Raonaid
le CAIRISTIONA DICK
BHA Raonaid ’na suidhe air fuirm aig ceann a’ bhùird bhig ann an cidsean a Ward, a h-aodann. ’na làmhan agus a com air chrith leis mar a bha i rànaich, na deòir a’ drùdhadh a-mach roimh na corragan aice. Bha cràdh m’a cridhe agus dorchadas ’na ceann. Cha do dh’ fhairich i té dhe na nursaichean eile tighinn a-stigh gus an do chuir i làmh air a gàirdean.
“Bhàsaich Cathaidh?” dh’ fhoighneachd i.
NodRaonaid a ceann.
“A màthair thruagh,” thuirt an té’ile. Cha robh Cathaidh ach deich mìosan—leanabh beag cho bòidheach ’s a chunnaic Raonaid riamh. Bha i air a bhith anns an Ospadal cha mhór o rugadh i. Bha toll ’na cridhe agus cha robh leigheas ann dhi. Bha fhios aca gu faodadh i falbh uair sam bith ach cha robh sin ga dhèanamh dad nas fhasa nis. Cha robh pàisde beag eile as aWardcho toilichte na cho aoidheil rithe na lathaichean a bha i gu math agus na lathaichean eile bha e cho duilich a bhith ga faicinn ’na sìneadh gun lùths.
Thug iad a-stigh do rùm beag leatha fhéin i tràth sa’ mhadainn gus gum biodh i air leth o chàch. BhaSisterair a bhith stigh còmhla rithe o’n uairsin agus na dotairean a-mach ’s a-stigh. Agus aig deich uairean chuir iad fios air a h-athair ’s a màthair. Cha robh iad fad sam bith air tighinn nuair a shìolaidh am pàisde beag seachad. Thug nurs na pàrantan a dh’fhaighinn cupa tea agus chaidh iad dhachaidh. Cha chuireadh iad uidhreachd sam bith air an tigh. Bha e air a bhith ás aonais Cathaidh o chionn mhìosan a nis agus cha robh dùil gun tilleadh i ann. Ach ’na dheaghaidh sin fhads a bha i beò ’s dòcha gun robh dòchas air choreigin aca.
ThainigSistera dh’ iarraidh Raonaid gus a cuideachadh a’ cur air dòigh a’ chuirp bhig. Cha robh dùil aig Raonaid ris a so. ’Se chiad turas a bha i timcheall air bàs. Bha an corp beag cho fuar. Bha i ga làimhseachadh mar gu robh i ann an ceò; a’ dèanamh mar a dh’ iarradhSisteroirre. BhaSister Wardna cloinne gu math foighidneach dha na nursaichean ach an diugh cha robh còmhradh eadarra ann. Nigh iad an corp agus chuir iad gùn-oidhche fada geal oirre. Bha i coimhead cho snog. Sgioblaich Raonaid air falbh na gnothaichean. ChuirSistersiota air uachdar Cathaidh agus chaidh an dithis aca mach ás a rùm—Sistera’ dol far an robhMatronagus Raonaid a’ dol dh’an chidsin far nach deach aice ri cumail oirre na b’ fhaide.
Chual’ i nurs eile dol a-mach. Cha robh cunntas aice air an ùine dol seachad.
“Nurs, dé tha thu dèanamh ’na do shuidhe ann a sin?” Chuir an guth fuar cruaidh stad air Raonaid. Cha chual’ iSisterriamh roimhe bruidhinn mar sud.
“Tha dìnneir aig dorus aWard, agus chan eil soitheach na eile aig a’ chloinn. Gabh air n-adhart le d’ obair as a’ mhionaid: tha h-uile h-anam a tha san Ospadal so ’na do chùram a nurs. Chan eil tìde agad airson féin-fhaireachdainn. Greas ort romham le na truinnsearan.
Shuath Raonaid a h-aodann agus lean iSistera-stigh dh’anWard. Bha an fheadhainn bheaga bochdadaich ’s a leumadaich, cuid as na leapannan, cuid ar an cois.
“Mise ’n toiseach nurs,” aig fear beag bàn.
“Chan e ach mise. Tha toll ’na mo bhrù leis an acras,” aig fear beag eile ’s e putadh barra beag ’na coinneamh.
“Se mins is buntàta a th’ ann. Tha mi ’g iarraidh beinn mhór a dhèanamh leis agus cuiridh mi cnap buntàta air a’ mhullach agus sin sneachd air mullach na beinne.”
“Agus tha jelly dearg ann cuideachd.”
“Bhalaich ort, ’se latha math tha so.”
title | Raonaid |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 67 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |