ATH-BHEOTHACHADH AN CEOL NA GAIDHLIG
le ALASDAIR GRANND
THA grunnan de bhàird bheothail, fhoghluimte againn anns a’ Ghàidhlig an diugh a tha air sealltainn na ghabhas dèanamh gu ar litreachas a thoirt fo bhuaidh na linne is an t-saoghail anns a bheil sinn beò. Seall air a’ leabhar aig Iain Mac-a- Ghobhainn, ‘Bùrn is Aran’ —leabhar de sgeulachdan-goirid is de bhàrdachd; tha dreach ar linn air na sgeulachdan so: tha aonan dhiubh mu detectives, tha té’ile ann anns a bheil a’ sgrìobhaiche a’ cur sìos air cogadh. Tha roinn bàrdachd a’ leabhair a’ tòiseachadh le dàn, ‘Am Buachaille ’s a Leannan,’ eadar-theangachadh de’n òran aig Marlowe, ‘The Passionate Shepherd to his Love,’ agus a’ crìochnachadh le ‘Làithean Mharlowe’: anns an eadar-theangachadh tha dealbh againn air beatha a’ bhuachaille mar gum biodh i neochiontach, gun ghò, uile-bhòidheach—tha an dealbh-s’ air a bristeadh ann an ‘Làithean Mharlowe’; tha am buachaille a’ ràdh ri ’leannan
“O thugainn leam ’s thoir dhomh do ghràdh
Is feuchaidh sinn gach aoibhneas tlàth
A gheibh sinn o gach cnoc is gleann,
Gach coill’, gach glaic, gach coir’ is beann,”
ach, ann an ‘Làithean Mharlowe,’ tha Mac-a- Ghobhainn a’ ràdh
“ ’S a nis tha làithean Mharlowe seachad.
Chan e ròsan breugach do bhith-beò.
Tha famhair borb air feadh na coille
far an robh na sìthichean le’n ceòl.”
Tha am bàrd a’ faireachadh gu bheil na tha air tachairt de olc anns an t-saoghal o chionn ghoirid air ar sgaradh o lathaichean sona nam bàrd-molaidh dùthcha, cleas Dhonnchaidh Bhàin: gu feum bàrdachd Ghàidhlig an lath an diugh a bhith bointinn ri cuspairean eadar-nàiseanta, na ceistean sin anns a bheil ùidh aig daoine air feadh an t-saoghail; uaireannan feumaidh na bàird, mar thoradh air a so, bristeadh air falbh o’n dualchas, no co-dhiù dualchas ùr a dheachdadh stéidhichte air an t-seann fhear.
’Na mo bheachd-sa tha so a cheart cho fìor mu cheòl na Gàidhlig: tha sinn a cheart cho feumach air ath-bheothachadh nar ceòl is a tha sinn nar litreachas. Ged a tha mi ràdh so, chan ann a’ dèanamh dìmeas sam bith air ceòl dùthchail na Gaidhealtachd
Anns an leth-cheud bliadhna ro 1900 bha buaidh mhór aig nàiseantachd air ceòl cuid de rìoghachdan na h-Eòrpa. Bha an gaol-dùthcha a tha cho léirsinneach am politics an ama sin air fhoillseachadh cuideachd ann an ceòl, gu h-àraidh anns na rìoghachdan sin aig nach robh an dualchas òirdhearc ciùil a bh’aig a’ Fhraing, an Eadailt is a’ Ghearmailt: dh’fheuch an luchd-ciùil ri iad fhéin fhuasgladh o smachd ceòl coigreach is chuir iad rompa ceòl-mór nàiseanta a chur air bhonn. Bha iad a’ taghadh naidheachdan ás an eachdraidh is an dualchas fhéin airson opera, a’ clò-bhualadh mith-òrain is gan ùisigeadh ’sa’ cheòl-mhór a bha iad a’ dèanamh. Agus chan e mhàin sin ach, ann an dòigh glé dhomhainn, thug gnè rithim, fuinn is co-sheirm am mith-òrain an dreach fhéin air a’ cheòl a bha iad a’ cur ri chéile.
’Se Ruisia a’ chiad àite far an do thachair so agus ’sann a so cuideachd a bu mhotha a bha a bhuaidh. Bha ceòl Ruisia—an taobh a-muigh de cheòl na h-Eaglais—fo bhuaidh fir-ciùil Fhrangach, Ghearmailteach is Eadailteach chon na naodhamh linne deug. ’Sann leis an opera aig Glinka, ‘Beatha son an Czar,’ a tha ceòl-mór fìor-Ruiseanach a’ tòiseachdainn: anns an dàrna sealladh dh’an opera tha comh-cheòl san t-séis aon-ghuthach a tha air a stéidheachadh air cluiche a’ bhalalaika, tha móran feum air a dhèanamh de’n rithim 5/4 a gheibhear cho tric anns na mith-òrain Ruiseanach, tha na fuinn (móran dhiubh módal) dhe’n aon t-seòrsa ri fuinn nam mith-òran, agus ’se an dòigh dùblachadh Ruiseanach a th’aige, i.e. a’ cluiche an aon fhuinn, gun atharrachadh, a rithisd is a rithisd a-mach á ùrlar de cho-sheirm ionnstramaidean a tha ag atharrachadh.
’Se buidheann ris an canaist ‘Na Cóig Shuinn’ na fir-ciùil nàiseanta Ruiseanach a bu mhotha choisinn cliù. ’Se an aimean Balakivev, Cui, Borodin, Mussorgsky agus Rimsky-Korsakov. ’Se cluicheadairean a bha anns a’ chóignear aca agus cha robh iad air trèanadh no foghlum fhaighinn ann an ceòl; chuidich an t-aineolas so air co-sheirm is ana-sheirm nan sgoiltean iad ann a bhith feuchainn ri ceòl fìor-Ruiseanach a dhèanamh, a chionn gun tug e orra déiligeadh ri ceòl dùthchail, módal nam mith-òran ’nan dòigh
Tha a’ mhór-chuid ag aontachadh gur e Mussorgsky a bu tàlanta is a b’ùireile de’n a’ ‘Chóignear’: tha e sealltamn eòlas geur air inntinn an duine ’na chuid òrain is operas. Tha buaidh nam mith-òran léirsinneach sna leabhair-òrain aige, ‘Gun Ghrian’, ‘Orain is Dannsaichean Bàis’ is ‘Orain Leanabachd’ agus anns an opera, ‘Boris Godunov.’ Cleas Borodin, chan eil Mussorgsky tric ag ùisigeadh fuinn òrain àraidh, ach tha a cheòl gu ìre mhór módal mar a tha fuinn nan òran Ruiseanach. Tha e bointinn ri faclan anns an aon dòigh ris an t-seann fhear-ciùil, Dargomsky: tha e fuireach cho dlùth ’s as urrainn dha ri dòigh-labhairt nan Ruiseanach agus mar sin tha e seachnadh loinnichean de’n aon fhaid agus fuinn fhada, fhonnmhor.
A ‘Orain Leanabachd,’ le Mussorgsky:—
Tha an ceòl aig Rimsky-Korsakov ’na dhrochaid eadar ‘An Cóignear’ agus fir-ciùil toiseach na linne so ann an Ruisia. Bha buaidh mhór aige, mar fhear-teagasg, air an ath linn de fhir-ciùil Ruiseanach—feadhainn cleas Glazunov, Prokofiev agus Stravinsky. Mu thuairmeas 1880 thòisich e air gluasad air falbh bho an nàisentachd chumhag aig a’ bhuidheann aig Balakivev. Tha buaidh a’ chiùil dhùthchail ri chluinntinn sa’ ‘Cheòl Càisge Ruiseanach,’ san suite symphonach, ‘Scheherezade’ agus anns an opera. ‘An Coileach Orail.’
Ged nach can móran fear-ciùil nàiseanta ri Tchaikovsky, tha bointeanas àraidh eadar an ceòl aige is ceòl dùthchail Ruisia—gu h-àraidh an 4amh Symphonaidh aige, far a bheil e a’ cur gu feum fuinn òrain Ruiseanach.
Am mith-òran, ‘A’ Chraobh Bheithe,’ as a 4amh Symphonaidh aig Tchaikovsky:—
Anns a’ cheòl as fheàrr a rinn e riamh, an 5amh is an 6amh Symphonaidh, tha fuinn aig Tchaikovsky de’n aon t-seòrsa ri fuinn nam mith-òran, tha co-sheirmean módal aige agus an rithim 5/4 Ruiseanach, mar a chì sinn anns a’ phìos so:—
Tha nàiseantachd a’ tighinn am follais ann an ceòl Czechoslovakia anns na cuspairean a bhathas a’ taghadh airson opera agus tha an ceòl fhéin air a chomharrachadh o sheòrsaichean ciùil eile leis na thathas a’ dèanamh de dh’fheum de rithimean-dannsa dùthchail a’ pholka is am furiant (rithim 2/4 anns a bheil na pongan a’ ruith ’na chéile ann a leithid de dhòigh ’s gu saoil thu gur e rithim 2/4 a th’ann). Tha fir-ciùil leithid Smetana is Dvorak nas nàiseanta sna h-operas aca na tha iad san chòrr de’n ceòl—operas mar ‘Malairt na Bean-phòsda’ aig Smetana agus ‘Rusalka’ aig Dvorak—ach tha na ‘Dannsaichean Slavonach’ aig Dvorak agus na sia dàin symphonach aig Smetana a tha fo’n ainm ‘Ma Nlast’ glé nàiseanta cuideachd. Tha Dvorak cuideachd a’ cleachdadh na scéil chóig-phongach, so an scéil a gheibhear gu bitheanta an ceòl na Gàidhlig.
As an ‘String Quartet in F Major, op. 96’( ‘An t-Amairigeanach’) —an scéil chóig-phongach:—
Tha mi cinnteach gu bheil a h-uile duine dh’an aithne an dà phìos ciùil eòlach gu leòr air cho collach is a tha am fonn Gàidhlig, ‘Cumha Mhic an Tòisich’ agus am fonn a thathas a’ cluiche air a’ chor anglais san Dàrna Earrainn de’n symphonaidh ‘An Saoghal Ur’ aig Dvorak:
Cumha Mhic an Tòisich:—
agus, am fonn san darna Earrainn de ‘An Saoghal Ur’ :—
’Se Eideart Greig a bu mhotha a chuir ri ceòl nàiseanta Lochlainn—leis an suite, ‘Peer Gynt,’ pàirt de’n a’ cheòl piàno aige agus, gu h-àraidh, an ‘Slotter’ (ceòl-dannsa a bhiodh luchd-obrach na dùthcha ann an Lochlainn a’ cluich air an fhidhill is iad air an deasachadh airson a’ phiàno le Greig). Tha buaidh nam mith-òran is nan dannsaichean dùthchail air a’ cheòl aige glé léirsinneach anns na fuinn is na co-sheirmean módal aige (e.g. 4amh-an àrda, 7amh-an ìosal, 3amh-an iosal a’ tighinn an deigh 3amh-an àrda), anns an ùrlar ìosal de dhosan a bhios aige glé thric agus anns an dòigh sa bheil e cur rithimean 3/4 agus 6/8 an ceann a chéile.
Chan eil am Finneach, Sibelius, nàiseanta ach a thaobh cuspairean: bha eòlas domhainn aige air litreachas a dhùthcha, gu h-àraidh an epic nàiseanta, ‘Kalevala,’ agus tha e cleachdadh cuspairean ás an dàn sin airson a’ cheòl-seinn aige agus airson na dàin-symphonach, ‘Eala Tuanela’ agus ‘Finlandia.’ Ach cha robh buaidh mhór sam bith aig a’ cheòl-dùthchail air an obair as cliùitiche aige, na seachd symphonaidhean.
O thoiseach na linne so ’sann a chaidh eadhoin barrachd de sgrùdadh a dhèanamh air ceòl-dùthchail—an toiseach leis a’ chluicheadair Czech, Janacek, agus, ás a dheigh-san, le Kodaly is Bartok, an dithis aca á Hungaraidh. Chan e mhàin gu robh Bartok ’na fhear-ciùil (composer) ach bha e cuideachd ’na sgoileir mór air ceòl-dùthchail is rinn e móran de rannsachadh air na mith-òrain Magyar: chruinnich e mu 2,000 fonn agus dheasaich e ceòl airson àireamh mhór de mhith-òrain. Tha an ceòl aige fhéin air a stéidheachadh gu ìre mhór air ceòl dùthchail Hungaraidh: rudan cleas ritheaman ar-leth neo-àbhaisteach (e.g. 4 + 2 +3 / 8)) agus scéilean a’ mhith-chiùil. ’Se an obair a rinn e nas fhaisg air deireadh a bheatha as ainmeile dhe’n a’ cheòl aig Bartok—obraichean leithid ‘Mikrokosmos’ (son a’ phiàno), ‘Ceòl airson Fidheall, Drumaichean is Celesta,’ agus an ‘Concerto son Orchestra.’
Fonn-dùthchail Hungarach as a’ Choncerto:—
Anns an iomradh ghoirid so dh’fheuch mi ri shealltainn na rinn fir-ciùil dhùthchannan eile airson litreachas-ciùil nàiseanta a chur air chois. Ged a tha na Gaidheil air a bhith fada gun tòiseachdainn
Saoilidh mi gur e creideamh Chalbhin as motha coire son cho beag ’s a tha air a bhith de dh’ùidh aig Gaidheil ann an ceòl. Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar beachd Chalbhin is beachd Lùthar air ceòl. Bha Lùthar ’na mhanach aig na h-Augustinianaich agus bha eòlas mór aige air ceòl na h-Eaglais Chatlaigich: bha alt aige air dèanamh ceòl, air seinn agus air cluiche na lute, agus thuirt e fhéin gur e “ceòl a-mhàin, an deigh focal Dhé, an aon mheadhon moltach airson ciùineachadh is stiùireadh faireachdaidhean an duine”; thug e h-uile brosnachadh do cheòl ’na eaglais agus mar sin cha deachaidh stad a chur air dualchas ciùil na h-Eaglais Chatlaigich. ’Se ceòl-eaglais òirdhearc na Gearmailt an toradh a bh’air a so—is b’e an ceòl òrghain, na cantatas, oratorios is an ceòl Pàise aig J. S. Bach gràinne mullach a’ chiùil sin.
Chuir Calbhin, air a’ làimh eile, roimhe bristeadh gu buileach air falbh bho dheas-ghnàthan is dòigh-seirbheis na h-Eaglais Chatlaigich. Bha e fhéin ’s a luchd-leanmhainn glé làidir an aghaidh a bhith ’g ùisigeadh mealltaireachd an dealbhadair is an fhir-chiùil san eaglais: bha a bhith seinn faclan sam bith ach faclan a’ Bhìobuill gu h-àraidh air a thoirmeasg. Air sàilleabh sin, ’se na Salmadairean an aon cheòl a thug na h-Eaglaisean Calbhineach dh’an an t-saoghal—eadar-theangaichean ann an ranntachd de Leabhar nan Salm, le fuinn ùra no fuinn òrain air an robh an sluagh mu thràth eòlach. Bha na h-eaglaisean Calbhineach an aghaidh a bhith sgeadachadh nam fonn sin son an tuilleadh àilleachd a thoirt dhaibh is, mar sin, cha do rinneadh ceòl-mór, airson seinn no ionnstramaid, ach de ghlé bheag dhiubh, ged a thachair so do dh’àireamh mhór de na fuinn chorale ag na Lùtharaich. Chaidh Salmadair Frangach a chlò-bhualadh an 1562, agus thainig eadar-theangaichean dheth a-mach sa’ Ghearmailt, san Olaind, a’ Sasuinn agus an Albainn. Thàinig a fear Albannach a-mach an 1564: ’sann ás an t-Salmadair Fhrangach a chaidh feadhainn de na fuinn a th’ann a thoirt. Ghabh an Eaglais Ath-leasaichte an Albainn an 1647 ris na h-eadar-theangaichean de na Sailm dh’an tug Seanadh Westminster a bheannachd. Mar sin, nuair a thòisich sgìrean àraidh air a’ Ghaidhealtachd a’ gabhail ris an Eaglais Chalbhineach, ghabh iad cuideachd ris a’ cheòl is na beachdan air ceòl a thug i leatha. A réir nan rannsaichidhean
Fonn cumanta:—
‘Fonn Fada’ :—
An diugh chan eil duine nach gabh ri na Fuinn Fhada sin—stéidhichte ’s mar a tha iad air ceòl coigreach—mar phàirt de dhualchas ciùil na Gàidhlig. Dhearbh na Gaidheil anns an dòigh so gu robh ceòl annta gu nàdurra, ged a rinn an eaglais a dìcheall gus a mhùchadh. (Chan e uile gu léir tubaisd a th’ann gur ann an eileanan Catlaigeach na Gaidhealtachd, Uibhist-a- Deas is Barraidh, a chaidh a’ chuid is motha de na mith-òrain Ghàidhlig a chruinneachadh.)
Gu mì-fhortanach chan eil sgeul an diugh air seann fhuinn na clàrsaich, ach, a réir Francis Collinson san leabhar aige, “The Traditional and National Music of Scotland,’ ’s màite gun deachaidh na fuinn sin a chleachdadh son ionnstramaidean eile aig an àm a bha a’ chlàrsach a’ dol á fasan agus mar sin gu bheil iad againn an diugh ged nach aithnich sinn iad. Tha e glé thàmailteach cuideachd gu bheil a réir chollais latha nam pìobaireachdan móra, an ‘ceòl mór,’ aig Clann ’Ic Chriomain is Clann Artair a nise seachd—ged tha móran phìobairean againn fhathast—oir cha do chuireadh càil as fhiach ás ùr ris an repertoire o chionn còrr is ceud bliadhna. Ma thathas a’ dol a dhèanamh ealain-cheòl Ghàidhlig, dh’fhaodaist a stéidheachadh ann am pàirt air an ealain-cheòl dhùthchasach so. Tha cuideachd mith-cheòl
Uamh an Oir (t.d. 157 de’n cho-chruinneachadh aig Francis Tolmie san ‘Journal of the Folk-Song Society’ ), a’ sealltainn (1) an scéil chóig-phongach, agus (2) an srap Albannach:—
Griogal Cridhe (t.d. 196 de’n cho-chruinneachadh aig Francis Tolmie), a’ sealltainn (1) an scéil shia-phongach, agus (2) seachdamh ìosal:—
Chuala mi feadhainn a’ ràdh gum biodh seòrsa sam bith de ealain-cheòl calg-dìreach an aghaidh dualchas nan Gaidheal. Nam biodh so fìor cha bhitheadh ceòl cleas na pìobaireachdan no na ‘Fuinn Fhada’ againn. ’S dòcha gun can feadhainn eile gu feumadh sinn ionnstramaidean son a leithid sin de ealain-cheòl nach boineadh dh’an a’ Ghaidhealtachd: duine sam bith a tha dhe’n a’ bheachd-sa chan eil aige ach coimhead san leabhar, ‘Orain Iain Luim’ le Anna Nic Coinnich, far a faic e, air taobh-duilleig 18, an rann so:
‘Bidh cruit is clàrsaich
’S mnà uchd-àillidh
’N tùr na tàileasg geàrr;
Foirm nam pìoban
’S orghain Lìteach
’S cùirn ’gan lìonadh àrd.’
Mura bheil so ’na dhearbhadh dha, faodaidh e coimhead air na cabaideilean sa bheil Francis Collinson a’ toirt tarraing air a’
Chan eil dad a dh’eachdraidh air a bhith aig dràma anns a’ Ghàidhlig agus an déidh sin tha daoine an diugh a’ gabhail ri dealbh-chluichean Gàidhlig an aon rud ri bàrdachd, òrain is sgeulachdan—thachair so an taobh a stigh de dhà no trì bhliadhnaichean. Có aig tha fios— ’s dòcha gum bi fear-ciùil Gàidhlig againn fhathast a nì comh-cheòl son té de na dealbh-chluichean aig Fionnlagh MacLeòid, mar a rinn an Lochlannach, Eideart Greig, son an dealbh-chluich, ‘Pier Gynt’ aig Ibsen.
An co-dhùnadh, ma tha duine dol a chur ceòl ri bàrdachd fear de ‘Chóig Shuinn’ litreachas na Gàidhlig san linne so—agus carson nach cuireadh ’s na tha de dhualchas air cùl na h-obrach sin—dh’fheumaist a bhith faiceallach gu robh an ceòl a’ freagairt air a’ bhàrdachd. Ach tha aon rud a’ cur dragh orm: càite faigh sinn am fear-ciùil son an ceòl a chur ri chéile agus na daoine a tha dol ga cluiche no ga sheinn?
title | Ath-bheothachadh an Ceòl na Gàidhlig |
internal date | 1968.0 |
display date | 1968 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Alasdair Grannd in Gairm 63 %p |
parent text | Gairm 63 |