ bhaile againn. Mar chuimhneachan air na càirdean a rinn i air a turas bha i ag iarraidh oirnn uile stiùireadh-còcaireachd Albanach a thoirt dhi a chuireadh i gu feum nuair a rachadh i dhachaidh. Thug mise dhi stiùireadh air mar a dheanadh i aran-coirce agus thug ise dhòmhsa stiùireadh air mar a bhiodh i deanamh pie rùbarb. Cha dug mi do dhuine fhathast e nach do rinn mór mholadh air. So agaibh e.
Lìnigeadh de Thaois (Ni so trì soithichean)
1 chupa geir (ìm no margerine) —8 ùnnsa.
3 cupaichean flùr—12 ùnnsa.
1 spàin-tea de shalann.
¼ cupa bainne—na fhliuchas taois.
Lìonadh (Aon soitheach)
1 chupa rùbarb (air a ghlanadh is air a ghearradh).
2 ugh, 1/2 cupa bainne, 2/3 cupa siùcar air am bualadh còmhladh.
Cuir ann a rùbarb agus rùsg orainsear air a sgrìobadh.
Lìnig soitheach meudachd 9 òirlich leis an taois agus dòirt ann an lìonadh.
Bruich anns an àmhainn aig 425° airson 15 mionaid. Cuir sìos an àmhainn gu 350° agus bruich e airson 30 mionaid eile no an còrr ma dh’fheumas e e.
Riaraich fuar no teth e. Ma tha an t-uachdar pailt riaraich so leis.
title | Còcaireachd |
internal date | 1966.0 |
display date | 1966 |
publication date | 1966 |
level | |
reference template | C.C.D. in Gairm 55 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |