[169]

GAIDHLIG GUN GHRAMAIR

Le MURCHADH MACLEOID (Inbhir-Nis)

IS ainneamh latha nach cluinn no nach fhairich sinn, ma tha sinn idir a’ tadhal na Gaidhealtachd agus nan eilean, gur ann a’ dol an lughaid a tha an àireamh sluaigh a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig mar chainnt mhàthaireil. Duine sam bith aig a bheil dlùth-cheangal ris na h-àiteachan far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn bidh e mothachail air so. Aig a’ cheart àm, tha e cinnteach nach robh àireamh cho mór de dhaoine riamh roimhe cho déidheil air Gàidhlig ionnsachadh. Nach bochd nach robh muinntir na Gàidhlig fhéin cho measail oirre ’s a tha na ceudan nach d’ fhuair i ri ’n òige ach a tha dèanamh cruaidh spàirn gus a togail!

Anns a’ chumantas tha ghearain aig luchd-ionnsachaidh na Gàidhlignach eil muinntir na Gàidhlig deònach an cuideachadh le bhith bruidhinn na Gàidhlig riutha, agus gu bheil iad a’ cur cus eòlais air leughadh agus air riaghailtean-gràmair gun chothrom ceart a bhith aca còmhradh a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig. Air a’ cheann thall, bidh cuid ac’ ag ràdh, chan eil ac’ ach gràmair gun Ghàidhlig!

’S dòcha gur ann a bhithear a’ gearan a nis nach eil anns naLeasain Ghàidhliga chuireadh a-mach fo ainm a’ Chomuinn Ghaidhealaich toiseach an Dàmhair-s’ a chaidh ach Gàidhlig gun ghràmair. Tha fichead ann dhe na leasain so, air deich clàir, agus còrr is fichead mionaid de bhruidhinn air gach taobh. An cois nan clàr gheibhear leabhar leis na leasain anns a’ Ghàidhlig, eadar-theangachadh Beurla agus dealbhan tlachdmhor gus soilleireachadh a dhèanamh air cuid dhe na cuspairean air a bheil na leasain air an suidheachadh. ’Se bha fainear dha’n bhuidhinn a dheasaich na leasain cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh beagan Gàidhlig a thogail gun móran cùraim a bhith orra a thaobh gràmairan gràmair, mar gum b’ eadh, ga thogail gu nàdurrach ach an lùib na Gàidhlig. Nach ann mar so a dh’ ionnsaich sinn fhìn a’ Ghàidhlig, agus nach e so an dòigh as fheàrr air cànain sam bith ionnsachadh?


[170]

Mar sin, cha b’e puingean gràmair bu mhotha bh’ air ar n-aire idir, ged nach robh math dhuinn iad sin a chur á bith gu tur, achsuidhichidheanàraidh a thaghadh agus leasain a bhonntachadh orra a bheireadh seòladh do luchd-ionnsachaidh mar a dh’ fhaodadh iad còmhradh a dhèanamh air cuspairean cumantarudan a tha tachairt a h-uile latha, air an dùthaich agus anns a’ bhaile mhór, aig an teine, aig a’ bhòrd, air an t-sràid, anns a’ bhùth, anns an sgoil, anns a’ mhonadh agus mar sin.

Choisinn so gun deachaidh beagan mùchaidha bharrachd air beagan muthaidh! —a dhèanamh air dhà no trì de riaghailtean-gràmair, gus a’ chùis a dhèanamh na b’ fhasa dhaibhsan a tha gus feum a dhèanamh dhe na leasain. Chan fhaicear an sobàrr na duilleige bigenotaobh na h-uinneige móire.” Tha a leithid so air a sheacadh sìos gubàrr na duilleig bhigagustaobh na h-uinneig mhóir.” Ach nis mu na ceudan de mhuinntir na Gàidhlig a bhitheas ag ràdhbàrr an duilleag bheagagustaobh an uinneag mhór”? Mas e cainnt an t-sluaigh a tha dhìth ort, carson nach fhaod thu so a chur ann an leabhar cuideachd? ’S dòcha gu robh còir againn so a dhèanamh, ach cha robh math dhuinn cus stiallaidh a dhèanamh air na bunaitean eagal’s gun tigeadh fiaradh ro mhór anns na ballachan agus gun tuiteadh iad m’ ar claiginn!

Faodaidh gum bithear a’ gearan gun deachaidh sinn tuilleadh is fada ann a bhith gabhail ri facail Bheurla. Gheibhear anns na leasain facail annasach mar tha stòbha, baga, sgueathar, taipeadh, meniu, garaids, gabhair, tiop agus mar sin. Tha cuid dhiubh so, agus a’ mhór chuid tha mi cinnteach, nach fhacas ann an clò riamh roimhe, agus is dòcha gun dèan iad oilbheum do chuidach chan e chithear no chunnacas ann an leabhraichean bu chairt-iùil dhuinn idir ach chluinnear ann an Tròtairnis, an Tigh a’ Gheàrraidh no an Tolastadh-bho-Thuath. Gun teagamh, tha facail anns na leasain so nach cluinnear ro thric anns na badan sin. An uair a tha ar gnothaich ri cuspairean sònraichte leithid obraichean agus dreuchdan tha beagan de chainnt uasail ag èaladh a-steach ge b’ oil leinnfear-ealantais, tionnsgalan, Seirbhis a’ Phobuill, bùth an dealan-chiùird ’s a leithid sin. Ma thogas am fear a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig cunntas de dh’ fhacail dhe ’n t-seòrsa so chan eil fhios nach ann a théid aige air na naidheachdan Gàidhlig a leantainn gu dòigheil air an réidiorud nach dèan a h-uile fear a bhuineas dha na h-eileanan!

Tha an roimh-ràdh anns an leabhar a’ cumail a-mach nach eil agad ach na leasain so a chur gu feum gus Gàidhlig a thuigsinn agus a bhruidhinn cuimseach math, ged a b’ ann a’ tòiseachadh oirre bhitheadh tu. Eisd agus bruidhinnsin na bheil agad ri dhèanamh. Tha e caran tràth fhathast a dhol a ràdh gu bheil an


[171] fhàistneachd so air a thighinn fo theachd, ach tha h-uile coltas gu bheil féill mhór air na leabhraichean agus air na clàir, rud a tha ’na chomharra gu robh móran air feadh na dùthcha a’ feitheamh gus an cuirte a leithid ’nan tairgse. Tha mi creidsinn nach robh riamh roimhe cothrom cho math aig luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air a’ chànain a thogail leis an t-sùil agus leis a’ chluais aig an aon àm, agus aig àm sam bith a fhreagras orra fhéin.

Tha suas ri ceithir cheud seat dhe na clàir air an reic cheana, agus còrr math is mìle dhe na leabhraicheana’ mhór chuid dhe na leabhraichean airson nan sgoiltean, oir tha iad feumail chan ann a-mhàin dhaibhsan a tha togail na Gàidhlig ach do sgoilearan òga aig a bheil a’ Ghàidhlig agus a tha cur feum air rud a leughas iad ’nan cainnt fhéin. Tha amharus agam gu bheil a’ phrìstha na deich clàir agus an leabhar a’ cosg mu £7a’ cur bacadh air cuid leis am bu mhath tòiseachadh air Gaidhlig ionnsachadh air an ceann fhéin. Chan eil iad so airson cus cosgais a chur mu’n ceann ’s gun iad cinnteach fhathast gu lean iad orra. Nan robh a’ chiad chlàr ri fhaotainn air leth, air 15/- no mar sin, tha mi cinnteach gum bitheadh fada a bharrachd air am brosnachadh gus oidhirp a dhèanamh air beagan Gàidhlig a thogail; agus am fear a cheannaicheas aon chlàr, chan eil fhios nach ceannaich e chuid eile ceann sreatha.

titleGàidhlig gun Gràmair?
internal date1967.0
display date1967
publication date1967
level
reference template

Murchadh MacLeòid in Gairm 58 %p

parent textGairm 58
<< please select a word
<< please select a page