EIDEADH AN INNSE GALL 1840-1920
le TORMOD MACLEOID (de Shliochd IAIN UALLAICH)
Deanamh breacan a baile
Le mo bhreacan uallach,
Fhilleadh air mo ghualann
Shealltainn air a’ ghruagach
O’n d’ fhuair mi gealladh.
Air taobh siar Eilean Leódhais, gu mu thimcheall 1870, a’ fàgail a’ bhaile, gu banais, gu bàs, gu eaglais, gu féill, bha am breacan uallach air gach duine is air gach gille. B’e so, bhith “deanamh breacan á baile,” facal a tha dol gus an latha ’n diugh.
B’iad na mnathan a bha dath na cloimh, a’ snìomh an t-snàth, agus a’ deilbh nam breacan. Cha robh guth air tartan nan Dòmhnallach no air tartan nan Leòdach mar a chithear ann a leabhrachain tartain an diugh. Bha gach bean a’ taghadh nan dath, an cur agus an dlùth mar a thigeadh iad ri a càil. Nan còrdadh am breacan ris na coimhearsnaich dhèanadh iadsan a shamhail. Sgaoileadh deilbh breacan briagha fad is farsaing.
Am Bonaid Gorm. Bonaid cruinn gorm a bha so, an seòrsa ris an abair cuid an diugh “Balmoral.” Ach ma bha ainm acasan air ’se “Glengarry” a theireadh iad. Air dealbh Fear Ghlinngaraidh a rinn Raeburn, ’se bonaid cruinn a th’ air. Bha toban daite ann a fras-mhullach a’ bhonaid agus ribin sìos ri chùl.
Bliadhnachan an déidh am breacan dol á cleachdadh lean am bonaid gorm a-measg gillean an iasgaich. B’e am bonaid gorm am bile mu dheireadh de’n éideadh Gaidhealach a bha cumanta a-measg nan Eileanach.
Am Peitean mór ’s a’ Bhriogais. Nuair a bha iasgairean Leódhais a’ sìor leantainn iasgach an sgadain gu Gallaibh, na Portan Bucach, gu Ceann Phàdraig ’s a’ Bhruaich ’sann a thàinig am peitean mór sa’ chleachdadh. De chlò donna-ruadh Bucach a bha am peitean mór, le ceithir pòcaidean agus dà shreath phutain. Nàdur de chòta geàrr a bha sa’ pheitean mhór: teann mun a’ bhodhaig: cumadh peitean beag, le muinichillean. Bha an clàr cùil agus na muinichillean de stuth dubhghorm (serge). Bha dà pheitean mhór aig gach cosnaiche a bha strì ri muir agus ri tìr; fear airson na mara agus fear a b’ fheàrr airson an tìre. ’Na latha fhéin b’e am peitean mór fìor éideadh nam fir, aig baile ’s á baile, ach bha deise bhéabhar aca airson na h-eaglais. Bha a’ bhriogais cuideachd de’n chlò Bhucach. Bha ainm eile na briogais, “triubhas”, a’ dol á cleachdadh.
A thuilleadh air briogais chlò-Bucach bha briogais obraich de chlò-bàn, agus briogais de chòcrach, theirte briogais anart ris a’ bhriogais chòcraich ach b’ann de chòcraich a bha i. Bha an clò-bàn agus a’ chòcraich an caitheamh linntean mun tàinig an clò-Bucach.
Gensi snàth. Bha gensi snàth gorm fo’n a’ pheitean mhór; neapaigin sìoda mu ’n amhaich agus bonaid bileach bhàrr an cinn ’s bu ghrinn ’nan éideadh na gillean iad.
Bonaid bileach, bonaid dubh, crùn cruinn agus bile leathair loinnireach, putan air gach taobh os cionn gach cluais: gach còrd bho phutan gu putan. Dh’fhaodte an còrd a tharraing sìos fo’n smig chum ’s gum biodh am bonaid teann mu ’n ceann an aghaidh
Aodach Iasgaich
Bha aodach na mara air a dhèanamh de dh’ anart buidhe, air a thomhais, air a ghearradh, agus air fhuaigheal leis na daoine fhéin, agus air a liacradh le ola fhras lìn, nuair a bha an t-aodach ùr, agus a rithist an uair a bhiodh feum aig an aodach air tuilleadh ola gu chumail dìonach.
Bha cóig seòrsa trusgan ann;
(a) Ad-souwester, (b) seacaid, (c) peitean, (d) féile, chaidh am féile á bith. Bha e ro bhlàth. ’Se a bh’ann briogais fharsaing ghoirid, chun na glùin, air muin na bòtunnan móra. Nuair a leig iad am féile á bith, chur iad suas, (e) an uillisgin mhór ga tarraing thar mullach an cinn, aon trusgan a rinn an duine a chòmhdachadh bho’n amhaich chun na glùin.
Botann mór. Caisbheart de leathair air an deagh dhèanamh leis a’ ghreusaiche. Ruigeadh am bòtann mór gu leth na sliasaid agus bha e dìonach.
Moganan. Còmhdach làmhan, aig na h-iasgairean a’ tarraing na lìn mhór, agus le droch shìde, le sneachd, a’ lorg chaorach.
Bonnagan. Caisbheart an àite brògan, a’ ruith na mòintich le sneachda tioram.
Cuaran. Caisbheart de sheiche mairt, gun chartadh, am bian a-stigh, toill air an troigh, agus iall a’ ceangal nan gàillich ri chéile.
Dòrnagan. Còmhdach nan dòrn chun na h-uilt.
AODACH MNATHAN
Gruag, Gruagach
Cha robh na mnathan òga a’ cur còmhdach air an cinn, mar a bhiodh am fasan aig amannan. Bha am falt aca ann am figheachan agus air a cheangal teann ann a’ ciudha chruinn air cùl an cinn. An gruag féin a-mhàin. Bha cìr aig gach té. Bha am falt ga chìreadh agus ga shlìobadh mun rachadh iad a-steach an làthair na cuideachd.
Am Bréid. B’e am bréid suaicheantas a’ phòsaidh. Bréid de dh’ anart, de shròl, no de shìoda, le bior is leug is dual, ga chur suas air latha a’ phòsaidh.
Chaill Ceann-cinnidh Chlann an Tòisich a bheatha air an latha a phòs e. Anns an iorram a rinn a bhanntrach bha rann mar so.
Bha mi’m bhréidich, a’m ghruagaich,
a’m bhréidich, a’m ghruagach,
a’m bhréidich, a’m ghruagaich,
’s ’nam bhanntraich ’n aon uair ud.
Currag. Dh’ fhalbh am bréid—1860/70—agus thàinig an Currag mar shuaicheantas a’ phòsaidh. Bhiodh an currag air a’ bhean òg aig a’ chircigeadh, an t-Sàbaid an déidh a’ phòsaidh. Anart geal, anart cho geal re sneachd na h-aon oidhche, b’e sin annart a’ churraig. An glanadh, a stuthaigeadh, an iarnagaidh a bha sud: dol dà mhìle mhòintich a dh’iarraidh uisge geal bùrn-éirigh, a’ chlann gu fuadach a-mach ás an tigh air eagal gun togadh iad luath na cagailte; an t-iarunn-beag ga ghlanadh, ga shuathadh ga shlìobadh gus an robh faileas ás. Dà spìc dearg-theth anns a’ ghrìosaich, té mu seach ga sàthadh dh’an iarunn-bheag gus am bitheadh na trì streath ghucagan air an deagh iarnaigeadh.
Bha na gucagan àrd agus bha cul àrd air a’ churrag: cùl àrd cruinn, air a chumail àrd cruinn le cearcall am broinn a’ churraig, cearcall ris an abairear ciudha, “Former” mar theireadh luchd na beurla. Bha falt air a thoinneamh mu’n chearcall. Bha banntrach a’ caitheamh bann dudh bròin ann an slag a’ churraig. Bha an
Gùn stuth, Còtaichean stuth. Bha iad féin a’ dèanamh aodach mìn cloimhe, de shnàth cho caol ’s a b’ urrainn dhaibh a shnìomh. Dubh an dath. Bha muileann a toirt na lòineag dheth agus ga liosreagadh eadar dà rolair mhór. Bha gùntan stuth ann agus còtaichean stuth (sgiortaichean) cuideachd. Còtaichean dubh agus còtaichean glas, le bandaichean malabhait (velvet) agus cuartagan de ruban dubh shìos faisg air an iomall.
Scarfa mhór. Sgarfa mhór dhubh de chaismìr, bidean air a cùlaibh sìos seachad air a’ ghùn, agus dà bhidean air a bialaibh sìos seachad air a’ ghùn.
Flèide bheag. Slat air fad, slat a liad; flèide dhubh no flèide thartain, no neapaigin paisley, air muin a’ churraig, ceangailt fo’n smiogailt le bràisde.
Guailleachan. Breacan beag nam boireannach. Dubh an dath, no gorm a’ ghuirmein, le strianagan dearg air fhad agus air a liad, ceangailt air a’ bhroilleach le aon phutan agus drula.
(Polca Blouse) Teann teann mun a’ mheadhon, de dh’aodach cotan no sìoda; teann mu chùl an dùirn agus builg air gach gualainn: dubh agus donn, geal agus craobhach aodach nan caileagan.
Còta. Còta-bann de dh’iomadh seòrs’ aodach, tiugh blàth sa’ gheamhradh agus aotrom tana as t-samhradh: drògaid. Am bann caol air a bhialaibh agus leathann air a’ chùlaibh far an robh streath phutan agus toll-tàilleir fòdhpa a’ toir farsaingeachd airson an trusgan a chur thar an cinn.
Còta-bàn de chlò bàn na beart, no de shnàth bàn air fhighe.
Osan. Stocainn gun bhonn orr’ a’ còmhdachadh na troigh agus truileachan mu dhà ordag mheadhonach na cois. Bha na mnathan a’ caitheamh nan osan aig obair tre thìde bhlàth an t-samhraidh.
Bha na fir a’ cur osan orr’ bhos cionn na bròg dol tre ’n t-sneachd air lorg nan caorach. Bha na h-osain acasan ceangailt le bann fo’ n a’ bhròig.
(Bhiodh sinn toilichte dealbhan fhaighinn de sheann éideadh, agus ma chuireas sibh thugainn iad, ag innse càite agus cuin a thogadh iad, bheir sinn am follais ann an Gairm iad—Fir-deasachaidh).
title | Eideadh an Innse Gall 1840–1920 |
internal date | 1968.0 |
display date | 1968 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 64 %p |
parent text | Gairm 64 |