[135]

Lagh na Croite

Le DOMHNALL IAIN MACCUMHAIS.

THA greis mhath on chuireadh air chois an Coimision a tha an ceartair adeanamh geur-rannsachadh air staid na croiteireachd agus suidheachadh chroiteirean anns na seachd siorramachdan anns a bheil croiteirean rim faotainn, agus shaoileadh duine gum bu chòir dhoibh a dhaithghearr a bhith atoirt iomraidh air an comh-dhunadh a thaobh na chualas na chunnaic iad.

Bhitheadh e iomchuidh gun cluinnear guth achroiteir am measg chàich, agus gu dearbh gun cluinnear e os cionn chàich, oir is e a tha so cuspair a bhuineas gu dlùth ri chaithe-beatha agus feumaidh e gnothach a ghabhail ris. Bi e nas fhasa dha sin a dhèanamh ma tha eòlas aige air na còraichean a tha an lagh abuileachadh air, agus tha oidhirp air a dhèanamh an so beachd a thoirt air còraichean achroiteir gun a bhith buntainn gu mionaideach ri meur sam bith den lagh.

Chaidh lagh air leth a shuidheachadh airson chroiteirean anns an Achd iomraideach, Achd nan Croiteirean, a chuir aPhàrlamaid a mach anns abhliadhna 1886. Chaidh iomadh leasachadh is càradh a dhèanamh air an lagh bhon sin, gu h-àraidh anns na bliadhnachan 1911, 1919, agus 1931, ach is ann anns an t-seann Achd a gheibhear fìor bhunaitean an lagha. Is e so na trì bunaitean sònraichte air a bheil lagh na croite stéidhte:—

1. Còir achroiteir a bhith sealbhachadh a chuid fearainn gun dragh o dhuine sam bith cho fads a tha e coimhead cùmhnantan àraidh.

Cha leigear a leas a bhith ag ainmeachadh ach na cùmhnantan as cudthromaiche, mar a leanas:—

(1) Feumaidh an croitear am màl a phàidheadh aig na h-amannan àbhaisteach.

(2) Ma chuidich Bòrd an Fhearainn e le ìosad airgeid, feumaidh e suim àraidh a phàidheadh dhaibh-san aig ceann a h-uile sia mìosan gu bràth gus am pàidhear air ais an t-ìosad agus an riadh a thana chois.

(3) Feumaidh e fhéin, no a theaghlach, a bhith ag àiteach an fhearainn, ach faodaidh luchd tuarasdail a bhith acuideachadh leis an obair.

(4) Chan fhaod e am fearann, no na tighean a tha air uachdar a leigeil a dholaidh le -chùram.

(5) Fhads as beò e chan fhaod e am fearann a thoirt seachad do dhuine sam bith eile gun chead an uachdarain (ach chìtear a dhaithghearr gu bheil meadhonan ann air son faochadh on chùmhnant so a thoirt do chroiteir a tha fàs aosda, lapach).

(6) Chan fhaod e am fearann a cho-phàirteachadh eadar e-fhéin agus fear eile gun chead an uachdarain.

(7) Ma chuir e ainm ri cùmhnant sam bith co-cheangailte ris an fhearann agus mas e cùmhnant a tha ann a chì Cùirt an Fhearainn iomchuidh, feumaidh e a choimhlionadh.

Ged a bhiodh croitear abriseadh aon de na cùmhnantan a tha ceangailte ris an fhearann, cha chaill sin dha a chòir air an fhearann


[136] as an t-seasamh bonn. Chan fhaodar fhuadach air falbh gun cead Cùirt an Fhearainn iarraidh agus mus toir iad-san cead seachad is àbhaist dhaibh cothrom a thoirt don chroiteir an a tha ceàrr a chur ceart, mas e a tha ann as urrainnear a chur ceart.

Chan eil e buileach fìor a bhith ag ràdh nach caill croitear a chòir fearainn cho fads a tha e coimhead na cùmhnantan a tha leagte air. Tha dòigh eile ann anns am faod e fearann a chall, oir tha ùghdarras aig an uachdaran, le cead na Cùirte, greim a chur air croit, no pìos de chroit, a tha e deònach a chur gu feum iomchuidh. Mar eisimpleir air an seòrsa feuma a chithear iomchuidh, tha togail tighean comhnaidh, no tigh-sgoile, no eaglais, no deanamh rathad ùr, no leudachadh seann rathad. Gheibh an croitear làn chothrom cur an aghaidh a leithid so, agus aig acheann mu dheireadh ma gheibh an t-uachdaran an cead a tha dhìth air, suidhichidh aChùirt meud na h-éirig a dhfheumas e a phàidheadh don chroiteir air son an talamh a tha e acall.

2. Còir achroiteir a bhith asealbhachadh a chuid fearainn air son màl a tha ceart, cuimseach.

Tha so aciallachadh nach leig an croitear a leas màl a phàidheadh air son leasachadh sam bith a rinn e fhéin no athraichean roimhe an taobh a stigh crìochan an fhearainn. Mas e talamh mòintich a bha ann nuair a chaidh am fearann a shuidheachadh an toiseach, agus mas e an croitear fhéin no chuideachd a bha aig saothair an talamh a thoirt a steachna thalamh àitich agus uidheamachadh le gach a bha feumail, chan iarrar air ach màl a tha coltach air son talamh mòintich.

Faodaidh an croitear agus an t-uachdaran a bhith ag aontachadh màl cothromach eatorra fhéin, neo faodaidh fear seach fear aca iarraidh air Cùirt an Fhearainn màl a shuidheachadh. Aon uairs gu suidhichear màl cothromach, seasaidh e fad seachd bliadhna mur eil an t-uachdaran agus an croitear le chéile deònach atharrachadh, ach an ceann seachd bliadhna faodaidh fear seach fear aca tighinn air adhart a rìs agus iarraidh air aChùirt am màl a shuidheachadh as ùr.

3. Còir achroiteir, nuair a leigeas e dheth am fearann, éirig fhaighinn on uachdaran air son leasachadh a rinn e-fhéin no chuideachd air.

Faodaidh croitear a chroit a leigeil dheth uair sam bith, ma bheir e rabhadh sgrìobhte don uachdaran aon bhliadhna roimhn ám. Agus gu tric ma tha an croitear deònach faighinn air falbh ann an cabhaig, cha chùm an t-uachdaran ri rabhadh bliadhna e. Nuair a gheibh e cuidhteas am fearann, tha còir aige air luach a h-uile a tha e afàgail air uachdar a bhuineas dha fhéin no do chuideachd. Tha sin mar sin eadhon ged a be achoire fhéin a chaill am fearann dha, mar a thachras nuair a bhriseas e aon de na cùmhnantan a dhainmicheadh a cheana.

Am measg samhuil na leasaichean as àbhaisteiche air croit, tha tighean comhnaidh, oifisean tuathanachais, claisean is guitearan is gàrraidhean crìche. Mur eil daoine còirdte a thaobh luach nan rudan sin, faodar iarraidh air aChùirt luach a chur orra, agus ni iadsan sin a réir am fiach don ath duine a shealbhaicheas am fearann.

Ged nach téid bacadh a chur air duine a thaobh an seòrsa leasachaidh a dhfhaodas e a dheanamh air a chroit fhéin, chan fhaigh e air ais aig acheann mu dheireadh luach sam bith nach eil freagarrach a


[137] réir gnè agus meud an fhearainn. Mar sin, faodaidh e tigh mór a thogail mar thigh còmhnaidh ma leigeas a chrannchur sin leis ach nuair a dhfhàgas e am fearann, chan fhaigh e air ais on uachdaran ach luach tighe a bhiodh iomchaidh air aleithid ud a dhfhearann.

Ged nach eil iad buileach cho cudthromach no cho prìseil ris an fheadhainn a chaidh ainmeachadh, tha an lagh abuileachadh sochairean eile air achroiteir. So ceithir dhiubh:

(1) Còir achroiteir fhearann fhàgail mar dhìleab aig aon duine de chuideachd fhein.

Mur eil an t-uachdaran deònach an dìleabach a ghabhail a steach anns an fhearann, faodaidh e curna aghaidh agus bheir Cùirt an Fhearainn breith air achùis. Ma chaochaileas croitear gun dìleab a dheanamh idir, tha an lagh fhéin asteòrnadh am mach am measg a chàirdean an t-oighre a dhfhaodas am fearann a shealbhachadh.

(2) Còir achroiteir fhearann a thoirt seachad ám a bheatha.

Faodaidh e sin a dheanamh le cead Cùirt an Fhearainn ach a mhàin ma tha e fhéin eu-comasach am fearann oibreachadh troimh shean aois no lapachd eile agus a mhàin mas ann do dhuine aig am faodadh e fhàgail mar dhìleab a tha e deònach a thoirt seachad. Tha achòir so glé fheumail nuair a tha an t-uachdaran adiùltadh leigeil le seann duine fhearann a chur an ainm duine den teaghlach. Ach ma tha an t-uachdaran toileach, tuigear gum faod duine uair sam bith a chroit a chur an ainm duine eile, biodh e càirdeach dha no nach bitheadh.

(3) Còraichean achroiteir anns amhonadh.

Co-cheangailte ri croit tha an còmhnaidh còraichean monaidh, agus tha an lagh atoirt ùghdarras do chroiteirean abhaile a bhith ariaghladh an còraichean a réir riaghailtean a dheasaicheas iad fhéin agus a chì aChùirt iomchuidh. Is e dleasdanas muinntir abhaile an ceann a h-uile trì bliadhna a bhith taghadh buidheann bheag dhiubh fhéin air son a bhith acur nan riaghailtean an céill. Mur eil muinntir abhaile deònach an dleasdanas a tha so a dhèanamh, faodaidh aChùirt conastapal a chur air ceann abhaile agus feumaidh na croiteirean tuarasdal beag a phàidheadh dha.

(4) Còir achroiteir air aChùirt fhéin, a dhionnsaigh an toir e sam bith co-cheangailte ri chroit a tha acur dragh air.

Is e Cùirt aChroiteir Cùirt an Fhearainn, Cùirt a thig a steach don tigh aige ma tha feum air a sin; Cùirt anns am faod e seasamh gun fear-lagha air a chùl mas e sin a thoil, Cùirt anns am faigh e éisdeachd a bhios modhail, foighidneach agus cothrom bruidhinnna chànain fhéin; agus Cùirt anns am faigh e aig acheann mu dheireadh ceartas nach eil daor agus a tha gu math tric saors an asgaidh.

Is e sin, ma , feadhainn de na còraichean a tha croiteirean asealbhachadh. Ach ged a bha iad annasach nuair a thàinig iad a mach an toiseach, chan eil iad annasach an diugh. Tha a h-uile duine ann am Breatainn an ceartair a tha apàidheadh màl air son fearainn, beag no mór, amealtainn còraichean nach eil eu-coltach ri na còraichean a dhainmicheadh an so. Nach docha gu bheil an t-ám aig achroitear a nise adhartas as ùr a dheanamh agus gum faod obair aChoimision a tha asaothrachadh an dràsda a bhith cho buannachdail do chroiteir an -an-diughs a bha obair Coimision Napier do a shinnsir?

titleLagh na Croite
writersDonald John MacCuish
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Dòmhnall Iain MacCumhais in Gairm 7 %p

parent textGairm 6
<< please select a word
<< please select a page