[322]

DRUGAICHEAN

le DOMHNALL IAIN MACLEOID

THA othail mhór anns na pàipeirean air mìos July so chaidh an uair a chaidh Mick Jagger aig na Rolling Stones a thoirt gu cùirt airson ceithir tablaidean de dhrugaichean a bhith aige, agus Keith Richards airson gu robh pàirtidh san tigh aige air February 5 anns an robh feadhainn den chuideachd agabhail dhrugaichean a tha an aghaidh alagha. Chaidh am faighinn ciontach ged a burrainn Jagger a dhearbhadh gur ann air òrdugh an dotair a bha na drugaichean aige; agus chaidh prìosan thrì mìosan orra, ged a be so achiad turas a fhuaireadh ciontach iad an cùirt-lagha agus ged nach robh aca ach beagan de sheòrda drug a tha air a reic an cuid de riòghachdan (An Eadailt) airson tinneas-adhair.


[323]

Bha móranis pàipeirean glésquare,’ cleas Times Lunnainn, ’nam measggu làidir den bheachd gun deach an dithis Rolling Stones a thaghadh a-mach mar rìochdairean òigridh an an diugh, airson an t-eagal a chur air an fheadhainn a tha ris na drugaichean. Chaidh so a dhèanamh na bu choltaiche aig toiseach August an uair a thuirt Cùirt Appeal gu robh Jagger neo-chiontach agus, ged a bha Richards fhathast ciontach, nach robh aige ri dhol dhan aphrìosan idir.

Ach, saoilidh mise nach e mhàin gu robh achùirt àraidh so ro chruaidh air na Stones, ach gu bheil an lagh e fhéin ro chruaidh air an fheadhainn a tha ri L.S. D. agus marijuana. Oir feumar cuimhneachadh nach eil na drugaichean so idiraddictive’ —no agabhail gréim air duinemar a tha opium agus heroin: nach eil e càil nas duilghe stad dhiubh na tha e de rud sam bith eile den dèan thu cleachdadh no a tha acòrdadh riut, mar suidhteas, tombaca no an deoch. Gu dearbhasann a tha h-uile coltas orra gu bheil iad nas tlachdmhoire fada na an dara cuid tombaca no an deochoir tha smocadh salach, ’na dhragh do dhaoine eile a tha faisg ort is cunnartach (cancer) agus tha an deoch ag aobharachadh buaireadh is sabaidtha an fheadhainn a tha ri L.S.D. is ‘pot’ cho sìtheil is beag dragh ri duine tha muigh (gu h-àraidh na ‘Hippies’ agus na ‘Flower People’) . Thuirt dotair ainmeil á Glascho a chionn ghoirid gur e fìor dhroch rud a tha ann gum bheil an dhrug so an aghaidh an lagh, a chionn gu bheil so amionaigeadh gu feum an fheadhainn a tha riutha a dhol a-measg an fheadhainn a tha areic nan drug chunnartach, cleas heroin; thuirt e gum bu chòir e bhith laghail L.S. D. is ‘pot’ a cheannach aig cunntair bùtha an aon rud ri tombaca is deoch làidiriad a bhith air an aon sheasamh riutha sin.

Tha an fheadhainn a tha ri L.S. D. acumail a-mach gun toir e dhut sealladh òirdhearc air an t-saoghal dhuaichnidh sabheil thu beò, agus gu bheil subhachas is sìth ri fhaighinn ás: chan eil càil a dhùil agamsa fhiachainn airson an t-subhachais sin, ach saoilidh mi gu bheil e glé mhì-onorach don fheadhainn a tha alorg an t-subhachais cheudna san deoch is eile a bhith a’ cur sìos air cleas nan Rolling Stones airson a bhith ri L.S.D.

titleDrugaichean
internal date1967.0
display date1967
publication date1967
level
reference template

Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 60 %p

parent textGairm 60
<< please select a word
<< please select a page