[301]

SMUAINTEAN MAO TSE-TUNG

TAGHADH IS EADAR-THEANGACHADH
le DOMHNALL IAIN MACLEOID

[Tha sùilean an t-saoghail air a bhith air Sìna o chionn bliadhnaairson aobhar. Sachiad àité, tha i nise air atom bom is hydrogen bom a leigeil dheth agus tha so air toirt air daoine barrachd suim a churna bagraidhean an aghaidh an chuid an U.S. (is Breatann) agus Ruisia. San dara h-àite, tha an saoghal air a bhith fo iomagain mun troimh-a- chéile ann an Sìna fhéin air a bheil sinn afaighinn tuaraisgeil. Chaidh na h-earrannan so deSmuaintean Maoa thaghadh airson solus a chur air an phuing sin gu h-àraidh; thathas gan clo-bhualadh a so airson am barrachd eòlais a chraobh-sgaoileadh air an dùthaich so, le a 600 muillion duine sluaigh, air a bheil sinn uile cho aineolach ach a tha afàs cho uile-chumhachdach a-measg rìoghachdan an t-saoghail.

ThaSmuaintean Maoasealltainn gu robh Ceann-suidhe Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna mothachail on fhìor-thoiseach air:— (a) cho feumail is a bhiodh an òigridh (na Red Guards) airson a bheachdan a chraobh-sgaoileadh; (b) gum biodh feadhainn a Sìna a bhiodh airson tilleadh gu na seann dòighean is cùl a chur ri Co-mhaoineas; (c) gu robh cunnart gum faodadh sgaradh tighinn eadar am Pàirtidh is am mór-shluagh, is nach biodh muinntir Shìna idir co-ionnan ach gum biodh class-riaghlaidh, no bureaucracy, ann.]

Co-mhaoineas

Tha Co-mhaoineas ann an ùine gun a bhith ro fhada adol a ghabhail àite Capitalism: ’se lagh nàduir a tha so nach gabh atharrachadh le daoine. A dhaindheoin spàirn luchd an t-seann nòis gus stad a chur air cuibhle na h-eachdraidh, cuiridh i car dhith mu dheireadh is bidh an latha leis an nòs ùr. (1957)

Roimhe so bha am fearann air fad is gach gnè tigh-cèird abointinn do dhàireamh bheag den t-sluagh: an diugh tha iad leis an t-sluagh air fad. Ach tha atharrachadh eile ann a tha a cheart


[302] cho feumach air a choimhlionadh — ’se sin na h-innealan is na dòighean-obrach as ùire a chur gu buil ann an obair an fhearainn is anns na factoraidhean. Tha an atharrachadh so co-cheangailte ri chéile is cha tig piseach sam bith air aon aca ás aonais an fhir eile. (1955)

Se an chuid feallsanachd agus dòigh-riaghlaidh sluaigh a tha ann an Co-mhaoineas. Tha e eadar-dhealaichte o fheallsanachd is o dhòigh-riaghlaidh sam bith eile: Tha e nas coimhlionta, nas adhairtiche, nas ùire agus nas reusanta na rian sam bith eile fon ghréin. Chan eil àite air fhàgail an diugh do rian feallsanach is riaghlaidh na fiùdalachd ach ann an tigh-tasgaidh na h-eachraidh; tha aghrian air dol fodha mu thràth air fiùdalachd ann an aon phàirt den t-saoghal (Ruisia) agus ann an àitichean eile tha i aig deireadh a latha agus, anns na dùthchannan sin cuideachd, chan fhaighear i a dhaithghearr ach anns an tigh-tasgaidh, anns na leabhraichean eachdraidh. ’Se feallsanachd is dòigh-riaghlaidh Co-mhaoineas a-mhàin, an diugh, a tha òg sunndach, acuartachadh an t-saoghail mar thonn air achladach, le neart agus luaths an dealanaich. (1940)

Inbhe (Class)

Ann an dùthaich far am bheil inbhe air leth aig cuid den t-sluagh, tha h-uile duine abointinn do dhinbhe àraidh, agus tha dreach na h-inbhe sin air a bheachdan air fad. (1937)

Spiol na h-uachdarain na bha aca de dhairgead o dhaoine bochda na tuatha agus chùm iad fon casan iad: thug an éiginn air na daoine bochda éirigh an àird an aghaidh nan uachdaran. Be strì luchd-obrach an fhearainn an aghaidh an fheadhainn aig an robh inbhe os an cionnan t-aramach is an cogadh a rinn muinntir na tuathaan cumhachd a thug Sìna air adharrt ás a staid fhiùdalach, neo-chothromach. (1939)

Aig acheann thall, chan eil ann an strì pobuill airson an saorsa ach strì an aghaidh inbhe, chan ann an aghaidh pobuill eile.


[303]

A-measg dhaoine geala Ameireaga, ’se an àireamh bheag aig a bheil inbhe riaghlaidh an aon fheadhainn a tha ageur-leanmhainn nan daoine dubha. Chan eil iad idir idir ariochdachadh an luchd-obrach, na tuathanaich, na fir-leughaidh agus an fheadhainn eile aig a bheil tùr is fiosrachadh— ’s iad sin mór-roinn nan daoine geala. (1963)

A thaobh an fheadhainn a tha airson gum mair an t-seann dòigh-riaghlaidh ann an Sìna, feumaidh sinn an sluagh a threòireachadhnan aghaidh gus làmh-an-uachdair fhaighinn orra. Tha a h-uile seann nòs den aon t-seòrsamura buail thu e; cha tuit e leis fhéin. Tha e mar gum biodh tu asguabadh làrna h-àitichean air nach fruig an sguab, chan fhalbh an duslach ás leis fhéin. (1945)

Cha chuirear air chois dòigh-riaghlaidh ùr mar a sgrìobhas tu litir, no a thu dealbh, no a dhfhuaighleas tu obair-ghréis: cha ghabh a dèanamh ann an dòigh shuairce, shocair, chiùin no ann an dòigh mhodhail, choibhneil, uasal. Feumar aramach, làmhachas-làidir leis am faigh aon inbhe dhaoine buaidh air inbhe eile. (1927)

Tha sinne air taobh an luchd-obrach is an t-sluaigh. Tha so aciallachadh gu feum sinn a bhith dìleas don Phàirtidh Cho-mhaoineach ann an dùrachd is an gnìomh. (1942)

An uair a chuireas sinn ás do na nàimhdean a bha acogadh nar n-aghaidh le gunnachan, bidh na nàimhdean gun ghunnachan air fhàgail: ’s iad so an fheadhainn a chaill an inbhe a bha aca mus robh buaidh leis aPhàirtidh Cho-mhaoineach. Feumaidh sinn a bhith air ar deagh fhaiceall rompa. (1949)


Am Pàirtidlh Co-mhaoineach

Se Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna an neart a tha air ar cùl. ’Se feallsanachd Marx is Lenin a bhitheas astiùireadh ar smuaintean. (1954)


[304]

Ma tha ath-leasachadh stàite gu bhith againn san dùthaich so, feumaidh pàirtidh a bhith ann an threòiricheas sinn gu ruige achinn-uidhe. As aonais a leithid sin de phàirtidhpàirtidh air a stéidheachadh air comhairlean Marx is Lenin agus acleachdadh nan dòighean a dheilbh Marx is Lenincha bhi e comasach dhuinn an luchd-obrach is am mór-shluagh a threòireachadh gu buaidh thairis air Rìoghachdan nan Iompaireachd. (1948).

Se Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna sàr-cheannard uile shluaigh Shìna. Gun an ceannard so, chan urrainn do bhuaidh sam bith a bhith le Co-mhaoineas san dùthaich so. (1957).

As aonais spàirn Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna, as aonais Co-mhaoinich Shìna mar ursainn-chatha sluagh Shìna, chan eil rian aig Sìna féin-riaghladh a bhuannachd no saorsainn dha sluagh, no a h-obair fearainn ath-bheothachadh le innealan is dòighean ùra. (1945)

Se obair air leth doirbh gu bhith ann beatha nas fheàrr a bhuannachd do na muillionan sluaigh a tha againn ann an Sìna agus ar dùthaich, a tha cho bochd a thaobh airgead is cultur, a thionndadhna dùthaich bheartach is chumhachdach, le cultur beòthail. Agussann airson gum bi sinn nas comasaiche air an obair so a dhèanamh ceart is air co-obrachadh leis an fheadhainn, nach boin don Phàirtidh ach aig a bheil cridhe math do dhatharraichean feumail, ’sann airson sin a dhfheumas sinn a bhith an còmhnaidh aglanadh lusan is sgealag ás an fhochanna dhfheumas sinn cumail gar féin-sgrùdadh fhéin agus aglanadh gach neò-ghlan ás aPhàirtidh. (1957)

Tha am Pàirtidh an déidh bunaidean agus ceann-uidhe an Ath-leasachaidh Stàite a chur an céill, còmhla ri beagan de chomhairle mhionaideach airson obair. Ach, ged a tha achuid mhór den t-sluagh acumail comhairlean is seòladh mionaideach aPhàirtidh air chuimhne, tha iad buailteach air -chuimhneachadh na bunaitean feallsanach air a bheil na comhairlean sin stéidhichte is an ceann-uidhe coitcheann aca. (1948)


[305]

Am mór-shluaghis am Pàirtidh

Feumaidh earbsa bhith againn anns an t-sluagh agus feumaidh earbsa bhith againn anns aPhàirtidh. Sin àithne nach gabh seachnadh. Ma chuireas sinn teagamh air bith anns na h-àithntean sin, cha téid gu math leinn ann an dad. (1955)

Chan eil rian againn air eòlas sam bith a bhuannachd mura tuig sum, anns achiad dol a-mach, gur e am mór-shluagh na gaisgich is gu bheil sinn fhéin glé thric aineolach, fad-air-ais. (1941)

Ma tha sibh gu bhith nar ceannardan matha, feumaidh sibh beachdan amhóir-shluaigh ionnsachadh, brìgh nam beachdanfhasgnadh asda agus, an uairsin, tilleadh air ais chon an t-sluaigh is na beachdan sin a chur gu buil. (1943)

Feumaidh sinn ionnsachadh bhon t-sluagh is an t-eòlas a tha iad air a thional òrdanachadhna phrionnsapail isna dhòighean-obrach: nuair a sinn sin, feumaidh sinn propaganda a dhèanamh a-measg an t-sluaigh airson toirt orra na prionnsapail is na dòighean-obrach sin a chleachdadh, airson an leas, an saorsa is an sonas fhéin. (1943)

Gus nach bi sgaradh eadar sinn agus an sluagh, feumaidh sinn a bhith ag obair a réir feuman is iarrtasan an t-sluaigh. Tachraidh e glé thric gu bheil an sluagh acur feum air atharrachadh àraidh ach nach eil iad fhathast mothachail air an fheum, no deònach, ’s dòcha, an t-atharrachadh a dhèanamh. Cha dean math dhuinn a leithid sin de dhatharrachadh a dhèanamh gus am bi an sluagh mothachail, troimh ar n-obair propaganda, air cho feumail is a bhitheadh e. Mura bi foighidinn againn, bidh sinn buailteach air sgaradh a chur eadar sinn fhéin is am mór-shluagh. An co-dhùnadh, tha phuing againn a so: (1) gu bheil eadar-dhealachadh uaireannan eadar tha an sluagh afeumachdainn is tha iad asaoiltinn a tha iad afeumachdainn; (2) gu feum an sluagh an inntinn a dhèanamh suas dhaibh féin is nach dean math dhuinne a dèanamh suas dhaibh. (1944)

[306]
[307]

S cinnteach gu bheil thu airson cur ás do smachd na stàite? Tha, ach chan ann aig an dearbh mhionaid so: cha ghabh a dèanamh fhathast. Carson? Tha airson gu bheil na rìoghachdan ìompaireil atoirt ionnsaighean a-steach nar measg fhathast agus gu bheil fhathast feadhainn nar measg fhéin a tha an aghaidh Co-mhaoineas, gu bheil tarraing ann an inbhe do chuid fhathast. Feumaidh sinn aig an àm so smachd na stàitearm an t-sluaigh, polas an t-sluaigh, cùirtean an t-sluaigha neartachadh airson tèarainteachd na dùthcha agus airson math an t-sluaigh fhéin. (1949)

Se a bha againn anns an aramach ann an Hungary an 1956 ach feadhainn a bha airson an t-seann nòis de mhuinntir Hungary fhéin air am brosnachadh is an cuideachadh le na rìoghachdan ìompaireil, afiachainn ri gearain bheag a-measg an t-sluaigh a thionndadh gu am math fhéin agus gu cur ás don riaghladh Cho-mhaoineach. Feumaidh sinne ann an Sìna ionnsachadh o na thachair ann an Hungary an 1956. (1957)


An U.S. is na rìoghachdan ìompaireil eile

Se leómhainn phàipeir a tha air a bhith anns a h-uile fear is buidheann a bha an aghaidh atharraichean a bha gu math an t-sluaigh: tha collas cumhachdach orra, ach chan eil neart sam bith anntaseall, nach e leómhann phàipeir a bha ann an Hitler is nach deachaidh Hitler a dhìth? ’Se an t-aobhar airson so gu bheil iad gan sgaradh fhéin o shluagh an dùthcha fhéin. Mar sin, ’se leómhainn phàipeir a bha ann an Tsàr Ruisia agus ann an ìompairean Shìna is Japan cuideachdmar tha fhios agaibh, chaidh cur ás dhaibh-san cuideachd. Cha deachaidh cur ás fhathast do ionnsaighean ìompaireil an U.S. agus tha an atom bom aice. Ach tha mise den bheachd gun téid cur ás dha dòighean ìompaireil. Nach eil innte ach leómhann phàipeir. (1957)

Thug an U.S. Taiwan o Shìna is tha a saighdearan air a bhith ann o chionn naodh bliadhna a nise. O chionn treise, chuir i a saighdearan do Lebanon a ghabhail seilbh oirre. Tha an U.S. air ciadan de phuirt-airm a chur air bhonn ann an rìoghachdan air feadh an t-saoghail. Tha Taiwan, Lebanon is na puirt-airm sin


[308]nan ròpan mu amhaich an U.S. ’Se na h-Ameireaganaich fhéin is chan e duine eile a rinn na ròpan sin, agus chuir iad ceann na ròp ann an làmhan sluagh Shìna, làmhan sluagh nan dùthchannan Arabach, ann an làmhan a h-uile sluagh air an t-saoghal leis am miann sìth is a tha an aghaidh làmhachas-làidir is tràilleachd. Mar as fhaide dhfhanas an U.S. anns na h-àitichean sin, ’sann as teinne a bhios na ròpan afas mu h-amhaich.

Tha ghaoth anns an t-saoghal an diugh, aGhaoth an Ear is aGhaoth an Iar. Tha sean-fhacal againn ann an Sìna a tha ag ràdhAn dara cuid buannaichidh aGhaoth an Ear air aGhaoth an Iar no buannaichidh aGhaoth an Iar air aGhaoth an Ear.” Saoilidh mise, mar a tha gnothaichean adol an diugh, gur e aGhaoth an Ear a tha abuannachadh air aGhaoth an Iar. ’Se sin ri ràdh, gu bheil neart Co-mhaoineas nas treasa na neart ìompaireil. (1957)


Cogadh

Tha eachdraidh asealltainn gu bheil sheòrsa cogadh ann, onorach agus eucoireach. Tha a h-uile cogadh a tha adhartach ceart is tha a h-uile cogadh olc a tha an aghaidh adhartas. Tha sinne mar Cho-mhaoinich an aghaidh a h-uile cogadh eucoireach a tha strì ri casg a chur air adhartas; chan e mhàin gu bheil sinn airson cogaidhean dligheach, achsann a shabaideas sinn annta le sunnd. Anns aChiad Chogadh Saoghail bha an thaobh asabaid airson ìompaireachd: mar sin, bha Co-mhaoinich an t-saoghail an aghaidh achogaidh sin. (1938)

Tha sinne is a h-uile dùthaich Cho-mhaoineach eile air an t-saoghal ag iarraidh sìth; tha uile shluagh an t-saoghail ag iarraidh sìth. ’Se roinn bheag de luchd-gnothaich chapitalach anns na rìoghachdan ìompaireil an aon fheadhainn a tha ag iarraidh cogadh, oir tha iad adol a bhuannachd airgid ás. (1956)

Tha daoine air feadh an t-saoghail an dràsda abeachdachadh air saoil an bi Cogadh Mór eile ann cleas na dhà a bhi ann roimhe.


[309]

Tha sinne air taobh na sìthe is an aghaidh cogaidh. Ach mas e is gun cuir na rìoghachdan ìompaireil cogadh eile air chois, cha bhi eagal òirnn roimhe. ’Se so ar beachd air a h-uile seòrsa buaireadh: sachiad àite, tha sinnna aghaidh; san dara h-àite, chan eil eagal againn roimhe. Chaihd an Soviet Union, le 200 muillion sluaigh, a stéidheachadh mar thoradh air aChiad Chogadh; ás déidh an Dara Cogadh, ghabh dùthchannan eile ri Co-mhaoineasbha an uairsin 900 muillion de shluagh air roghnachadh dòigh-riaghlaidh Co-mhaoineach. Ma thòisicheas na rìoghachdan ìompaireil cogadh eile, chan eil teagamh sam bith nach tionndaidh dhà no trì chiadan muillionn eile gu Co-mhaoineas, ’s cha bhi an uairsin móran den t-saoghal air fhàgail aig an capitalaich ìompaireil. (1957)


Eadar-nàisteantachd is Gaol-dùthcha

Se feallsanachd eadar-nàiseanta a tha ann an Co-mhaoineas: mar sin, am bheil e comasach do Cho-mhaoineach math gaol-dùthcha a bhith aige? Chan e mhàin gu bheil e comasach dha ach feumaidh e a bhith aige. (1938)

Feumaidh sinn aonadh le luchd-obrach is daoine bochda nan rìoghachdan capitalach, le luchd-obrach is daoine bochda Japan, Bhreatainn, an U.S. , na Gearmailt, na h-Eadailt is a h-uile dùthaich chapitalach eile, ma tha sinn adol a chur ás do dhìompaireachdas is tràilleachd agus ma tha sinn adol a bhuannachd saorsa do ar nàisean is ar sluagh fhéin is do nàisean is shluaigh dhùthchannan eile. Feumaidh sinn a bhith, anns an t-seagh so eadar-nàiseanta agus ar cùl a chur ri gaol-dùthcha a tha ro chumhang is ro chuingealach. (1939)


An Oigridh

Se an òigridh an cumhachd as dèanadaiche is as sunndaiche a tha ann an dùthaich sam bith. Tha iad geur air ionnschadh agus deònach air gabhail ri beachdan is nòsan ùra. Tha so air leth fìor a thaobh Co-mhaoineas. Tha sinn an dòchas gun cuidich na


[310] meuran den Phàirtidh anns gach àite na comuinn aig Dionnasg na h-Oigridh agus gum meòirich iad air ciamar as fheàrr a chuireas iad gu feum an spionnadh is an dealas. (1955)


Na Boireannaich

Bha uair is be dualchas fireannaich ann an Sìna a bhith fad a bheatha fo smachd trì meadhonan ùghdarraisluchd-riaghlaidh politiceach, cleachdaidhean an treubha agus ùghdarras eaglais. A thaobh nam mnathan, chan e mhàin gu robh iad fo riaghladh nan trì ùghdarrais sin, ach bha iadsan cuideachd fo smachd am fir-pòsda (ùghdarras an fhir). ’Se na ceithir ùghdarrais sin (politiceach, treubhail, cràbhach is ùghdarras nam fear thar nam mathan) bonn-stéidh an fheallsanachd fhiùdalach agus an dòigh-riaghlaidh sin a tha stéidhichte air uachdarain is inbhe: ’s iad na ceithir ròpan làidir a bha acuingleachadh sluagh Sìna, gu h-àraidh luchd-obrach an fhearainn. Tha a nis luchd-obrach an fhearainn air ùghdarras politiceach nan uachdaran a chur á bith. ’Se ùghdarras politiceach nan uachdaran clach-chinn nan ùghdarras eile. Nuair a théid esan a chur an dara taobh, cha sheas ùghdarras an treubha, creidimh is an fhir móran nas fhaide . . . A thaobh ùghdarras an fhir thar nam mnathan, bha so riamh na bu laige a-measg nan tuathanach a bu bhochda a chionn gun robh aig am mnathan-san, leis an éiginn, ri barrachd de obair chruaidh a dhèanamh na dhfheumadh mnathan inbhe a bu bheartaiche agus mar sin dhleas iad an còmhnaidh barrachd éisdeachd ann an gnothaichean an teaghlaich. Mar sin, leis cho bochds a bha luchd-obrach an fhearainn air fàs o chionn bhliadhnachan, bha ùghdarras nam fear air call móran de a bhrìgh mu thràth. Nuair a rinneadh luchd-obrach an fhearainn saor bho an uachdarain, thòisich na mnathan air comuinn a chur air bhonn airson an leas fhéin; tha an t-àm atighinn dhaibh gus an ceann a thogail ás ùr, is tha ùghdarras nam fear adol an laigead gach latha. ’Se sin ri ràdh gu bheil an fheallsanachd fhiùdalachanns an robh an t-uachdaran marathairan tuathair leabaidh a bàis mar a tha na daoine bochda afaighinn làmh an uachdair. (1927)

Ma tha Sìna a dol a shoirbheachadh, feumar na boireannaich a bhrosnachadh gu pàirt a ghabhail ann an obair an fhearainn agus anns na factoraidhean. Ach ma iad an aon obair ri fireannach,


[311] feumaidh iad an aon phàigheadh fhaighinn. Fo riaghladh Co-mhaoineach, feumaidh a h-uile duine a bhith co-ionnan cho fad is a ghabhas dèanamh, mar sin feumaidh na boireannaich a bhith co-ionnan ris na fir. (1955)


Litreachas is Foghlum

A thaobh a bhith brosnachadh litreachais is ealdhain (science): tha sinn aleigeil le ceud flùr tighinn fo bhlàth agus le ceud beachd air leth co-strì ri chéile; tha sinn den bheachd gum biodh ena bhacadh do ar litreachas is ar n-ealdhain nan toireadh sinn, troimhn lagh, seasamh do dhòigh-sgrìobhaidh àraidh nach robh aig ile no do bheachd àraidh seach beachd eile. Chan urrainnear tighinn gu co-dhùnadh air tha ceart no ceàrr, nas fheàrr no nas miosa ann an litreachas no an ealdhain ach troimh chòmhradh is deasboid eadar an fheadhainn a tha eòlach air achuspair— ’se sin, deasboid nach eil air a cuingleachadh le laghan is riaghailtean stàite agus beachdanofficial.’ (1957)

titleSmuaintean Mao Tse-Tung
internal date1967.0
display date1967
publication date1967
level
reference template

Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 60 %p

parent textGairm 60
<< please select a word
<< please select a page