[241]

Gairneileachd air Druim Sgeireach

le MAIRI NICAMHALIDH

THA iad ag innse dhuinn gu bheil am facal Arnoil aciallachadhleathad chlachach.” Air mullach Arnoil tha ceàrnaidh fosgailte a choisinn an t-ainmAn Druim Sgeireach” —eadhon an Arnoil. So far na thog am maighstir-sgoile againnCalum MacIomhairan tigh an uair a leig e dheth a dhreuchd agus a chaidh e air chluainidh, mar a their iad. Nan canadh sibh cluaine ris an Druim!

Ach an diugh tha eadardhealachadh air an Druim Sgeirich. Chuala mi mu dheidhinn te den a luchd turais a thainig a-null air chuairt á Steòrnabhaghair an t-samhradh mhìorbhaileach so agus an uair a phill i dhfhaighnich iad dhi gu a bfheàrr a chòrd rithe.


[242]

An làrach ga rèiteachs an tigh ga thogail

Chunnaic mi leas àluinn fhaiceadh tu nas breàgha an àite sam bithars iseach bha e so ann an àite àrd fosgailte a-measg chlachan. Bfhìor dhi sin. Fad an t-samhraidh bha iad astad a choimhead air leas aMhaighstir Sgoile.

Is i Ceitidh NicIomhair i fhéin a rinn an ath-chruthachadh a tha so. Bha leas ghrinn a riamh aice aig an tigh sgoile, far an robh an talamh réidh agus an gàrraidhean fasgach dìonach. Ach an Arnoil bha fìor iodhlainn roimpe. Bha e na bu mhotha na bha còir a chionn is gur e fear àrd le casan fada a thomhais na crìochan. Agus bha e clachach corrach creagach mar a thigeadh do ainm. Rinn tractor na h-uimhir a thionndadh ach bha oiseanan ann air nach amaiseadhtractoragus anns an teis-mheadhon, mar chararragh-cuimhne bha sgeir da-rìribhcnap mhór cloiche nach dùisgeadh spaid no fallus. Thainig Iain Dhòmhnuill Aonghais Choinnich le leth-dusan seann “tyre” a bhair làraidhean agus rinn e teine os a chionn anns an t-seann dhòigh. Loisg e iobairt a bha so fad latha agus an uair a thainig am feasgair dhòirt iad burn fuar air achloich. Sgàin i an taobh ud an an taobh ud eile agus le iomadh och is oich thogo iad a-mach na roinnean den oileag.

A nis bha an t-àite deiseil acaco-dhiù cho deiseil is a bhanan comas a dhèanamh. Canaidh i fhéin gu robh nàmhaid aice bho thoiseach agus tha fhathasd. Tha na coineanan ann, asgriosas gach maoth blasda a thaitneas ri an càil. Agus aghaoth a shéideas le caoch agus a loisgeas is a sheargas agus a leagas gu làr gach ris na shaothraich i. Rinn i chùis air an coineanan le similear de wèir timcheall air an freumhaichean a bha gan tarraing.

Cha shaoileadh duine dol seachad gu robh nàmhaid air thalamh aice, ach arm de luchd cuideachaidh. Tha an talamh air a roinn


[243] ann am feannaganna dhà air an taobh a-muigh fada agus an fheadhainn a-stigh lùbadh gu gob samheadhon. Anns gach pìos tha craobhan beaga air an taobh a-muigh agus tha iad adìon sìtheanan is lusan air an taobh a-stigh. Tha gach dath ra fhaicinn agus gach cumadheadar na sìtheanan beaga “sedum” agus sìtheanan àrda, mar antulip. Tha iad coltach ris na dealbhan air na cairtean Nollaigele leas flùrach as a bheil leididh le còta farsaing is meadhon teannaichte agabhail cuairt. Anns an teis-
[244] mheadhon tha feannag bheag chruinn, ás an tainig abhiasd chloiche air an tug mi iomradh. Tha so cuideachd làn sìtheanan gus dathan.

Air taobh thall an starain tha leas-annlan far a bheil buntàta is càl is curranan is eile afàs fo làimh amhaighistir-sgoile fhéin, Cha robh móran aige mu leasan roimhe so ach mar a chanas e fhéin cha robh fear gun latha ach fear gun latha idir, agus an diugh tha toradh pailt aige cheart cho cinnteach is a bha anns na làithean san robh eanchainnean òga Bhradhagair is Arnoil an urra ris.

Canaidh Ceitidh NicIomhair gu bheil trì rudan éiseil a thaobh leas air an Taobh Siar a chur air bhonn is a ghleidheil . . . . Is iad sin tìde, tlachd agus foighidinn. Tha tìde aice a nis on than teaghlach sgaipte . . . . Aonghasna dhotair-fiacail an Grangemouth. Maureen is Catrìona ateagaisg an Canada. Bheir i faisg air fad an latha a-muigh o mhoch gu dubh an uair a tha an tìde air a shon. Tha feum air tlachd. Cha leigear a leas sin a ràdh. Chan fhuilingeadh duine fuachd is fliuchadh is sgìos is gréim droma is siataig is gach gath is eucail eile a tha an cois a leithid so de chur-seachad, gun tlachd saghnothaich.

Agus foighidinnsin os cionn na h-uile. Foighidinn an uair a chì thu leth is na chuir thu acrìonadh air falbh; neo sìnte ri talamh, neo air a chriomadh gu bun.


[245]

Canaidh Bean aMhaighistir-Sgoile nach eil eòlas sam bith aice agus gu bheil i dìreach ag obair fo a làimha a dhfhàsas gu math dhi cuiridh i bad dheth an suds an so. Tha i feuchain an dràsda ri craobhan-fasgaidh àrach gun iar agus craobhan beaga gus na roinnean beaga a dhìon.

Canaidh i cuideachd nach eil ainm gach sìthean aice, ach tha eòlas nach beag aice agus as luachmhoire, na buadhan nach eil aig h-uile duine. Fàsaidh rudan dhi. Is math as fhiach do dhuine tha ag iarraidh eòlas dolna còmhradh.

So ainmean nithean a tha fas gu math dhi, gun fhios nach cuidich neach eile. Aon rud nach fhàs dhi, gun saoghal bràth de smùr-mhònach nach eil anns an talamh gu nàdurrachis e sinrhododendrons . . . . Ach dhfhàs iad so gu léir agus is bòidheach iad. So agaibh na rinn Druim Flùireach den Druim Sgeireach.

Sitheanan: “Rock plants” de gach seòrsa— “sedum” gu h-àraid. Snow in summer; blue geramum; pyrethrum; tiger lilies; erigerum; sidalcea; scabeous; London Pride; campanula; tulips; anemones; pansies; gladioli;. virginian stock; night scented stock; primroses; primulas:

Ròsan de gach seòrsa, ach gach gnè le feadhamn eile den aon seòrsa e.g. Floribundalefloribunda. Is e sin an seòrsa le flùran beaga. Fìor ròsan cuideachdgu h-àraid “Iceberg” agus “rose of Sharon.” Than a “ramblers” fàs gu math ri taobh an tighe.

Craobhan beaga: beithe; southernwood ; spirea; tansy . . .

Tha tuilleadh aice, ach fóghnaidh sin son beachd thoirt air a h-obair. Tha sinne guidhe iomadh latha sona amealtainn a gàrradh.

Calum is Ceitidhs an nighean Catrìona

titleGàirnealachd air an Druim Sgeireach
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Màiri NicAmhlaidh in Gairm 67 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page