[276]

TUINEACHAS IARUNNAOISEACH AIR TIRIODH.

Tionndadh air na sgrìobh E. W. MacKie, Museum Hunterianach Oilthigh Ghlaschu

le I. E. MacAoidh

AIR aGhaidhealtachd, araon Tirmór agus Eileanan, tha aitreabhan reamhstaireach lìonmhor aire-ghabhaltachs ge tobhtaichean brusgarach iad an diugh tha iad fòs mar bhailcean feadh na dùthcha.

Se còbcarriagefreagarraich a ludhaig don mhuinntir a chaidh romhainn comhbhrigeadh nan daingneachan tomadach cobhaireach, agus nan tàmh-leac, sin, obraichean as iongantach de cho dìonghléidhtes a nochdas cuid dhiubh dar a thochailear na tobhtaichean.

Tha tobhtaichean nam Broch gu sònrach drùidhteach; tùr-dhaingneachan cearclach iad so, le portan caola agus gaileiridhean is seòmraichean a-stigh ann am mùran dùbailte tromanach an tùir. Anns na fichead bliadhna deireannach so thainig grad-eirirt air rannsachadh nan ducheist, n aois tha air na togalaichean suaicheanta sonach faighear an leithid leth-muigh Albannagus bu stàth is cinnseal dhaibh.

Tha beartas forfhais ùire air thional a làraichean Jarlshof agus Clickhimin an Sealtuinn bhon tochladh a rinneadh gu sònraichte le Mgr Iain Hamilton air mhiann Aireachd Obraichean agus Aitreabhan Follaiseach. Nuair chuir E. W. MacKie roimhe an 1962 mionsgrùdadh a dheanamh air fear de bhroich Innse-Gall, ceathrad bliadhna fo dhearmad, bha en dòchas gun rachadh aige tualaigeadh eachdraidh fhada agus seilbhghabhail theann cosmhuil ris na làraichean Sealtuinneach. ’Se bhan rùn da le so cur ri eòlas daingeann air na Broich san iomlan, on a bha beachdan


[278] sheannsgeulaicheanarchaèoloidseargu ruige so gu mór an eisimeil na forfhais a thainig ás na làraichean fada thuath, agus an dealbh aca air linn nam Broch an cunnart a bhith caran claonbhaigheil ás eugmhais eòlais chruinn air na làraichean siara.

Do shònrachadh Tirìodh chionns nach deach roimherannsachadh le seannsgeulaicheans do bhrìgh gu robh talamh-ghnathta an Eilein den ghnè a bhiodh en comas tuathanaich na h-Aois-iaruinn a h-àr.

Do thaghadh tobhta Dùn Mór Bhalla an iar-thuath an eilein os i sin a gheall a bhith air an aon làimh na bu dìona ghleidhte agus an an làimh eile na bu choltasaiche ri Broch de mu fhichead daingneach air sgeul an Tirìodh.

Lean an tochladh san t-Samhradh ann an 1962 agus 1963 agus coladeug an Earrach 1964 agus bhan toradh a bha air an obair so fada na bu rathaile na bha dùil ris.

Ged nach robh fo-fhàrdaichean timcheall làrach Bhàlla cleas làraichean Shealtainn, gidheadh bu soilleir gu robhar atàmh innte aimsir fhada, agus chaidh chruthachadh dealbh air stair na làraich tre bhith toirt fanear a chaochladh làr-leibheal leth-stigh aBhroich agus fodha.

Bha e fuathasach suimeil a bhi faotainn a-mach gu robhar acòmhnaidh air amheall chreagach a tha so fada mun do thogadh am Broch féin. Thainig na ceud aitreabhaich don àite sa5mh linn RC, a réir deuchainn radio-charboin a rinneadh air sampuill fhiodh-ghuail ás an làrach. linn no dhà bhiodh iad acòmhnaidh ann an coitean fiodha.

Fa chùis na h-eirmise so chaidh shuidheachadh, ann an stair na Coimhearsnaid iarunnaoisich so, an ceannaimsir aig an do thogadh am broch, agus cuideachd chunnacas modh is cruth na criadaireachds na tailm a bha aig tùsmhuinntir Thirìdhe. A rìs tre teichnig an radio-charboin chiteadh gum bu dògh gun do thogadh am broch féin uaireiginn sacheud linn RC. Nach bu fhortanach gun dfhuaradh barrachd air aon shreath-àbhair a chaidh leigeil san ùrlar aig àm achomhbhrigidh, oir le sin bha againn cuideachd criadaireachd an luchd-togail féineirmis ainneamh i so!

Bho stoidhil nam poit-chrè agus bho amasan eile dhfhoillsicheadh gun tainig an dream sin air imrich do Innse-Gall beagan roimhe so á taobh deas Bhreatainn. Bhiodh dualchainnt Cheilteach aca, mar aBhreatonaig. agus dògh gun do thàrr iad ás acheàrn sin chionns gu robhdinneadhnan treubhan Beilgeach, daoine bha tìreachadh an car-dheas Bhreatainn suas bho 100 RC, asìor-dhonachadh.

2. traschlodh (athdheante)

An Tùr gun ach 6 tr. ìochdrach air gleidheadh.


[277]

Dùn BHALLA

1. plan-strìochadh

N.B. Ruigte staidhre Stsa mhùr troimh dhorus D-1

S = seomar eadarrabhalla
F = fuireanall
D = dorsan don trannsa bhon chlobhsa
C = ceall faire
St = staidhresa mhùr

Obair-dhìonaidh muigh
Geata muigh aiteiginn mun so
Creag chas
Balla muigh
Stòir
Bèal a steach
Mùr dùbailte
Seilbhghabhail an so n dheireannach
trannsa eadarrbhalla
clobhsa
asgnadh staidhre deiseal
amhuir


[279]

T = trannsa deante le bhiteannadh shrèadan de lintearan-cloiche thairis air abheàrn

P = palla no sgeilp a stigh an aodann ballachlobhsa

L = leibheann no gaileiridh fiodha a mheasar gu robh in taic air sgeilp P agus air cearcall phost

sgarte
gleidhte
staidhir
creag


[280]

S iad na h-imircich a thug aBhrà steach leo do na h-Eileanan, inneal a lean ra Iomairt an corra àite suas a dhionnsaigh deireadh na 19mh linne.

Is cumantan Innse-Gall aon shòrt Bhroch aig a bheil trannsa no gaileiridh comh-leanmhainneachse sin aruith stigh eadar bhalla amhuir. Bann diubh so Dùn Bhàlla, agus earrann den trannsa air a foirgneadh na bu leithne gu deanamh aracuil na seòmar leth-stigh amhùir. Ann am mìr eile den trannsa eadarra-bhalla bha ceall no seòmar-uaignidh a bhiodh iad aig an àm ud acleachdadh mar fhuireanall nogarderobe.

Thog sinn a nìos á ùrlar-crè an aracuil sin àireamh mhór de chnàmhan chaorach, uibhir phoitean briste, agus prìne-umha. A réir coltais bha neach no dithis air bhith acomhnuidh an sin seachdain no dhà trath bhatar atogail abhroich, os dògh nach do dhfhaodadh iad a bhith acomhnuidh sachùirt chruinn mheadhonaich a chionns gum biodh i so fòs gun tubha agus dòmhlaichte le sgruibleachs smotain de chloich-thogaile.

Bhiodh am Broch nuadh-thogte 30 troigh air àirde agus a mhùran 12 throigh air thiughad, le cùirt no clobhsa samheadhon a bha 32 throigh air leithead. Theagamh gu robh cóig no sia trannsaidhean eadarra-bhalla aruith aon thar a chéile leth-stigh amhùir dhùbailte, agus iad am bannaibh a chéile le staidhre chloiche. Bha bonn na staidhre ri fhaicinn fòs.

Bha an t-aonar bhèal a-steach ìosal agus caol, air a dhìonadh le dorus-fiodha trom a bhiodh ationndadh air cloich-udalains ga ghlasadh le clàidhean air a chur ann an cró sabhalla.

A-muigh aig astar bha balla eile acuartachadh bàrr amhill chreagaich air an do sheas am Broch.

Fhuaradh sreath tiugh driodair gu domhainn fo uachdar clobhsa làrnach an tùir, ag innse gum biodh am Broch, ri linn a chiad uisinneachaidh, mar ionad-tearmuinn cumanta, ’se sin teannunn sealadach do dhaoine na coimhearsnachd ri h-uile am cunnairt. Teinntean aonar cha robh ann ach fhuaradh iomadh ball de luaithre fòid agus uibhirean móra de chnàmhan cruidh agus chaorach. Mu chóig troigh uthard bhon ùrlar bha sgeilp a-stigh an aodann abhalla, rud a bhiodh adeanamh cùl-taic do ailear-fiodha 6 troighean air leithead agus a oir muighna laighe air cearcall-phost. Gun teagamhs iad na mnathan agus achlann a bhiodh air an cur shuas a sin, agus solaran cuide riu.

An déis, rinneadh baile-tuath den Bhroch . . . sgartadh an gaileiridh-fiodha agus chuireadh leac-theinntean mór sìos am meadhon achlobhsa, agus tha ri tuigsinn bho so gun do ghabh prìomh-theaghlach an àite seilbh air an tùr gus e bhith mar àite còmhnaidh dha.


[281]

Is coltach gu robh cor na tìre air dol an ciùinead oir cha robh tuilleadh feum air abhroch mar dhìdean. Bho bhloighdean gloinne bho chrè-shoitheachan Ròmanach faodar breithneachadh gun tainig an t-atharrachadh so san 2a linn AD, agus dògh gu robhar aleantainn air àiteachadh na seann làraich mar sin ceud bliadhna eile. Eirmisean eile rinneadh annceudan de shligean-chrè, bloighdean thailmean-iaruinn, bràthntan briste, grìogagan gloinne. dealgan umha agus buill-mhaise eile còmhla ri ùird-chloiche dèante á eiteagan na tràghad.

Bha na bràthntan agus na cnàmhan-ainmhidh ataisbeanadh gu robhar acleachdadh tuathanachais mheasgte, le saothrachadh arbhair agus cruidh. Tha na bloighdean sail a fhuaradh ann acomharrachadh oibreachadh an iaruinn air an làrach agus leaghadh an umha an crùsbalan beaga airson bhall-maise tilgte. Chaidh togail a nìos fiùs leth chlobha de umha, rud a dhfhoghnadh gu iomchar nan suacan-leaghaidh sin.

Mu dheireadh thainig tràth san do chuir daoine Bhun-Bhàlla rompa obair-uachdair an tùir a leagail, is e air fàs neo-thèarainte, agus thugadh na ballachan sìos gu cùramachs le faicill gus an dìslicheadh iad gu 6 troighean, an àirde ach gann a tha iad a nis. Ghiùlaineadh cuid mhór de na clachan air falbh, feadhs a thogadh le cuid eile dhiubh tigh-còmhnaidh ùr leth stigh aBhroich . . .

Thainig crìoch obann air an àiteach shoirbheach so, ’s maoite le fòirneart. Sguir a h-uile eirbheirt san lios a-muigh agus chinn an sgrath air an làrach. Thuit sgruibleach nam ballachan sìos saBhroch sgarta gus na chùirneachadh an t-ùrlar.

Bhan tochladh atighinn gu crìch mar an ceudna. Cha dfhuaradh an nis ach bluirc no dhà de chriadaireachd na dùthcha anns na leibhealan uachdarach, ach cha robh tuille sgeul air soithichean ùr-stoidhleach cleas na fhuaras an grunnd aBhroich agu tùs na tochailt, rud a thafideadh gun dfhalbh na teaghlaichean a bu mhotha cliùs nach fanach mun tobhta ach àireamh bheag den tùsmhuinntir.

Bha seann churaidh ann, Labhraidh Loingseach, mu na dhaithriseachs na finnsgeòil Eireannach gun do

bhuail (e) ochd tùir Thiridhe. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ” “bhuail (c) ochd daingich Sgitheanach. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ” *

A bheil fhios am bechreach sin, no a samhuil, a chuir crìoch air tuathanachas iarunnaoiseach Dhùn Mór Bhalla eadar an 2as 3mh linn AD


* “Ort ocht turu tíre Iath
. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ..
Ort ocht scoru Scithach
. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ..

shreath de cheathramh seann dàin a dheasaich Kuno Meyerna sgrìobhadh “Uber die ältteaste irische Dichtung” ann an 1913.

titleTuineachas Iarunnaoiseach air Tiriodh
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

I. E. MacAoidh in Gairm 67 %p

parent textGairm 67
<< please select a word
<< please select a page