BEACHD AIR COGADH VIETNAM
Le DOMHNALL IAIN MACLEOID
THA an roinn-talmhainn ris an canar Indo-China air a cuartachadh, o’n tuath, le Sìna, o’n iar le Burma is Thailand agus o’n ear ’s o’n deas leis a’ Chuan Shìneach. Tha an t-ainm a’ toirt a-steach cóig sheann rìoghachdan—Cochin China, Cambodia, Annam, Tonkin agus Laos—a bha aonaichte fo impireachd na Frainge o 1893. An déidh a’ Chogaidh mu dheireadh, chuir a’ Fhraing ris na cóig popuill iad a dh’ aonadh ri chéile ’nan stàit ùr fo’n ùghdarras fhéin: chaidh Laos is Cambodia leis a so ach chuir an còrr ’na aghaidh: roighnich Cochin China, Tonkin is Annam aonadh ’nan rìoghachd ùr eadar-dhealaichte o chàch—b’ e so Vietnam.
Chog an rìoghachd ùr an aghaidh nam Frangach agus bha bhuaidh dheireannach leotha am blàr mór Dien-bien-phu an 1954.
Aig Coinneamh Mhór a’ U.N. an Geneva ann an 1954, chaidh Vietnam a roinn ’na dà leth: bha Ho Chi Minh agus an Vietminh (Co-mhaoinich) ri dhol gu leth a tuath na rìoghachd agus na Frangaich dh’an leth a deas; bha an t-sìth ri bhith air a cumail le buidhnean á Canada, Poland agus an Innse; cha robh an roinn a’ dol a mhairsinn ach gu 1956 an uair a bhathas a’ dol a chumail taghaidhnean airson Pàrlamaid a bhiodh os cionn Vietnam gu léir.
Mu’n àm so, fhuair Ngo Dinh Diem gu bhi ’na àrd-fhear-riaghlaidh Roinn a Deas Vietnam. Thàinig Diem gu làidir o bhuaidh Amairica—ghabh e airgead mór o’n U.S. agus thug e cuireadh do shàighdearan Amairiceanach tighinn a Vietnam. Ann an 1956, cha do leig Diem an taghadh Pàrlamaid air adhart (cha deachaidh a chumail fhathast) agus thug e garg-ionnsaigh air na Frangaich.
An 1958, chuir Prìomhair na Roinn a Tuath, Ho Chi Minh, litir gu Diem gum bu chòir Vietnam aonachadh ’s nach robh nì a’ cur bacadh air a so ach gu robh saighdearan coigreach ann an crìochan Vietnam mu Dheas. (An 1958 bha 692 Amairiceanach san Roinn a Deas.) Mu’n àm so bha móran marbhaidh ga dhèanamh air saighdearan an U.S. le Co-mhaoinich de mhuinntir na Roinn a Deas—cha robhas a’ beantainn do dhuine eile.
Ann an 1960 thuirt fear-labhairt Ruisia gu robh iad a’ gabhail iomagain, leis na bha ann de dh’Amairiceanaich, gu robh an U.S. a’ dèanamh clàr-rocaid airson S.E. A.T. O. faisg air Saigon, ceannabhaile Vietnam mu Dheas. (Tha an U.S. , Breatainn agus an Fhraing ann an S.E. A.T. O.)
Ach bha móran anns an Roinn a Deas an aghaidh Diem—an dà chuid airson e bhith taobhadh ris a U.S. agus, cuideachd, airson gu robh e annabarrach trom air na Buddhaich: ’se Caitligeach a bh’ ann (tha 10% de luchd Vietnam ’nam Pàpanaich—an còrr Buddhach no Confucianach). Ann an 1963, mharbhadh Diem le dhaoine fhéin; chuir Ho Chi Minh litir eile, as a’ bhad, gu Riaghladh na Roinn a Deas, ag iarraidh Vietnam aonadh ’na rìoghachd ùr a bhitheadh saor o smachd nan Co-mhaoineach agus an U.S. ’s na Frainge. Cha d’fhuair e freagairt.
O 1963 tha an t-Arm air a bhith a’ riaghladh Vietnam mu Dheas: an diugh ’se Ceannard an Airforce, Nguyen Ky, a tha ’na Phrìomhair—tha e gu làidir air taobh a U.S. , ’s an aghaidh nan Co-mhaoineach ’s na Frainge (mar Diem); agus tha móran d’a dhaoine fhéin, gu h-àraidh na Buddhaich, ’na aghaidh (cleas Diem, a rithisd).
Gu 1965, bha na h-Amairiceanaich ag agairt nach robh iad ach a’ seòladh a Riaghlaidh air ciamar a chumadh iad an t-sìth am Vietnam: ach, an 1965, chuireadh 3,500 saighdear Amairiceanach gu ruige Da Nang, am port-adhair, agus goirid ás déidh sin thòisich iad a’ bomadh na Roinn a Tuath airson a’ chiad uair. Bha an cogadh air tòiseachadh a cheart dha-rìribh.
An uiridh bha 185,000 Amairiceanach am Vietnam (còmhla ri 15,000 á Korea mu Dheas agus 2,000 á Astràilia is New Zealand). ’Nan aghaidh bha mu 5,000 de shaighdearan a thàinig a-nuas ás a Roinn a Tuath agus mu 200,000 de an Vietcong. ’S iad am Vietcong an fheadhainn de mhuinntir Vietnam a Deas fhéin a tha ’nam buill de’n phàirtidh Cho-mhaoineach.
Tha e glé fhollaiseach gu bheil cùmhnant cogaidh de sheòrs air choireigin eadar an U.S. is Marshall Ky agus chan eil rian a dhol ás àicheadh gum feum Vietnam an cùmhnant-sa a chumail ge b’oil leatha e—tha móran Vietnamese ’na aghaidh—oir tha fiachan móra aig an U.S. oirre: tha 40% de na tha Vietnam mu Dheas a reic a’ dol a dh’ Amairica agus tha 47% de na tha i a’ ceannach a’ tighinn ás an Fhraing ’s a’ Ghearmailt—tha i cuibhrichte gu teann an crògan ionmhasail N.A. T.O.
Tha an cogadh so air dà phuing-deasbaid gu h-àraidh a thogail: ’se sin (a) gu dé an t-aobhar a tha aig an U.S. airson a bhith anna Vietnam, agus (b) brùidealachd na sabaid.
(a) Tha na h-Amairiceanaich a’ cumail a-mach gu bheil iad a Vietnam a Deas air iarrtas an t-sluaigh airson an dìon o na
Chithear leis a so nach eil iarrtas mór sam bith aig muinntir Vietnam air na Yanks. A nise, mur eil carson a tha an U.S. cho deònach air còrr is millean dolair san latha a chaitheamh a’ cogadh, mas fhìor iad fhéin, ás an leth. Saoilidh mi gu bheil, ’s màite, da aobhar airson so.
Anns a’ chiad àite, tha an U.S. ga coimhead fhéin mar riochdaire nan rìoghachdan Capitalach agus, ma tha i dol a thàladh rìoghachdan na h-Asia o Cho-mhaoineas, bidh i faireachdainn gu feum i sealltainn dhaibh sin gu bheil barrachd neirt an Capitalism na tha an Co-mhaoineas. Air a làimh eile tha Sìna a’ cuideachadh Vietnam a Tuath gus treasad na Co-mhaoineas a shoillseachadh; is tha Ruisia a’ toirt Mig’s is airm eile do’n Roinn a Tuath airson gun dearbhar leotha gu bheil barrachd brìgh ’na Co-mhaoineas-se na tha an Co-mhaoineas Stalin-ach Sìna agus Capitalism Amairica. Ach ’se daoine bochda Vietnam a tha fulang. Agus dé am beachdsan air Co-mhaoineas is Capitalism? Well, tha na mìltean móra san Roinn a Tuath ag iarraidh teich ás agus tha an àireamh cheudna san Roinn eile a tha an aghaidh Capitalism: theagamh gum b’fheàrr leotha an càirdean a bhith beò, slàn aca na ged a dheigheadh Co-mhaoineas is Capitalism a thigh na croiche.
’Se so an dara aobhar gu bheil an U.S. cho deònach air fuireach am Vietnam: cho fad ’s a tha leisgeul aice a bhith am Vietnam, bidh suidheachadh math aice air crìoch Shìna airson ma thòisicheas Cogadh Mór. Tha so nas feumaile buileach a nise leis mar a thathas air Breatainn a phutadh a-mach á Malaysia is ás an Ard an Ear gu h-iomlan, agus o chionn, le crìoch cogadh Khorea, nach eil leisgeul sam bith aig an U.S. fhéin airson a bhith sna ceàrnnaidhean sin thall.
Thachair an aon rud an Cyprus. Tha Cyprus cha mhór air crìoch Ruisia: bhrosnaich Breatainn mì-rùn eadar na Greugaich is na Turcaich an Cyprus gun aobhar sam bith ach gus an iarradh an dara buidheann oirre fhéin no air Amairica fantainn san eilean gu an dìon—dh’fhaodadh Breatainn an uairsin a rocaidean a chur suas san eilean nan tòisicheadh cogadh an aghaidh Ruisia.
’Se sin mar a shaoileas mise a tha a’ chùis am Vietnam—fo bhratach a bhith dìon sluagh na Roinn a Deas o reubaileachd nan
Cha do chuireadh dòigh cho soirbheachail—no cho suarach—gu feum riamh leis na rìoghachdan Iompaireach ri a bhith a’ roinn pobuill: tha so a’ lagachadh na dùthcha, ga cumail trang a’ sabaid ri buill dhith fhéin agus tha e a’ toirt cothrom do Bhreatainn, an Fhraing, an U.S. no eile fantainn san dùthaich ’nam maor-shìthe—ma bha sin gu feum dhaibh féin. Thachair so an Eirinn, am Palestine, an India, Pakistan, eadar Eirinn is Gaidhealtachd Alba. O chionn ghoirid, bha fear á British Guiana (Demara) a’ cumail a-mach, sna pàipearan-naidheachd gur e Breatainn a bha air chùl a’ mhì-rùn eadar na h-Innseanaich is an sluagh Negroid ’na dhùthaich: thuirt e gun robh Breatainn a’ dèanamh so ge be càite a robh a h-Iompaireachd.
Saoilidh tu mì-choltach e an dràsda, ach nam biodh e gu leas Breatainn no Amairica gum biodh cogadh eadar Leódhus is an t-Eilean Sgitheanach, dh’fhadadh iad rong buaireis sam bith a tha ann cheana is, creid thusa mise, bhiodh cogadh ann mun tig an ath iris de Ghairm a-mach. (Bhiodh na Comuinn an Glascho ’nan Reserve, ’s dòcha.)
(b) O chionn greise, tha na seanalairean Amairiceanach am Vietnam air aideachadh turas no dhà gun do mharbh an saighdearan feadhainn de an cuideachd fhéin agus de na Vietnamese a tha dìleas dhaibh—an dà chuid sa’ choille is am baile mór Saigon. Leis nach eil fhios aig na saighdearan le cinnt air có a tha leotha is có ’nan aghaidh am Vietnam a Deas, tha so gam fàgail ro dheiseil leis a’ ghunna: tha iad buailteach air dol ’nam boil anns an troimh-a- chéile as lugha agus air losgadh air cia be air bith a tha iad a’ saoiltinn idir amharusach.
Ach tha iad air aideachadh, cuideachd, gun do bhom iad bailtean a bha air an taobh: chan urrainn gur e obair an eagail is gabhail gnothaich an cabhaig a tha so, oir feumar na turais-bomaidh so a bhith air am planadh lathaichean roimh an àm. Tha móran air feadh an t-saoghail ag aontachadh gu bheil e coimhead glé choltach gu bheil an U.S. a’ cur ás do bhailtean gu h-iomlan ma tha amharus aca gu bheil duine no dithis, annta de’n Vietcong.
Tha cogadh an coille dhùmhail leithid ’s a tha am Vietnam ag iarraidh seòltachd is sgiobaltachd o na saighdearan is an innealan-sabaid: tha so aig na saighdearan á Vietnam fhéin agus á Korea
Tha an cogadh cuideachd air fìor dhroch ainm fhaighinn airson borbalachd an dòigh ceasnachaidh a tha aig an dà arm air prìosanaich. Tha an cogadh so cho fuilteach is cho neo-Chrìosdail ri aon chogadh neo-nuclearach a chaidh fhulang le sluagh dùthcha riamh.
Ann an co-dhùnadh: tha sluagh Vietnam breòite le cogadh borb nach robh iad ag iarraidh, ’s dòcha, is nach eil an seagh sam bith gu am math shaoghalta. Tha e follaiseach gu robh Ho Chi Minh o thùs deònach air an t-sabaid a sgur, an rìoghachd aonadh agus taghadh-Pàrlamaid saor a bhith ann—ach air aon chùmhnant, ’se sin, gum fàgadh na h-Amairiceanaich an toiseach an dùthaich. A nis tha a’ chùmhnant-sa iomchuidh gu leòr oir chan eil còir sam bith aca a bhith ann.
Bu chòir do Bhreatainn is do Ruisia, an luchd-cathrach, comhairle an U.N. air Vietnam ath-ghairm, iad iarraidh air an U.S. Vietnam fhàgail, agus taghadh-Pàrlamaid a chumail fo sgrùdadh buidheann eadar-nàiseanta. Tha còir aig a h-uile duine aig a bheil gaol na sìthe so iarraidh is iarraidh gus an gluais sinn ar buill-Pàrlamaid ás an iodhall-adhraidh a tha iad a’ foillseachadh a dh’ Amairica. So, airson math ar co-dhaoine—agus airson ar math fhéin cuideachd, mus tarraing sinn rocaidean atomach Sìna mu ar claigeann.
(Bha crìoch air a chur air an sgrìobhadh so an uair a chaidh ainmeachadh gu robh Mgr. Seòras Brown air cuireadh fhaighinn a dhol a Ruisia air Nov. 22 is 23 (1966) —thathas an dùil gum bi iad a’ toirt tarraing air Vietnam a-measg chuspairean eile agus ’s màite, leis a sin, gum bi iad air ar comhairle ghabhail mu ath-ghairm comaididh an U.N. mus tig Gairm a’ Gheamhraidh am follais. Bhiodh Gairm glé thoilichte a bhith cùl an sgeòil air an turas so.)
title | Beachd air Cogadh Vietnam |
internal date | 1966.0 |
display date | 1966 |
publication date | 1966 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 57 %p |
parent text | Gairm 57 |