POLITICS AGUS EAGLAIS CHRIOSD
BEACHD EILE
le Tómas M. MacCalmain
THA mi ag aontachadh le Dòmhnall Iain MacLeòid ann am pàirt de na sgrìobh e mu’n chuspair so anns an àireamh mu dheireadh de “Ghairm,” ach ann am pàirt eile de na tha aige tha mi a’ dealachadh ris, agus chan ann gun aobhar. Chan eil an tomhas de’n fhìrinn a tha aige comasach air falach a chur air na mearachdan a sgrìobh e agus na beachdan gun stéidh a chuir e an céill.
2015
Tha e fìor gu robh, aig amannan agus ann an dùthchannan sònraichte, an Eaglais Chrìosdail fo spòig na Stàite, mar a bha, aig amannan eile agus ann an suidheachaidhean eile, an Stàit fo spòig na h-Eaglaise. Tha, agus bha, e fìor aig amannan gu bheil an Eaglais agus an Stàit air am faotainn an co-bhoinn ann an cumail an t-sluaigh chumanta fo smachd.
Air an làimh eile, tha e a cheart cho fior gu robh amannan agus suidheachaidhean ann anns an robh an Eaglais a’ sapaid an aghaidh na Stàite—air uairean airson còirichean na h-Eaglais fhéin, agus air uairean airson còirichean an t-sluaigh. Anns a’ Ghearmailt ri linn Hitler carson a bha Niemoelle am prìosan agus carson a chrochadh Bonhoeffer? Thubhairt am fòghlumaiche mór, Albert Eistein, gum b’i an Eaglais Shoisgeulach a-mhàin anns a’ Ghearmailt a thog guth an aghaidh Hitler. Cha do thog na h-oilthighean no seòrsa sam bith eile ach àireamh Chrìosdaidhean a-mhàin, agus dh’fhuiling móran dhiubh air sgàth sin.
Chan eil dùthaich eile air an t-saoghal far am faicear nas soilleire dàimh na h-Eaglaise ris an Stàit, agus gach nì, olc is math, a lean air sin, na ann an Albainn fhéin. Cuimhnicheamaid an rud a thubhairt Anndra Melville, ministear ainmeil ann an Eaglais na h-Alba, ris an Rìgh Seumas a Sia. “Tha dà rìgh agus dà rìoghachd
B’ann, gun teagamh, tre Achd Pàrlamaid a dh’atharraicheadh Eaglais na h-Alba bho bhith ’na h-Eaglais Phàpanaich gu bhith ’na h-Eaglais Phròstanaich no Ath-leasaichte anns an t-siathamh linn deug. Gach tuasaid a dh’éirich ann an Eaglais Ath-leasaichte na h-Alba anns an t-siathamh linn deug agus anns an t-seachdamh linn deug, b’ann a chionn is gu robh na rìghrean Stiùbhartach cho dian gum biodh an Eaglais air a riaghladh le Easbaigean, agus mar sin gum biodh barrachd ùghdarrais aig a’ Chrùn thairis oirre. Ach bha móran an Albainn a chuir an aghaidh sin agus a thug dùbhlan do na rìghrean Stiùbhartach. Neach sam bith a chuimhnicheas air na dh’fhuiling Crìosdaidhean fo Impireachd na Ròimhe anns na ceud linntean agus na dh’fhuiling na Cùmhnantaich an Albainn anns an t-seachdamh linn deug, cha bhi e idir air a mhealladh le beachdan iomrallach Dhòmhnaill Iain.
Aig deireadh na seachdamh linn deug stéidhicheadh Eaglais na h-Alba mar eaglais chléireil, agus ghabhadh ri sin mar an ceudna ann an Achd an Aonaidh eadar Alba agus Sasann an 1707. An 1712, ged thà, rinneadh Achd Pàrlamaid a chum còirichean a bhuineadh do’n Eaglais a thoirt bhuaipe agus a thoirt do’n Chrùn agus do na h-uachdarain, agus, ged a rinn an Eaglais cruaidh-ghearan an aghaidh so fad mhóran bhliadhnachan, cha d’aisigeadh na còirichean sin gu meadhon na naoitheamh linn deug, agus, mus do thachair sin, bha Eaglais na h-Alba air a roinn agus air a sgoltadh ’na buidhnean eadar-dhealaichte, a chionn is gu robh sluagh an Alba ag agairt saorsa do’n Eaglais bho chuing na Stàite.
B’ann ri linn taghadh nam ministearan-sgìre a bhith aig a’ Chrùn no aig na h-uachdarain-fearainn (air feadh na h-ochdamh linn deug agus a’ chiad chuid de’n naoitheamh linn deug) a dh’éirich na ministearan “Moderate” gu ùghdarras ann an Eaglais na h-Alba, agus a-measg gach droch-thoradh eile a lean bha so co-dhiù anns a’ Ghàidhealtachd, gu robh na ministearan am bitheantas air an taghadh leis na h-uachdarain agus bu mhic uachdaran móran dhiubh, agus b’e sin a b’aobhar nach do sheas iad còir an t-sluaigh ri linn ruagadh nan Gàidheal agus fàsachadh nan gleann. A dh’aindeoin sin, bha a-measg ministearan Eaglais na h-Alba feadhainn air nach robh eagal seasamh an aghaidh nan uachdaran. B’ann dhiubh sin Aonghas Sage agus “Maighistir Lachlann” a bha an Loch Carrann agus, nas dlùithe dhuinn fhìn, an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim a dh’fhuiling prìosan ’na oidhirpean ás leth nan croitearan.
Tha Dòmhnall Iain ag ràdh gu robh an Eaglais (is e sin, na
Mar a thubhairt mi, tha mi ag aideachadh gu robh an Eaglais aig ammanan ’na h-inneal an làimh na Stàite, ach anns na h-amannan anns an robh i( ’nam bheachd-sa, co-dhiù) nas dìlse do’n Tighearna Iosa Crìosd, is ann a bha i air a gluasad gu spàirn chruaidh agus gu fulangas ann an sapaid an aghaidh na Stàite air a sgàth fhéin agus air sgàth an t-sluaigh.
Ach fóghnaidh sin mu eachdraidh na h-Eaglais. Teannamaid a nis ris a’ Bhìobull. Bha cuid de na beachdan aig Dòmhnall Iain mu theagasgan a’ Bhìobuill cho annasach agus cho ùr dhomh agus gu bheil e ’na cheist orm an e an t-aon Bhìobull a tha aige-san agus a tha agamsa. Chan aontaicheadh neach sam bith aig a bheil eòlas air a’ Bhìobull agus air sgoilearachd mu’n Bhìobull ris na beachdan aig Dòmhnall Iain mu Iosa Crìosd agus mu’n dùil a bha ris anns an t-Seann Tiomnadh, agus m’a bheatha agus m’a theagasg anns an Tiomnadh Nuadh. Fear sam bith a mheasas dùil sluagh Israeil ri teachd a’ Mhesiah mar dhùil nan Cuimreach ri ath-theachd an Rìgh Artair, agus a shamhlaicheas an Tigheana Iosa Crìosd ri Nat Turner, “tràill ás a rian an Ameiriga,” no ri “Muinntir nam Flùraichean” a tha againn an diugh, agus a nì coimeas eadar bàs Chrìosd agus bàs Jimmy Dean is Pàdraig Pearce, tha e dorbh a thuigsinn cia ás a thog e a chuid eòlais mu Shoisgeul Chrìosd. Chan eil dearbhadh sam bith againn gu robh ceangal sam bith aig Crìosd ris na h-Essenes. Cha b’e bàs Chrìosd ach aiseirigh Chrìosd a chuir dealas anns na prìomh-dheisciobuil.
Tha Dòmhnall Iain de’n bheachd gu bheil Crìosd a’ teagasg do’n Eaglais géilleadh do chumhachdan an uilc, agus mar sin tha e a’ tighinn do’n cho-dhùnadh gum biodh e na b’fheàrr do shluagh na Crìosdachd air feadh nan linntean, nan robh leithid Mhaois no Lenin no Dayan no Barabbas( !) air an ceann an àite Chrìosd—daoine aig an robh creideas ann an làmhachas-làidir agus cumhachd a’ chlaidheimh agus innleachdan politics. Ma tha mi am mearachd
Tha e fìor gun do theagaisg Crìosd d’a shluagh a bhith macanta, iriosal, agus umhail, agus a bhith foidhidinneach agus fad-fhulangach fa chomhair geur-leanmhainn, ach cha do theagaisg Crìosd d’a shluagh a bhith deònach fuireach sàmhach, agus ana-ceartas ga dhèanamh air creutairean eile. Do bhrìgh sin, rinn luchd-leanmhainn Chrìosd anns gach linn gach dìcheall a b’urrainn, agus dh’fhuiling iad iomadh éiginn, air sgàth ceartais agus cothroim do dhaoine eile de gach seòrsa, agus ann an dèanamh sin bha iad, tha mise glé chinnteach, a’ leantainn teagasg Chrìosd agus air am brosnachadh agus air an stiùradh le a Spiorad, agus a’ dèanamh seirbhis dha ann an dèanamh seirbhis d’an co-chreutairean.
Dh’fhaodamaid móran a bharrachd a ràdh, ach ’s dòcha gum foghainn so a chum leigeil fhaicinn gu bheil taobh eile air a’ chùis seach an taobh a chuir Dòmhnall Iain air adhart. Is e dearbh-chinnte a’ Chrìosdaidh gur e Iosa Crìosd Slànaighear an t-Saoghail, Prionnsa na Sìthe, Rìgh na Cruinne, agus gur ann aige-san a-mhàin a tha rìoghachd a mhaireas, agus gur fìreantachd agus bràithreachas an rìoghachd sin.
title | Politics Agus Eaglais Chrìosd – Beachd Eile |
internal date | 1968.0 |
display date | 1968 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Tómas M. MacCalmain in Gairm 62 %p |
parent text | Gairm 62 |