SGOIL CAISTEAL STEORNABHAIGH
le Alasdair MacCoinnich
CO an Gaidheal nach cuala mu Steòrnabhagh Mór a’ Chaisteil? Is e baile mór agus baile glé adhartach a tha ann an Steòrnabhagh an diugh!
Ged nach robh am baile cho mór no cho eireachdail an uair a chaidh an Caisteal a thogail, b’ e, eadhon an uair sin fhéin ceann-bhaile an eilein. Ged nach robh cothrom siubhail aig an t-sluagh mar a tha aca a nise, bha Leódhasaich ri’m faotainn anns gach ceàrnaidh de’n t-saoghal, agus gu math tric gheibhteadh iad ann an àrd inbhe air muir ’s air tìr.
Tha corr agus ciad bliadhna bhon thog an Ridire Seumas MacMhathain, a bha ’na uachdaran air Leódhas, caisteal Steòrnabhaigh. B’ anns a’ chaisteal a bha cùisean riaghlaidh an eilein air an stéidheachadh, agus an uair a cheannaich Leverhulme an t-eilean chùm an caisteal àite fhéin ann an cùisean cudthromach na h-oighreachd.
An uair a dh’ fhàg Leverhulme Leódhas, dh’ fhàg e an Caisteal an earbsa ri buidhinn de dhaoine air an robh e mar fhiachaibh fhaicinn gum bitheadh an caisteal air a chur gu feum muinntir Leódhais. Cha do rinneadh móran car greise, ach an uair a thug Parlamaid a mach Achd Ur an Fhoghluim, a dh’ òrdaich gum biodh aois na sgoile air a togail gu cóig bliadhna deug, thuig Comhairle an Fhoghluim an Siorrachd Rois, agus buidheannan eile, gun robh feum air Sgoil-còmhnaidh an Steòrnabhagh far am biodh gillean Leódhais agus nan eileanan eile a’ faotainn teagaisg ann an obair mara, obair aodaich, agus ceàirdean de gach seòrsa. Bha an Comunn a bha an urra ris a’ chaisteal de’n aon bheachd, agus thairg iadsan an Caisteal airson an aobhair so. Ghabh Comhairle an Fhoghluim ris an tairgse gu h-aon ghuthach, agus b’ e sin toiseach tòiseachaidh Colaisde Caisteal Steòrnabhaigh.
Ged a bha an aitreabh mór agus brèagha bhon taobh a muigh, bha móran oibreach r’ a dheanamh agus móran airgid r’ a chosg chum is gum biodh an t-àite freagarrach airson an t-seòrsa colaisde a bha san amharc aig Comhairle an Fhoghuim. Chaidh na h-atharraichean so a ghabhail os làimh air ball, agus an uair a bha an t-àite deiseil chaidh luchd-teagaisg a thaghadh a chum a bhith a’ dol an sàs anns an obair.
Air Di-ar-daoin, an 24mh latha de’n t-Sultuinn, fa chomhair cruinneachadh mór sluaigh a Leódhas agus far tìr mór, dh’ fhosgail am Morair Home, Ministear na Stàite, a’ Cholaisde. Mhol e Comhairle an Fhoghluim airson na h-oibreach ionmholta a ghabh iad os làimh; thuirt e gun robh e a’ smaoineachadh gun robh an seòrsa teagaisg so ro-fhreagarrach airson gillean nan eileanan aig an ám so agus ghuidh e gach soirbheachadh a bhith leotha.
Labhair àireamh eile de na bha an làthair agus nochd iad uile gun robh ùidh mhór aca fhéin agus aig na buidheannan a bha iad a’ riochdachadh ann an obair Colaisde a’ Chaisteil.
Ged is ann an Steòrnabhagh a tha a’ Cholaisde so air a suidheachadh, agus ged a tha i fo riaghladh Comhairle Foghluim Rois, tha cuireadh aig gillean nan Siorramachdan eile tighinn chun na Colaisde an aon rud ri gillean Leódhais fhéin. Thòisich a’ Cholaisde le ceithir fichead is dà ghille dheug. Tha dhà dheug thar fhichead a’ còmhnaidh anns a’ Chaisteal agus an corr a mach ’s a steach gach latha. Tha mu leth nan gillean, air an iarrtas fhéin, a’ faighinn teagasg ann an ceàirdean, agus tha so glé iomchuidh oir tha gainne mhór de luchd ceàird anns an Eilean Fhada. Bhon a sguir an Cogadh Mór mu dheireadh chaidh móran thighean a thogail anns na h-eileanan agus chì sinn gun tug cuid aca greis mhór ’gan togail le cho gann agus a bha luchd-ceàird.
Tha, a rithist, am muir ann an fuil nan eileanach agus tha sinn an dòchas gum bi foghlum Sgoil a’ Chaisteil ’na chuideachadh do ghillean a bheir an aghaidh air a’ mhuir, agus gun cuidich e iad gu bhith ag éirigh gu inbhe àird anns an dreuchd sin. Tha, cuideachd, obair a’ Chlò Mhóir buannachdail do Leódhas agus do na Hearadh agus bithidh gillean a’ Chaisteil a’ faotainn móran ionnsachaidh ann an obair clòimhe is dath is breabadaireachd. Ma shoirbhicheas leis a’ Cholaisde so, tha cinnt againn gum bi am barrachd cothrom aig an fheadhainn a dh’ fhuiricheas aig an tigh agus, cuideachd, gum bi am foghlum a gheibh iad gu mór fheum dhaibhsan a bheir an saoghal fo ’n cinn.
Aig an ám so, tha sinn a’ cluinntinn móran mu chor na Gaidhealtachd, agus tha móran rannsachaidh ’ga dheanamh feuch am faighear rian air an sluagh a chumail anns a’ cheann a tuath. Chan eil ach aon dòigh air an sluagh a chumail air a’ Ghaidhealtachd, agus ’se sin cosnadh a bhith aca a bhios a réir an càil agus a réir gnàths an dùthcha. Gun teagamh sam bith, feumaidh goireasan a bhith aca mar a tha rathaidean móra, uisge agus solus dealain. Ach ged a bhiodh iad sin uile aca, agus móran a bharrachd, chan eil iad gu math sam bith mur a bheil cosnadh ’nan cois agus ’nan luib.
Anns a’ Chaisteal, bithidh gach oidhirp air a dhèanamh chum is gum bi na gillean a’ faotainn gach cothrom a bhios iomchuidh. Am measg nan cuspairean a bhithear a’ teagasg, bithidh a’ Ghàidhlig a’ faotainn a h-àite dligheach fhéin mar chànain mhàthaireil nan gillean.
Bha Comhairle an Fhoghluim fortanach gun robh iùil agus cuideachadh aca bhon Chòrnalair Iain MacSuain aig toiseach gnothaich. B’ esan a bha gu bhith air ceann Sgoil a’ Chaisteil ach cha robh sin an dàn. Shiubhail e mun do thogadh seòl ri crann agus chan fhaca e riamh buileachadh na h-oibreach anns an robh a chridhe agus ùidh. B’ e a rùn-san gum biodh an seòrsa foghluim air a bheil gillean Gaidhealach an latha ’n diugh a’ cur feuma air a theagasg, agus aig a’ cheart ám gum biodh gach beusachd agus uaisleachd a bhuineadh dhuinne mar dhaoine a’ comharrachadh gach neach a rachadh do Sgoil a’ Chaisteil.
Bha Caisteal Steòrnabhaigh ainmeil fad ciad bliadhna mar dhachaidh nan uachdaran, leis gach greadhnachas a bha co-cheangailte riutha. Thàinig dà latha air a’ chaisteal. An àite a’ chiùil is gach fleadhachais a b’àbhaist, tha sùrd is gean nan eileanach òga a’ fàilteachadh an luchd-tadhail. Is e ar dùil is ar dòchas gum bi an aitreabh eireachdail so ’na buannachd nas motha do na h-Eileanan anns na linntean air thoiseach, na eadhon a bha i anns an làithean a dh’ fhalbh.
( Tha Alasdair MacCoinnich—Sgiathanach a tha nise a’ fuireach ann am Baile Dhubhthaich—air a bhith air ceann Comhairle an Fhoghluim an Siorrachd Rois riamh bhon a thugadh a’ cheud iomradh air Colaisde a’ Chaisteil. Tha sinn toilichte gun do lorg e ùine gus so a sgrìobhadh dhuinn. —Na Fir Deasachaidh.)
title | Sgoil Caisteal Steòrnabhaigh |
writers | Alexander MacKenzie |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Alasdair MacCoinnich in Gairm 6 %p |
parent text | Gairm 6 |