[121]

NATOFICHEAD BLIADHNA

le TORMOD BURNS

AN déidh crìoch a’ Chogaidh chaidh deachdaireachdan co-mhaoineach a stéidheachadh le cul-taic an armailt ruiseanaich ann an dùthchannan na h-Eòrpa an Ear. Do riaghaltasan na h-Eòrpa an Iar agus do na h-Ameireaganaich bha farsaingeachadh smachd nan Co-mhaoineach fo làimh Stalin ann an dùthchannan na h-Eòrpa an Ear cosmhuil ris an t-sean impireileachd miseanaich fo làimh nan Sàr. Chan fhaca iad ann an iomdhruideadh a’ bhaile mhóir Iar-Berlina bha aig an àm sin air a riaghladh le coimisean eadarnàiseanta ameireaganach, frangach agus breatunnachach oidhirp ri làthaireachd nan Cumhachdan an Iar a dh’fhògairt ás an Eòrpa Mheadhonaich. Bha freagairt nan Cumhachdan an Iar soilleir daingeann. Anns a’ Ghiblean 1949 chuir riochdairean de dhà stàit dheug (a’ Bheilg, An Rìoghachd Aonaichte, Canada, Dannmharc, an Fhraing, Iosland, an Eadailt, Luxemburg, an Olaind, Nirribhidh, Portugal agus Na Stàitean Aonaichte) an làmh ri cùmhnant leis an deachaidh an NATO a stéidheachadhComunn Cùmhnant an Atlantaich Tuaith. Is e cuspair a’ Chomuinn so cònnspaidean eadarnàiseanta a riaghailteachadh gu sìtheil a réir reachdan Comunn nan Cinneach Aonaichte. Is e nàdur a’ Chomuinn a bhith ’na chaidreabh dìdeannach ach bhiodh ionnsaigh armaichte air an aon bhall de’n Chomunn air a gabhail mar ionnsaigh air gach stàit-bhall de’n Chomunn, ach gu fortanach cha d’éirich an suidheachadh so riamh.

Gu 1955 shoirbhich an Comunn NATO ’na chuspair am farsaingeachadh ruiseanach a bhacadh. Bha iomdhruideadh Berlin-an-Iar seachad a nis agus bha trì stàitean eile ’nam buill de’n Chomunna’ Ghréig, an Tuirc agus a’ Ghearmailt-an-Iar. Ach anns a’ bhliadhna so, 1955 bhliadhna an déidh bàs an deachdair ruiseanaich Stalinchaidh cùmhnant a chur air chois am prìomhbhaile na Pólaind ris an abrar Cùmhnant Warsaw.


[122]

Tha gach dùthaich de’n Eòrpa an Ear ’na ball de Chomunn Cùmhnant Warsaw ach Iugoslàbhia a-mhàin, agus tha cuspairean a’ Chomuinn so cosmhuil ri cuspairean an NATOna ball-stàitean a dhìonadh agus animpireileachd ameireaganach agus an revanchism gearmailteacha bhacadh. Tha iomadh cosmhalachd eile ann eadar an Chùmhnant. Mar eiseimpleir is e Ameireaganach a tha ’na cheannard air an NATO agus is e Ruiseanach a tha ’na cheannard air Chùmhnant Warsaw, no le faclan eile is e Ameireaga agus an Ruis aig a bheil a’ phrìomh-uachdaranachd air an chomunn, agus anns an chomunn tha na h-airm-smùirnein fo smachd nan Stàitean Aonaichte agus Dùthaich nan Soibheat Aonaichte. Ach tha Cùmhnant Warsaw nas làidire na an NATO le 990.000 fear, 15.800 tancaichean agus 8.130 itealain, far nach eil aig an NATO ach 875.000 fear, 6.400 tancaichean agus 3.750 itealain.

Ach chan eil Comunn Cùmhnant Warsaw glé làidir air an taobh stigh idir. Sa’ bhliadhna 1956 chaidh aramach ann an stàit-bhall de’n Chomunn, ann an Ungaraidh, a bhriseadh gu fuilteach leis an armailt shoibheataich. An déidh do’n chàirdeas eadar an Ruis agus Sìna sgoltadh cha robh Albania, caraid dìleas do Shìna, ’na ball glé dhèanadach, ghnìomhach de’n Chomunn agus sa’ bhliadhna 1968 dh’fhàg i gu léir e. Tha Rumania fo làimh Rùnaire na Pàirtidh Co-mhaoinich Rumanianaich Ceaucescu air gabhail rathaid neo-cheangailte sa’ pholataic eilthireach, agus labhair Mgr. Ceaucescu gu tric an aghaidh prìomh-uachdaranachd nan Ruiseanach sa’ Chomunn. Agus sa’ bhliadhna 1968 thug feachdan Comunn Cùmhnant Warsaw ruathar air stàit-bhall eile de’n Chomunn, air Teacoslobhacia. Chan e eachdraidh glé shoirbheasach a tha aig Comunn Cùmhnant Warsaw.

Ged nach robh ruathar no ionnsaigh eile ann riamh air taobh stigh NATO, cha robh eachdraidh glé shona aig a’ chomunn so. Tha cònnspaid ann mu dheidhinn riaghailteachadh nan arm-smùirnein san NATO, gu sònraichte do thaobh nan Gearmailteach. Tha bagairt nas do’n t-sìth san Eòrpa gun teagamh anns an Ghearmailt agus Berlin agus mar sin tha a’ Ghearmailt an Iar ’na cul-taic làidir de’n NATO, ach aig an aon àm ’na cronadair nas cruaidhe de’n Chùmhnant sin. Thuirt Seannsalair Kiesinger o chionn ghoirid gu bheil an NATOmaol, sgìth, coma.”

Ach is ann leis an Fhraing a tha ’n doirbheachd as aig an àm so. Tha ’n Fhraing ’na ball de’n NATO fhathast ach tha Seanalair de Gaulle air gabhail na feachdan frangach a-mach á comannd an NATO agus chan ann am prìomhbhaile na Frainge a tha comannd an NATO a’ suidhe a nis ach ann am prìomhbhaile na Beilge, ann am Bruiseal.


[123]

Air a’ 4mh de’n Ghiblean 1969 tòisichidh an NATO air an aona bhliadhna fichead agus air an sin is urrainn do gach ball de’n Chomunn a rùn a thoirt mu dheidhinn an ama ri teachd. Dh’fheith buill eile an NATO ri ais-imeachd iomlan na Frainge ás a’ Chomunn aig an àm so. Ach tha e coltach gum mair an Comunn NATO an déidh na h-uile gun mhùthadh. An déidh a’ chàis ann an Teacoslobhacia an uraidh chaochail Seanalair de Gaulle inntinn mu dheidhinn éifeachd a’ Chùmhnaint, agus an déidh nan trioblaidean polataiceach agus éaconomaic anns an Fhraing chunnaic e gum b’urrainn aonachd a’ Chomuinn NATO bhith glé chudthromach do’n t-sìth agus do’n mheidh pholataicich san Eòrpa. Agus mar sin aig crìoch nam fichead bliadhna tha e coltach gum bi an Comunnmaol, sgìth, comaso geur, beò, diongalta a rìs, agus gum bi obair fheumail aige fhathast le a bhith bacadh farsaingeachadh smachd nan Co-mhaoineach san Eòrpa an Iar agus aig an aon àm a’ rannsachadh rathaidean a chum ‘détente’ a ruigsinn le stàitean Comunn Cùmhnant Warsaw.

titleNATO – Fichead Bliadhna
writersNorman Burns
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Tormod Burns in Gairm 66 %p

parent textGairm 66
<< please select a word
<< please select a page